鶹Լ

Ciamar a dh’atharraicheas mi m’ ainm taisbeanaichte?

Air ùrachadh: 01 An t-Samhain 2022

Chan fheum thu ainm taisbeanaichte ach airson rudan a tha poblach a chur ri làraich no apps a’ BhBC. Mar eisimpleir, ma chuireas tu beachd ri sgeulachd 鶹Լ News. No airson logadh a-steach gu iPlayer tron TBh.

Seo mar a nì thu atharrachadh air d’ ainm taisbeanaichte:

  1. An toiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach do chunntas a’ BhBC.
  2. An uair sin, air làrach 鶹Լ sam bith, cliog air d’ ainm taisbeanaichte aig bàrr na duilleig. Tha e ri lorg sa bhàr lorgaidh, faisg air bàr seòlaidh do bhrobhsair.
  3. Tagh “Seataidhean” agus thèid do thoirt gu d’ fhiosrachadh pearsanta.
  4. Air sgrion “Fiosrachadh pearsanta”, brùth “Deasaich” ri taobh d’ ainm taisbeanaichte agus cuir ainm ùr a-steach an sin.
  5. An uair sin, brùth “Sabhail agus lean ort”.

Cuimhnich, chan eil e comasach d' ainm taisbeanaichte atharrachadh mur a bheil thu air fear a chruthachadh. Faigh a-mach mar a chruthaicheas tu ainm taisbeanaichte an seo.

Nota mu d’ ainm taisbeanaichte atharrachadh

Nochdaidh d’ ainm taisbeanaichte ùr ri taobh beachdan ùra sam bith a dh’fhoillsicheas tu air a’ BhBC. Ach faodaidh beachdan nas sine greis a thoirt ag atharrachadh gu d’ ainm taisbeanaichte ùr.

Diùltaidh sinn ainmean taisbeanaichte sam bith a tha sinn a’ meas mì-mhodhail. Tagh ainm eile ma thachras seo.

Fo aois 13? Seo nota eile…

Chan urrainn dhut d’ ainm taisbeanaichte ùr a chleachdadh airson càil sam bith a chì daoine gus a bheil pàrant no neach-cùraim air cead a thoirt. Seo mar a gheibh thu cead.

Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhàin. Duilich mun sin.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: