Air ùrachadh: 14 Dàmhair 2022
Thèid iarraidh ort ainm taisbeanaichte a chruthachadh ma tha thu airson rudeigin poblach a dhèanamh air làrach no app 鶹Լ (mar eisimpleir, beachd fhàgail air sgeulachd 鶹Լ Naidheachdan). Neo airson logadh a-steach gu iPlayer tron TBh agad.
Gus d’ ainm taisbeanaichte a chruthachadh:
1. An toiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach do chunntas a’ BhBC.
2. An uair sin, air làrach 鶹Լ sam bith, cliog air ìomhaigh “Do chunntas” aig bàrr na duilleig. Tha e ri lorg sa bhàr lorgaidh, faisg air bàr seòlaidh do bhrobhsair.
3. Tagh “Seataidhean” agus thèid do thoirt gu d’ fhiosrachadh pearsanta.
4. Air sgrion “Fiosrachadh pearsanta”, lorg “Ainm taisbeanaichte”. Mura bheil thu air ainm taisbeanaichte a thaghadh roimhe, canaidh e “Neo-dhearbhte” gu h-ìosal. (Ach ma tha, chì thu na sei e agus cha bhi agad ri càil eile a dhèanamh.) Cliog air “Cuir ri” air an làimh dheis.
5. Air an ath dhuilleig, brùth “Deasaich” ri taobh d’ ainm taisbeanaichte agus cuir ainm ùr a-steach an sin. An uair sin, brùth “Sàbhail agus lean ort”.
6. Thèid iarraidh ort an uair sin do sheòladh post-d / ainm-cleachdadh agus d’ fhacal-faire a dhearbhadh, gus dearbhadh gur tu dha-rìribh a th’ ann.
Cuimhnich, feumaidh clann a tha fo aois 13 an t-ainm taisbeanaichte aca a dhearbhadh le pàrant no neach cùraim mus tèid a chleachdadh. Faigh a-mach tuilleadh mu ar ceadan chloinne an seo, no leugh Dè an t-eadar-dhealachadh a tha eadar ainm-cleachdaidh agus ainm taisbeanaichte?