Â鶹ԼÅÄ

Tha duilgheadas agam lem fhacal-faire, mo phost-d no m' ainm-cleachdaidh

Air ùrachadh: 18 An Lùnastal 2022

Tha duilgheadas agam lem fhacal-faire

Cuimhnich, feumaidh d’ fhacal-faire na leanas:

  • Ochd no barrachd charactaran
  • Co-dhiù aon litir
  • Co-dhiù aon àireamh no samhla

Nuair a tha thu a' taghadh facal-faire, leigidh sinn fios leat ma tha e air a bhith na phàirt de bhriseadh dàta air an eadar-lìon - ann an dòigh eile, ma tha e air liosta a gheibh hacairean. Le bhith a' taghadh facal-faire eile, cuidichidh seo le bhith a' cumail do chunntas tèarainte. Bidh d' fhacal-faire falaichte is chan fhaic duine e tron phròiseas seo.

Air d’ fhacal-faire a dhìochuimhneachadh?

Feumaidh tu ùrachadh. Lean an stiùireadh a tha seo:

1. Rach chun duilleig .

2. Nuair a thèid iarraidh ort, cuir a-steach am post-d a chleachd thu nuair a chlàraich thu leis a' BhBC. (Ma chleachd thu post-d nach eil fìor, cha tèid agad air d' fhacal-faire atharrachadh, agus feumaidh tu clàradh airson cunntas ùr.)

3. Cuiridh sinn thugad post-d le ceangal airson d' fhacal-faire ùrachadh. 'S dòcha gum bi feum agad air sùil a thoirt san sgudal agad (mura nochd e, lean na ceumannan gu h-àrd a-rithist).

4. Nuair a gheibh thu am post-d a tha sin, cliog air a' cheangal agus thèid do thoirt gu duilleag far an urrainn dhut facal-faire ùr a chruthachadh.

Cuimhnich air d' fhacal-faire ùr airson an ath thuras, ach na sgrìobh sìos e mus lorg cuideigin eile e.

Fo aois 13?

Duilich, ach chan urrainn dhut d' fhacal-faire ùrachadh ma tha thu air a dhìochuimhneachadh. Feumaidh tu .

Tha duilgheadas agam lem phost-d

Feuch na leanas:

1. Dèan cinnteach gu bheil e ann an cruth ceart, gun beàrnan no mearachdan.

2. A bheil thu a' cleachdadh am post-d leis an do chlàraich thu airson cunntas Â鶹ԼÅÄ? Mura bheil, faodaidh tu .

3. An do chlàraich thu nuair a bha thu fo aois 13? Ma chlàraich, bhiodh tu air clàradh le ainm-cleachdaidh seach seòladh post-d. Feuch ri logadh a-steach led ainm-cleachdaidh.

Mur eil thu air do chunntas a chleachdadh sa bhliadhna a dh'fhalbh, dh'fhaodar a ràdh gu bheil do chunntas tàmhach no fiù 's air a dhubhadh às a rèir ar poileasaidh a thaobh prìobhaideachd. Thoir sùil air do bhogsa a-steach faic an do chur sinn puist-d thugad bho chionn ghoirid mun seo.

Duilgheadas le bhith a' dearbhadh do phost-d?

Gheibh thu taic le bhith a' dearbhadh do phost-d an seo.

Tha duilgheadas agam lem ainm-cleachdaidh

Tha ainmean-cleachdaidh air an cleachdadh seach seòlaidhean puist-d airson daoine a tha fo aois 13.

Feuch na leanas:

1. Dèan cinnteach gu bheil e ann an cruth ceart, gun beàrnan no mearachdan.

2. Feuch led sheòladh post-d. Feumaidh neach a tha aois 13 no nas sine logadh a-steach leis an seòladh post-d aca, seach ainm-cleachdaidh. Ma dh'obraicheas sin, cuimhnich do sheòladh post-d a chleachdadh gach turas a tha thu a' logadh a-steach.

3. A bheil thu a' cleachdadh an t-ainm-cleachdaidh leis an do chlàraich thu airson cunntas Â鶹ԼÅÄ? Mura bheil, faodaidh tu .

Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhàin. Duilich mun sin.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: