Â鶹ԼÅÄ

Cha chuimhnich mo phàiste am facal-faire

Air ùrachadh: 1 An t-Samhain 2022

Ma tha am pàiste fo 13, chan urrainn dhaibh am facal-faire aca ùrachadh ma iad air a dhìochuimhneachadh. Tha seo ri linn ‘s nach bi sinn ag iarraidh seòladh-d bhuapa nuair a chlàras iad agus, mar sin, chan eil e comasach dhuinn post-d ùrachaidh a chur thuca. Mar phàrant no neach-cùraim ‘s dòcha gun do chuidich thu iad a’ cruthachadh am facal-faire, agus gum bi cuimhne agad fhèin air.

Ma tha an dithis agaibh air am facal-faire a dhìochuimhneachadh feumar cunntas ùr a chruthachadh dhan phàiste.

Carson nach bi sinn ag iarraidh seòladh-d bho phàiste a tha fo 13? Tha sinn cùramach mu phrìobhaideachd agus, mar sin, cha bhi sinn ag iarraidh seòladh-d bhuapa.

 

Change language: