Â鶹ԼÅÄ

Ciamar a chumas mi mo phàiste sàbhailte air-loidhne?

Air ùrachadh: 27 An Cèitean 2022

Tha tòrr rudan ann a dh’fhaodas tu fhèin agus do phàiste a dhèanamh airson cumail sàbhailte air-loidhne. Seo ceanglaichean feumail bhon BhBC:

No rach gu . Tha fiosrachadh an sin air mar as urrainn dhut , innealan gheamannan, ceangalaichean bann-leathainn agus innealan den leithid san dachaigh.

Seirbheisean agus goireasan a tha freagarrach do chloinn air a’ BhBC

Ma tha thu a’ lorg rudeigin a tha freagarrach do chloinn air a’ BhBC , seo far am b’ fhiach tòiseachadh:

Ciamar a tha fios agam gu bheil cunntasan is iomraidhean Â鶹ԼÅÄ sàbhailte dham phàiste?

Tha diofar sheòrsachan dìon againn airson clann a chumail sàbhailte. Mar eisimpleir, chan eil neach sam bith fo aois 13 a tha a’ ³¦±ôà°ù²¹»å³ó leis a’ BhBC a’ toirt seachad ach ainm-cleachdaidh no ainm taisbeanaidh (bu choir seo a bhith eadar-dhealaichte bhon t-ainm ceart aca) agus an latha-breith aca.

Faigh taic le cunntasan agus iomraidhean chloinne Â鶹ԼÅÄ.

Ma tha thu fo aois 16 agus air taobh a-muigh na RA

Gu mì-fhortanach, cha bhi e comasach dhut ³¦±ôà°ù²¹»å³ó airson cunntas no iomradh Â鶹ԼÅÄ ma tha thu fo aois 16 agus air taobh a-muigh na RA. Ma tha cunntas chloinne agad mar-thà is gu bheil thu air taobh a-muigh na RA, chan fhaigh thu na h-aon stuthan chloinne ’s a gheibh thu anns an RA.

Tha smachd agad air dè tha do phàiste a’ dèanamh leis a' chunntas Â鶹ԼÅÄ aca

Airson stad a chur air clann faighinn gu , cleachd .

Chan eil e comasach do chloinn a tha fo aois 13 faighinn gu cuid de ghoireasan às aonais cead bho phàrant no neach-cùraim.

Faodaidh tu ceadan a stèidheachadh nuair a chlàras tu airson cunntas chloinne ùr. Dìreach lean an stiùireadh.

Ma tha thu airson ceadan atharrachadh aig àm eile, tha e nas fhasa ma tha cunntais Â鶹ԼÅÄ aig an dithis agaibh. Mar sin, faodaidh tu cunntas do phàiste a cheangal ris a’ chunntas agad fhèin agus ceadan a chur air dòigh aig àm sam bith. Faodaidh tu ³¦±ôà°ù²¹»å³ó airson cunntas Â鶹ԼÅÄ mura bheil fear agad.

Tha e luath is furasta sin a dhèanamh. Chan fheum thu cunntas Â鶹ԼÅÄ airson smachd a chumail air ceadan. Nuair a dh’fheuchas do phàiste ri rudeigin ùr a dhèanamh air a’ BhBC, mar eisimpleir beachdan fhàgail air làraich-lìn chloinne, iarraidh sinn orra cead fhaighinn bhuat fhèin. Gheibh thu post-d, no faodaidh tu smachd a chumail air ceadan chloinne .

Faigh a-mach tuilleadh mu ceadan chloinne.

Rud no dhà as fhiach cumail air chuimhne

  • Uaireannan bidh seirbheisean chloinne a’ BhBC a’ cruinneachadh fiosrachadh pearsanta, dìreach mar a bhios na roinnean dhen BhBC a th’ ann airson inbhich.
  • Ma chì sinn beachd air bòrd-brath a tha toirt oirnn smaoineachadh gu bheil pàiste ann an cunnart, dh’fhaodadh gun cuireadh sinn a’ bheachd sin agus fiosrachadh eile air adhart gu daoine is urrainn cuideachadh, mar an NSPCC.
Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: