鶹Լ

Mar a chlàras tu airson cunntas chloinne

Air ùrachadh: 26 An Dàmhair 2022

Mas e pàiste, pàrant no neach-cùraim a th’ annad, dearbh nach eil thu air logadh a-steach gu cunntas 鶹Լ mar-thà air an t-inneal a tha thu a’ cleachdadh.

Mar a dhearbhas tu a bheil thu air logadh a-steach mar-thà

1. Thoir sùil air mullach na duilleig. Am faic thu “Do Chunntas” no ainm taisbeanaichte ri taobh suaicheantas a’ BhBC? Tha sin a’ ciallachadh gu bheil thu air logadh a-steach gu cunntas 鶹Լ eile.

2. Cliog air “Do Chunntas” no ainm taisbeanaichte.

3. Air an ath dhuilleig, cliog air “Log a-mach”. Ma tha thu air mobile ‘s dòcha gum bi agad ri cliogadh air “à” an toiseach.

An uair sin, clàraich airson cunntas chloinne

An dèidh dhut logadh a-mach à cunntasan 鶹Լ eile, faodaidh tu clàradh airson cunntas chloinne. Seo mar a nì thu sin:

1. Air làrach 鶹Լ sam bith, cliog air “Log a-steach” aig bàrr na duilleig. Lorgaidh tu e faisg air suaicheantas a’ BhBC.

2. Air an ath sgrion, cliog air “àaich a-nis”.

3. An uair sin lean an stiùireadh air an sgrion airson d’ fhiosrachadh fhèin a chur ris.

4. Ma tha thu fo aois 13, feumaidh tu iarraidh air pàrant no neach-cùraim cunntas 鶹Լ a chruthachadh dhut. Feumaidh tu ainm-cleachdaidh agus facal-faire a thaghadh. Cùm cuimhne orra. Ma dhìochuimhnicheas tu d’ fhacal-faire, cha tèid agad air ùrachadh. Tha sin a’ ciallachadh gu feum thu iarraidh air pàrant no neach-cùraim cunntas ùr a chruthachadh.

A’ toirt smachd do phàrantan

An dèidh dhaibh clàradh airson cunntas 鶹Լ, feumaidh clann fo aois 13 cead bho phàrant no neach-cùraim mus urrainn dhaibh:

  • Beachdan a chur air làraich-lìn chloinne a’ BhBC
  • Molaidhean pearsaichte fhaighinn agus an comas leantainn orra a’ coimhead phrògraman far an do stad iad
  • Brathan fhaighinn mu rudan is toigh leotha
  • Stuthan a luchdachadh suas airson farpaisean, geamaichean agus eile.

Faigh tuilleadh fiosrachaidh mu cheadan chloinne an seo.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: