Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1241
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1241. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 30 Apr 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 937
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1241
Duration: 05:00
Litir 1241: BÃ rd Mhealaboist (1)
ʼS fhada leam an oidhche gheamhraidh,
ʼS fhada, ʼs fhada, ʼs fhada leam i,
Is chan fhaic ach prèiridh lom mi,
Cha chluinn tonn a’ tighinn gu trà igh mi.
Fà ili, fà ili, fà ili, hó ró
Fà ili, fà ili, fà ili, hó ró
Fà ili, fà ili, fà ili, hó ró
ʼS cian nan cian on dh’fhà g mi Leòdhas.
Tha mi cinnteach gum bi feadhainn agaibh eòlach gu leòr air na briathran sin. ʼS e òran ainmeil a th’ ann air a bheil ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh mar thiotal. Chaidh a sgrìobhadh le Bà rd Mhealaboist, Murchadh MacPhà rlain nach maireann. Tha mi airson beagan innse dhuibh mun òran agus mu Mhurchadh fhèin.
Thà inig leabhar mòr, brèagha a-mach an-uiridh mu bheatha is dìleab Mhurchaidh. ʼS e an t-ainm a th’ air ‘Doras gun Chlà imhean’. Tha clà imhean a’ ciallachadh ‘door bolt no latch’. Chaidh an leabhar a chur ri chèile le Catriona Mhoireach. Abair an obair ionmholta a rinn i.
Bhuineadh Murchadh do Mhealabost, baile beag pìos a-mach à Steòrnabhagh ann an sgìre an Rubha. Rugadh e ann sa bhliadhna naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901). B’ e am fear a b’ òige ann an teaghlach de shianar.
Mar a bha cumanta ann an Leòdhas anns na ficheadan, rinn Murchadh eilthireachd gu ruige Canada. Sheòl e à Grianaig ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1924). Ach cha b’ e eilthireachd mhaireannach a bh’ ann. Ged a bha dithis pheathraichean aige ann an Ameireagaidh a Tuath, thill e dhachaigh a Leòdhas. Mar a tha Catrìona Mhoireach a’ sgrìobhadh na cunntas mu a bheatha, ‘b’ e an cianalas a bu mhotha a bha ga lèireadh.’ Tha am bà rd fhèin a’ mìneachadh a’ ghnothaich anns an òran aige ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh. Thill Murchadh dhachaigh a Mhealabost ochd bliadhna an dèidh dha fhà gail.Â
Air ais don òran, ma-thà . A bheil sibh eòlach air an abairt a nochdas aig deireadh na sèist? ʼS cian nan cian on dh’fhà g mi Leòdhas. It’s a long long time since I left Lewis. Tha am facal cian a’ ciallachadh ‘fad air falbh’, ann an tìm agus/no ann an astar. Tha blas de bhròn air, mar a chì sinn anns an fhacal cianail a tha a’ ciallachadh ‘brònach’ no ‘muladach’. Tha cianalas a’ ciallachadh ‘homesickness’ ach tha e nas là idire na ʼm facal Beurla. Gu cinnteach, bha an cianalas air Murchadh nuair a sgrìobh e an t-òran.
Tha an abairt o chian nan cian a’ ciallachadh ‘since time immemorial’. Anns an òran, tha an loidhne mu dheireadh dhen t-sèist a’ dol mar seo: ʼS cian nan cian on dh’fhà g mi Leòdhas. Tuigidh sibh gun robh am bà rd air a bhith ro fhada – fada ro fhada – air falbh o eilean a bhreith, on taigh-chèilidh agus on à ite dham buineadh e.
Anns a’ chiad rann, tha am bà rd a’ sgrìobhadh: Is chan fhaic ach prèiridh lom mi, Cha chluinn tonn a’ tighinn gu trà igh mi. Tha sin a’ ciallachadh nach fhaic e, far a bheil e, ach am prèiridh. Tha prèiridh Mhanitòba nas fhaide bhon mhuir ʼs a ghabhas a bhith ann an Alba. Tha am bà rd ag ionndrainn na mara. Far a bheil e, cha chluinn e sluaisreadh nan tonn air trà igh. Is chan fhaic ach prèiridh lom mi, Cha chluinn tonn a’ tighinn gu trà igh mi.
Anns an ath Litir, bheir sinn sùil a bharrachd air an òran seo, ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh, agus air beatha Bà rd Mhealaboist.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Bà rd Mhealaboist: the Melbost Bard; Murchadh MacPhà rlain: Murdo MacFarlane; An Rubha: Point; eilthireachd mhaireannach: long-lasting emigration; dithis pheathraichean: two sisters; brònach: sad; muladach: melancholy, sorrowful.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ʼS fhada leam an oidhche gheamhraidh: the winter night is so long to me; chan fhaic ach prèiridh lom mi: I can only see a bare prairie; cha chluinn tonn a’ tighinn gu trà igh mi: I can’t hear a wave coming on the shore; gum bi feadhainn agaibh eòlach gu leòr air na briathran sin: that some of you will be very familiar with those words; thà inig leabhar a-mach an-uiridh mu bheatha is dìleab Mhurchaidh: a book came out last year about Murdo’s life and legacy; abair an obair ionmholta a rinn i: what amazing work she did; mar a bha cumanta ann an Leòdhas anns na ficheadan: as was common in Lewis in the twenties; rinn Murchadh eilthireachd gu ruige Canada: Murdo emigrated to Canada; sheòl e à Grianaig: he sailed from Greenock; b’ e an cianalas a bu mhotha a bha ga lèireadh: it was homesickness that was of greatest torment to him; ochd bliadhna an dèidh dha fhà gail: eight years after leaving it; a nochdas aig deireadh na sèist: that appears at the end of the refrain; tha blas de bhròn air: it has a flavour of sadness; on taigh-chèilidh: from the ceilidh house; on à ite dham buineadh e: from the place he belonged to; tha prèiridh Mhanitòba nas fhaide bhon mhuir ʼs a ghabhas a bhith ann an Alba: the Manitoba prairie is further from the sea as it is possible to be in Scotland; ag ionndrainn na mara: missing the sea; sluaisreadh nan tonn air trà igh: the swishing of the waves on a beach.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: B’ e am fear a b’ òige ann an teaghlach de shianar: he was the youngest in a family of six. B’ e (for bu e) is the past tense form of ʼs e. With this verbal form, the comparative adjectival form is b’ òige. The present tense form of the sentence would be ʼs e am fear as òige ‘he is the youngest’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: fada ro fhada: much too far.
Broadcast
- Sun 30 Apr 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.