Main content

An Litir Bheag 937

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 937. This week's short letter for Gàidhlig learners.

Available now

3 minutes

Last on

Sun 30 Apr 2023 13:30

Clip

An Litir Bheag 937

ʼS fhada leam an oidhche gheamhraidh,

ʼS fhada, ʼs fhada, ʼs fhada leam i,

Is chan fhaic ach prèiridh lom mi,

Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi.

Fàili, fàili, fàili, hó ró

Fàili, fàili, fàili, hó ró

Fàili, fàili, fàili, hó ró

ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

Tha na faclan sin bhon òran ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh. Chaidh a sgrìobhadh le Bàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain. Thàinig leabhar mòr, brèagha a-mach an-uiridh mu bheatha is dìleab Mhurchaidh. ʼS e an t-ainm a tha air ‘Doras gun Chlàimhean’. Tha clàimhean a’ ciallachadh ‘door bolt no latch’. Chaidh an leabhar a chur ri chèile le Catriona Mhoireach. Rinn i obair ionmholta.

Bhuineadh Murchadh do Mhealabost, baile beag faisg air Steòrnabhagh ann an sgìre an Rubha. Rugadh e sa bhliadhna naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901).Ìý

Ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1924), rinn Murchadh eilthireachd gu ruige Canada. Ach, an ceann greis, thill e dhachaigh a Leòdhas. Tha am bàrd a’ mìneachadh a’ ghnothaich anns an òran ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh.Ìý

A bheil sibh eòlach air an abairt aig deireadh na sèist? ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas. It’s a long long time since I left Lewis. Tha am facal cian a’ ciallachadh ‘fad air falbh’, ann an tìm agus/no ann an astar. Tha an abairt o chian nan cian a’ ciallachadh ‘since time immemorial’.

Tha blas de bhròn air ‘cian’. Chì sinn sin anns an fhacal cianail a tha a’ ciallachadh ‘brònach’. Tha cianalas a’ ciallachadh ‘homesickness’. Bha an cianalas air Murchadh nuair a sgrìobh e an t-òran. Bha am bàrd air a bhith ro fhada air falbh o eilean a bhreith.

Anns a’ chiad rann, tha seo: Is chan fhaic ach prèiridh lom mi, Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi. Chan fhaic am bàrd, far a bheil e, ach am prèiridh. Tha e fada bhon mhuir. Far a bheil e, cha chluinn e sluaisreadh nan tonn air tràigh.

Anns an ath Litir, bheir sinn sùil a bharrachd air an òran seo agus air beatha Bàrd Mhealaboist.

The Little Letter 937

The winter night is long to me,

Long, long, long to me,

And all I see is the empty prairie,

I can’t hear a wave coming on the shore.

Fàili, fàili, fàili, hó ró

Fàili, fàili, fàili, hó ró

Fàili, fàili, fàili, hó ró

It’s a long long time since I left Lewis.

Those words are from the song ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh. It was written by the Melbost bard, Murdo MacFarlane. A beautiful, big book came out last year about Murdo’s life and legacy. It's called ‘Doras gun Chlàimhean’. °ä±ôྱ³¾³ó±ð²¹²Ô means a door bolt or latch. The book was compiled by Catriona Murray. She did praiseworthy work.

Murdo belonged to Melbost, a wee village near Stornoway in the area of Point. He was born in 1901.

In 1924, Murdo emigrated to Canada. But, in time, he returned home to Lewis. The bard explains the matter in the song ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh.

Do you know the phrase at the end of the refrain? ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas. It’s a long long time since I left Lewis. The word cian means ‘a long way away’ in time and/or in distance. The phrase o chian nan cian means ‘since time immemorial’.

Cian carries a flavour of sadness. We see that in the word cianail which means ‘sad’. Cianalas means ‘homesickness’. Murdo was homesick when he wrote the song. The bard had been too long away from the isle of his birth.

In the first verse, there is this: And I can only see a bare prairie, I can’t hear a wave coming to shore. The bard, where he is, can only see the prairie. He is a long way from the sea. Where he is, he can’t hear the swash of the waves on a beach.

In the next Litir, we’ll look further at this song and at the life of the Melbost bard.

Broadcast

  • Sun 30 Apr 2023 13:30

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast