Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1242
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1242. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 7 May 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 938
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1242
Duration: 05:00
Litir 1242: BÃ rd Mhealaboist (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Bhà rd Mhealaboist, Murchadh MacPhà rlain, agus an dà n aige ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh. Dè an rud a bu mhotha a bha am bà rd ag ionndrainn, agus e air prèiridh Mhanitòba? Chanainn gur e an taigh-cèilidh a bh’ ann. Anns an treas rann, tha e a’ sgrìobhadh gum b’ fheà rr leis a bhith ann am ‘bothan-tughaidh [le] teine-mònach air an ùrlar’.
Anns a’ cheathramh rann, tha e a’ dèanamh tuairisgeul de na caractaran anns an taigh-chèilidh:
Bhiodh na bodaich rianail, dòigheil
Nam biodh bunag chrèadh ʼs ceò ac’,
Gillean ʼs iad a’ snìomh nan snòta
ʼS luchd mo rùin-sa cruinn a’ cèilidh.
Anns an ath rann, tha am bà rd a’ cruthachadh dealbh de sheann saighdear a’ bruidhinn mu na cathan anns an robh e an sà s. Dè bha e a’ togail, a’ toirt a’ chreidsinn gur e raidhfil a bh’ ann? Bha clobha – rud leis am bite a’ là imhseachadh fà dan anns an teine. Seo an rann:
Bhiodh seann shaighdear nan ceud cruaidh-chath
Leis a’ chlobha air a ghualainn,
Dealbh dhuinn mar a thug a’ bhuaidh air
Mic nam fuar-bheann, luchd an fhèilidh.
Is mathaid gun robh Murchadh a’ dèanamh beagan fealla-dhà an seo. ʼS e ‘saighdearan a’ chlobha’ a chanadh feadhainn ris na fir a bha a’ fuireach aig an taigh, seach a bhith a’ falbh gu cogadh. Math dh’fhaodte nach robh an seann saighdear air a bhith an sàs ann an ceud cruaidh-chath, mar a tha e a’ cumail a-mach!
Agus, a rèir choltais, bhiodh na sgeulachdan is naidheachdan aig na seann seòladairean cho math ris an fheadhainn aig na seann saighdearan. Seo agaibh an còigeamh rann:
Bhiodh seann sheòladair ʼs air stòl e’
ʼG innse na seachd-cuain gun d’ sheòl e,
ʼS nuair a thòisicheadh ri sgeòil e,
Gillean òga dheidheadh ga èisteachd.
Agus a-nise an rann mu dheireadh. Seo far an nochd an abairt shuaicheanta ainmeil ‘chan eil cèilidh air a’ phrèiridh’.Ìý
Ach cà ite, cà ite nochd an tèid mi?
Chan eil cèilidh air a’ phrèiridh,
ʼS ò, chan fhaic mi ʼn à m dhomh èirigh
ʼN-à irde ʼg èirigh ceò na mònach.
Bha iomadach cuspair, a bharrachd air cianalas, aig Bà rd Mhealaboist na bhà rdachd. Bha e ag obair le còmhlan-ciùil a dh’fhàs fìor ainmeil ann an saoghal nan Gà idheal – Na h-Òganaich. Am measg òrain Mhurchaidh a sheinn an còmhlan air an à rd-ùrlar, bha òran-gaoil aotrom air a bheil Mhòrag, Leat Shiùbhlainn. Seo agaibh a’ chiad rann agus an t-sèist:
Cha leig mo luaidh-sa leas rosgan fuadain
No snuadh na bùtha ʼchur air a gruaidhean,
No dath a cheannach gu dath a cuailein,
ʼS e mar an canach aig sà il nam fuar-bheann.
ʼMhòrag, leat shiùbhlainn gun chùram gu cùl na gealaich,
ʼS mìlse leam do phògan gu mòr na na cìrean-meala.
D’ fhaighinn dhomh mar òg-bhean
Mo dhòchas tha na do ghealladh.
Tha adhbhar ann airson a bhith ag ainmeachadh cùl na gealaich ‘the far side of the moon’. Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh ann an naoi ceud deug, seasgad ʼs a naoi (1969). B’ e sin a’ bhliadhna a chuir daoine an casan air a’ ghealaich airson a’ chiad turais. Dà bhliadhna an dèidh sin, bhuannaich na h-Òganaich farpais nan còmhlan aig a’ Mhòd Nà iseanta. Bha dà òran le Murchadh MacPhà rlain aca, agus b’ e Mhòrag, Leat Shiùbhlainn fear dhiubh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Bà rd Mhealaboist: the Melbost Bard; Murchadh MacPhà rlain: Murdo MacFarlane; prèiridh Mhanitoba: the Manitoba prairie; clobha: tongs; is mathaid: perhaps; fealla-dhà : joking; stòl: stool; suaicheanta: iconic; còmhlan-ciùil: music group, band; òran-gaoil aotrom: a light love-song; leat shiùbhlainn: I would go with you.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Dè an rud a bu mhotha a bha am bà rd ag ionndrainn?: what was the bard missing most?; bothan-tughaidh [le] teine-mònach air an ùrlar: a thatched bothy with a peat fire on the floor; bhiodh na bodaich rianail, dòigheil: the old men would be content and happy; nam biodh bunag chrèadh ʼs ceò ac’: if they had a clay pipe and a smoke; a’ snìomh nan snòta: twisting the horsehair for the fishhooks; luchd mo rùin-sa cruinn a’ cèilidh: my loved ones ceilidhing together; na cathan anns an robh e an sà s: the battles in which he was involved; a’ toirt a’ chreidsinn gur e raidhfil a bh’ ann: pretending that it was a rifle; leis am bite a’ là imhseachadh fà dan: with which peats would be handled; dealbh dhuinn mar a thug a’ bhuaidh air: painting a picture for us of how victory was won; mic nam fuar-bheann, luchd an fhèilidh: by the sons of the cold mountains, the men of the kilt; seach a bhith a’ falbh gu cogadh: rather than leaving for war; na seachd-cuain gun d’ sheòl e: the seven seas he sailed; gillean òga dheidheadh ga èisteachd: young lads would go to listen; gu dath a cuailein: to colour her hair; canach aig sà il nam fuar-bheann: bog cotton at the base of the cold mountains; mo dhòchas tha na do ghealladh: my hope is in your promise.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: seann shaighdear nan ceud cruaidh-chath: an old soldier of the hundred hard battles. I said seann saighdear whereas Murdo wrote seann shaighdear. This is a ‘dialectal’ difference. In some dialects (for example in Point) the placing of the adjective seann in front of any noun causes the usual lenition of the noun (e.g. seann charbad, seann bhoireannach). However, traditionally, a terminal n (or d, t or s) would block the lenition of the following noun (it’s why we generally say seann duine rather than seann dhuine). Both models exist side-by-side in the modern era.Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Cha leig mo luaidh-sa leas rosgan fuadain no snuadh na bùtha ʼchur air a gruaidhean: my love doesn’t need to put on false eyelashes or put shop-bought colour on her cheeks.
Broadcast
- Sun 7 May 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.