Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1240
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1240. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 23 Apr 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 936
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1240
Duration: 05:00
Litir 1240: Uisge-beatha agus Ainmean-Ã ite (2)
Bha sinn a’ toirt sùil air ainmean uisge-bheatha agus thaighean-staile on leabhar ‘The A to Z of Whisky Place-Names’ le Jacob King. Tha gu leòr dhiubh air a bheil ainm a tha rudeigin – no uile-gu-lèir – fuadain. Ach tha feadhainn ann le ainm stèidhichte air ainm-à ite a th’ air na mapaichean. Tha mi airson sùil a thoirt air feadhainn dhiubh sin an-diugh.
°Õò¾±²õ¾±³¦³ó±ð²¹³¾²¹¾±»å ann an ÃŒle. An coimeas ri sgìrean eile, tha na h-ainmean ann an ÃŒle an ìre mhath uile stèidhichte air fìor ainmean-à ite. Mar eisimpleir, tha Ardbeg air a dhèanamh faisg air An Àird Bheag ‘the small promontory’. Tha Bowmore à s a’ bhaile as motha anns an eilean – air a bheil Am Bogha Mòr mar ainm. Tha e a’ ciallachadh an dà rna cuid ‘the big reef’ no ‘the big bend’.Ìý
Tha Bruichladdich bhon Ghà idhlig Bruthach a’ Chladaich ‘the brae of the shore’ agus tha Bunnahabhain o Bun na h-Abhainne ‘the mouth of the river’. Air cladach an earra-dheas an eilein, tha Lagavulin. Tha an t-ainm sin a’ tighinn bho Lag a’ Mhuilinn ‘the hollow of the mill’. Air taobh eile an eilein, tha taigh-staile ‘Caol Ila’. Tha sin stèidhichte air cladach a’ chaolais eadar Ìle agus Diùra, ris an canar Caol Ìle no An Caol Ìleach ann an Gà idhlig. Agus, air taobh thall a’ chaolais, tha Jura Distillery. Tha an t-ainm sin a’ tighinn bho ainm an eilein fhèin – Diùra ann an Gà idhlig – ged a thà inig sin on Lochlannais o shean. Tha e a’ ciallachadh ‘Eilean nam Fiadh’.
Gu tuath air Ìle agus Diùra, tha eilean eile ann an Earra-Ghà idheal air a bheil taigh-staile. ʼS e sin Muile. An sin, thathar a’ dèanamh uisge-beatha ris an canar Tobermory. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon bhaile far a bheil an taigh-staile – Tobar Mhoire, ‘the well of the Virgin Mary’.
Air ais air tìr-mòr tha Tomatin, deas air Inbhir Nis. Tha sin bhon Ghà idhlig Tom Aitinn ‘juniper hillock’. Chaidh an t-ainm sin a chlà radh air mapa aig deireadh an t-siathamh linn deug. Tha Glenlivet ann am Moireibh a’ tighinn bhon Ghà idhlig Gleann Lìobhaid. Tha Jacob King ag innse dhuinn gu bheil e coltach gun tà inig Lìobhaid bho fhreumh Cruithneach a’ ciallachadh ‘boillsgeach’ no ‘gleansach’. Agus faisg air Uisge Spè tha Tormore. Tha sin bhon Ghà idhlig An Tòrr Mòr ‘the big hill’. ʼS e Allt an Torra Mhòir ainm an uillt a tha a’ sruthadh seachad air an taigh-staile.
Tha uisge-beatha Moireach eile ann air a bheil ainm car annasach dhuinne mar Ghà idheil. Tha e sgrìobhte mar aon fhacal – a-n-c-n-o-c. Bhithinn a’ fuaimneachadh sin mar ‘an cnoc’, ach tha là rach-lìn an uisge-bheatha ag innse dhuinn gu bheilear ga fhuaimneachadh ‘a-nock’. Seadh. Uill, tha e air a dhèanamh aig Knockdhu Distillery. Shaoileadh sibh gun robh sin a’ tighinn bhon Ghà idhlig An Cnoc Dubh. Ach tha Jacob King ag innse dhuinn nach eil a leithid de dh’ainm clà raichte, agus gur e An Cnoc no, ann an Albais, The Knock a bha a-riamh air an à ite.
Mu dheireadh, ann an taobh sear Rois, tha uisge-beatha ainmeil air a bheil Glenmorangie. A bheil sin dha-rìribh a’ ciallachadh ‘The Glen of Tranquility’, mar gun tà inig e à Gleann Mòr na Sìth? Tha Jacob King ag innse dhuinn nach eil. Chaidh ‘Glen’ a chur ri Morangie, ainm-à ite ionadail a tha a’ ciallachadh ‘big haugh place’. Tha an leabhar là n neamhnaidean mar sin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Lochlannais: Norse; o shean: in olden times; Earra-Ghà idheal: Argyll; taigh-staile: distillery; Moireibh: Moray; Moireach: belonging to Moray.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a’ toirt sùil air ainmean uisge-bheatha agus thaighean-staile: looking at names of whisky and distilleries; rudeigin – no uile-gu-lèir – fuadain: slightly – or completely – artificial; an coimeas ri sgìrean eile: compared to other areas; tha na h-ainmean ann an Ìle an ìre mhath uile stèidhichte air fìor ainmean-à ite: the names on Islay are pretty much all based on real place-names; às a’ bhaile as motha anns an eilean: from the largest village on the island; tha e a’ ciallachadh an dà rna cuid X no Y: it means either X or Y; cladach an earra-dheas an eilein: the south-eastern shore of the island; air cladach a’ chaolais eadar Ìle agus Diùra: on the shore of the narrows (sound) between Islay and Jura; gu tuath air: north of; air ais air tìr-mòr: back on the mainland; chaidh an t-ainm-à ite sin a chlà radh air mapa aig deireadh an t-siathamh linn deug: that place-name was recorded on a map at the end of the sixteenth century; bho fhreumh Cruithneach: from a Pictish root; a tha a’ ciallachadh ‘boillsgeach’ no ‘gleansach’: that means ‘glittering’ or ‘shining’; ainm an uillt a tha a’ sruthadh seachad air: the name of the burn that flows past; car annasach dhuinne: somewhat strange to us; a bha a-riamh air an à ite: that the place was always called; là n neamhnaidean mar sin: full of pearls [treasures] like that.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: °Õò¾±²õ¾±³¦³ó±ð²¹³¾²¹¾±»å ann an ÃŒle: Let’s begin in Islay. °Õò¾±²õ¾±³¦³ó±ð²¹³¾²¹¾±»å is the first person plural imperative form of the verb tòisich ‘begin’. To create such a form, we take the [unlenited] root of the verb and add –(±ð)³¾²¹¾±»å to it. Here are some examples with regular verbs: cuireamaid ‘let us put’; cluicheamaid ‘let us play’; sgrìobhamaid ‘let us write’. Examples with irregular verbs are: rachamaid ‘let us go’; dèanamaid ‘let us do, make’. In a Gaelic church service, you might hear ‘dèanamaid adhradh’ [let us worship] or ‘dèanamaid ùrnaigh’ [let us pray]. And, in a less formal setting, there is the slightly whimsical ‘rogamaid is ròlamaid’ [let’s rock and roll!]
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: A bheil sin dha-rìribh a’ ciallachadh?: does that really mean?
Broadcast
- Sun 23 Apr 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.