Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1037
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1037. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 5 Jun 2019
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 733
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1037
Duration: 05:00
Litir 1037: Seumas Mac a' Phearsain (1)
Tha mi airson innse dhuibh mun cheatharnach ainmeil, Seumas Mac a’ Phearsain, am fear a chruthaich Cumha Mhic a’ Phearsain no MacPherson’s Lament. Rugadh e sa bhliadhna sia ceud deug, seachdad ʼs a còig (1675). Bha e an dà chuid cliùiteach agus mì-chliùiteach anns an ear-thuath airson a bhith na cheatharnach.
Chaidh Seumas a chur gu bàs – mar a chì sinn – air a’ chroich. Am measg nan casaidean na aghaidh, bha ‘being an Egyptian’. Cha robhar a’ ciallachadh ‘Èiphiteach’ ach ‘Siopsach’. ʼS dòcha gur e ‘neach-siubhail’ a chanamaid an-diugh.
Bha Seumas na mhac-dìolain aig uachdaran à Bà ideanach – Donnchadh Mac a’ Phearsain à Inbhir Fhèisidh, taobh Loch Ìnnse. Thachair Donnchadh ri boireannach òg brèagha aig banais. Bha ise, a rèir beul-aithris, na Siopsach. Rugadh leanabh-gille dhi agus ghabh Donnchadh ris gum b’ esan athair.
Dh’fhà s Seumas gu bhith na ghille là idir, eireachdail. Bha e sgileil le claidheamh, agus bha ³¦±ô²¹¾±»å³ó±ð²¹³¾³ó-³¾Ã²°ù aige a bha sia troighean a dh’fhaid. Bha e cuideachd na fhìdhlear air leth.
Nuair a bha Seumas òg, chaidh athair a mharbhadh ann an strì ann am Bà ideanach. Chaidh Seumas a dh’fhuireach còmhla ri teaghlach a mhà thar. Bha Seumas an uair sin an sàs gu mòr ann am mèirle. Bhiodh e a’ dol air feadh ceann an ear-thuath na h-Alba. Uaireannan bhiodh e air ceann còmhlain a rachadh a-steach a mhargaidh ann an solas an latha – ann am bailtean mar Eilginn, Farrais agus Baile Chè. Ach cha robh e ri fòirneart agus cha dèanadh e cron air banntrach no duine a bha beò ann am bochdainn.
Ge-tà , dh’èirich droch naimhdeas eadar Seumas agus na h-uachdarain ann an Siorrachdan Mhoireibh, Bhanbh agus Obar Dheathain. Chuir MacDhuibh à Braco buidheann air dòigh airson a dhol air a thòir.
Aon turas, chaidh Seumas a ghlacadh ach fhuair e mu sgaoil a-rithist. Seo mar a thachair e. Bha e ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chuir na h-ùghdarrasan boireannach brèagha air dòigh airson a ghlacadh oir bha laigse aig Seumas a thaobh nam ban. Dh’iarr an tè seo air Seumas coinneachadh rithe airson èisteachd ri ceòl na fìdhle. Cha robh Seumas faiceallach gu leòr agus, mar ainmhidh neo-chùramach, choisich e a-steach do ribe. Chaidh a chur an grèim le oifigearan lagha.
Bha Seumas sa phrìosan ann an Obar Dheathain. Ach ghabh am boireannach òg dà rna beachd air na rinn i. Bhruidhinn i ri fear Pà draig MacIlleDhuinn a bha na mhèirleach ainmeil – agus na fhear-siubhail – agus chuir esan fios gu Dòmhnall Mac a’ Phearsain, co-ogha Sheumais, ann am Bà ideanach. Chuir iad buidheann saoraidh air dòigh agus rinn iad air Obar Dheathain.
Bhris iad a-steach don phrìosan agus fhuair iad lorg air Seumas. Bha e ceangailte ri balla a chealla le slabhraidhean. Ach bha an sgioba air uidheaman a thoirt leotha airson slabhraidhean a ghearradh. Fhad ʼs a bha iad ag obair air a shaoradh, thòisich ùpraid taobh a-muigh doras a’ phrìosain. Mar a chì sinn an-ath-sheachdain, dh’fheuch aon duine ri Seumas a chumail sa phrìosan. Ach fhuair Seumas mu sgaoil airson a bhith ri mèirle greis eile. Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: ceatharnach: freebooter; Seumas Mac a’ Phearsain: James MacPherson; Èiphiteach: Egyptian; Siopsach: Gipsy; Inbhir Fhèisidh: Invereshie; Loch Ìnnse: Loch Insh; eireachdail: handsome; MacDhuibh à Braco: Duff from Braco; ceòl na fìdhle: fiddle music; Pà draig MacIlleDhuinn: Peter Brown; ùpraid: commotion.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bha e an dà chuid cliùiteach agus mì-chliùiteach anns an ear-thuath airson a bhith na cheatharnach: he was both renowned and infamous in the north-east for being a freebooter; chaidh X a chur gu bàs air a’ chroich: X was put to death on [the] gibbet; ʼs dòcha gur e ‘neach-siubhail’ a chanamaid an-diugh: perhaps we would say ‘traveller’ today; bha X na mhac-dìolain aig uachdaran à Bà ideanach: X was an illegitimate son of a laird from Badenoch; ghabh Donnchadh ris gum b’ esan athair: Duncan accepted that he was his father; bha e cuideachd na fhìdhlear air leth: he was also a fantastic fiddler; air ceann còmhlain a rachadh a-steach a mhargaidh ann an solas an latha: at the head of a group that would go into a market in the light of day; bailtean mar Eilginn, Farrais agus Baile Chè: towns like Elgin, Forres and Keith; cha dèanadh e cron air banntrach no duine a bha beò ann am bochdainn: he wouldn’t harm a widow or a person that was living in poverty; na h-uachdarain is tuathanaich bheartach ann an Siorrachdan Mhoireibh, Bhanbh agus Obar Dheathain: the landlords and rich farmers in Morayshire, Banffshire and Aberdeenshire; fhuair e mu sgaoil: he got free; bha laigse aig Seumas a thaobh nam ban: James had a weakness with regard to women; mar ainmhidh neo-chùramach, choisich e a-steach do ribe: like a careless animal, he walked into a trap; ghabh am boireannach òg dà rna beachd air na rinn i: the woman reconsidered what she had done; ceangailte ri balla a chealla le slabhraidhean: fixed to the wall of his cell with chains.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bha ³¦±ô²¹¾±»å³ó±ð²¹³¾³ó-³¾Ã²°ù aige a bha sia troighean a dh’fhaid: he had a claymore that was six feet in length. Claidheamh mòr without a hyphen means a ‘big sword’. But the hyphen changes the meaning to ‘claymore’, a particular type of Highland sword, wielded by two hands. However, according to tradition, notably in MacDuff, James MacPherson was strong enough to use his claymore with one hand.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: mar a chì sinn: as we shall see.
Broadcasts
- Sun 2 Jun 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 5 Jun 2019 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.