Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1038
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1038. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 12 Jun 2019
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 734
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1038
Duration: 05:00
Litir 1038: Seumas Mac a' Phearsain (2)
Bha mi ag innse dhuibh mun cheatharnach ainmeil, Seumas Mac a’ Phearsain à Bà ideanach. Bha e sa phrìosan ann an Obar Dheathain ach bha buidheann a’ feuchainn ri a shaoradh. Thà inig bùidsear là idir airson stad a chur air a’ ghnothach. Thòisich e fhèin is co-ogha Sheumais, Dòmhnall Mac a’ Phearsain, air sabaid le chèile.Ìý
Bha am bùidsear a’ fàs lag agus dh’iarr e taic air a chù aige. Gu sgiobalta thug Dòmhnall ball-aodaich aige dheth, agus chuir e timcheall a’ bhùidseir e. Thug an cù mar sin ionnsaigh air a mhaighstir fhèin, seach air Dòmhnall, agus rinn e uiread de chron air a’ bhùidsear ʼs gum b’ fheudar dha an strì a leigeil seachad.
Fhad ʼs a bha seo a’ tachairt, bha ùghdarrasan a’ bhaile air ribeanan de chlò a chur mar lìon thar a’ Ghallowgate airson an rathad a dhùnadh. Ach gheà rr Dòmhnall an clò le a chlaidheamh agus fhuair Seumas a-mach gu each a bha a’ feitheamh ris. Cha b’ fhada gus an robh iad a’ dèanamh air Bà ideanach far am biodh iad sà bhailte. Bhiodh teà rmann aig Seumas ann an dùthaich nan Granndach is Clann Mhic a’ Phearsain.
Latha a bha seo anns a’ bhliadhna seachd ceud deug (1700) bha Seumas agus cuid de a charaidean ann am Baile Chè. Thathar ag aithris gum b’ e Latha Fèill Ma-ruibhe a bh’ ann – no St Rufus Fair mar a chanar ann am Beurla. Bha sgioba aig MacDuibh à Braco air a thòir agus chunnaic iad an cothrom. Thug iad ionnsaigh air Seumas agus a charaidean. Thug Seumas a chlaidheamh a-mach ach thilg boireannach plaide thairis air bho uinneag gu h-à rd, agus chaidh an ceatharnach a chur an grèim.
Chaidh a chur don phrìosan ann am Banbh, cuide ri feadhainn eile dhen sgioba aige. Nochd e air beulaibh Siorram Bhanbh air an t-seachdamh latha dhen t-Samhain seachd ceud deug (1700). Nochd riochdaire aig ceann-cinnidh nan Granndach anns a’ chùirt. Thuirt e gum bu chòir do Sheumas a bhith fo cheartas anns an sgìre aige fhèin, seach ann am Banbh. Ach cha deach leis. Chaidh diùraidh a thaghadh.Ìý
Anns a’ chùis-chùirte, chualas fianais aig aon neach-fianais air fhichead. Thuirt aon fhear gum fac’ e seachd duine fichead armaichte aig Seumas dà bhliadhna roimhe ann am Baile Chè agus gun robh pìobaire aig an ceann. Bha esan agus feadhainn eile a-mach air na ‘h-Egyptians’ agus gun robh cà nan eile aca a bharrachd air a’ Ghà idhlig.Ìý
Bha Seumas agus fear eile, Seumas Gòrdan, air am faighinn ciontach agus chaidh binn-bhà is a chur orra. Thuirt am britheamh gur e ‘Egyptian and vagabond’ a bh’ ann an Seumas agus gun cailleadh e a bheatha air a’ chroich air an t-siathamh latha deug dhen t-Samhain eadar dà uair agus trì uairean feasgar. Bha an latha is uair sin air an taghadh leis gur e latha-margaidh a bh’ ann agus bhiodh sluagh mòr anns a’ bhaile. Bhiodh a’ chroich air a togail a dh’aona-ghnothach ri taobh crois na margaidh ann am meadhan Bhanbh.
Thugadh binn eadar-dhealaichte air triùir eile – ‘three young rogues’. Bha an cluasan air an gearradh dhiubh, bha iad air an losgadh air an gruaidhean agus bha iad air an cuipeadh tro shrà idean Baile Bhanbh. B’ e sin ‘ceartas’ aig an à m sin.
Thà inig latha a’ chrochaidh. Agus thachair rud iongantach, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: ceatharnach: freebooter; Seumas Mac a’ Phearsain: James MacPherson; bùidsear: butcher; a chlaidheamh: his sword; teà rmann: sanctuary; Baile Chè: Keith; ceartas: justice.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: sa phrìosan ann an Obar Dheathain: in prison in Aberdeen; bha buidheann a’ feuchainn ri a shaoradh: a group was trying to free him; thòisich e fhèin is co-ogha Sheumais air sabaid le chèile: he and James’s cousin to fight with each other; thug X ball-aodaich aige dheth: X took an item of clothing off; chuir e timcheall a’ bhùidseir e: he put it around the butcher; thug an cù ionnsaigh air a mhaighstir fhèin, seach air X: the dog attacked its own master, instead of X; rinn e uiread de chron air X ʼs gum b’ fheudar dha an strì a leigeil seachad: he damaged X so much that he had to give up the struggle; bha ùghdarrasan a’ bhaile air ribeanan de chlò a chur mar lìon thar: the town authorities had put ribbons of material like a netting across; a’ dèanamh air Bà ideanach far am biodh iad sà bhailte: making for Badenoch where they would be safe; thilg boireannach plaide thairis air bho uinneag gu h-à rd: a woman threw a blanket over him from a window above; cuide ri feadhainn eile dhen sgioba aige: along with some others of his crew; air beulaibh Siorram Bhanbh: in front of the Banff sheriff; riochdaire aig ceann-cinnidh nan Granndach: a representative of the clan chief of the Grants; chaidh diùraidh a thaghadh: a jury was chosen; chualas fianais aig aon neach-fianais air fhichead: evidence was heard from 21 witnesses; chaidh binn-bhà is a chur orra: they were sentenced to death; gun cailleadh e a bheatha air a’ chroich: that he would lose his life on the gibbet; bhiodh sluagh mòr anns a’ bhaile: a large amount of people would be in the town; bhiodh a’ chroich air a togail a dh’aona-ghnothach ri taobh crois na margaidh: the gibbet would be built deliberately beside the mercat cross; bha iad air an losgadh air an gruaidhean: they were burned on their cheeks.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: gun robh cà nan eile aca a bharrachd air a’ Ghà idhlig: that they spoke another language in addition to Gaelic. It’s not clear if this other language was Cant (with a strong Romany influence) or the Beurla Reagaird, a language (now known to few) which was spoken exclusively by the Highland traveller community who also spoke Gaelic.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: cha deach leis: he didn’t succeed.
Broadcasts
- Sun 9 Jun 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 12 Jun 2019 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.