Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1036

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1036. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 29 May 2019 23:00

Clip

Litir 1036: An Giuthas Bunya

Tha an Giuthas Bunya gu math cunnartach do mhac an duine. Giuthas Bunya? Nach e craobh a tha sin? Uill, ʼs e, agus tha e gu cinnteach cunnartach. Ach chan ann air sgàth ʼs gu bheil e puinnseanta.

Tha a’ chraobh – am Bunya Pine – a’ fàs ann an Tìr na Banrigh ann an Astràilia. Bha mi ann a sin o chionn ghoirid – anns a’ phrìomh bhaile, Brisbane. Thachair mi ri buidheann de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann. Mo bheannachd aca airson a bhith ag ionnsachadh ar cànain.

Tha an Giuthas Bunya gu math mòr. Bidh e a’ ruigsinn caogad meatair ann an àirde. Tha na duilleagan righinn agus biorach. Tha na cnothan a bhios a’ nochdadh oirre blasta agus beathachail. Dh’fheuch mi feadhainn a bh’ air an ròstadh. Bha iad car coltach – ann am blas agus cruth – ri measgachadh de chnò-bhrasail agus buntàta.

Thuirt mi aig toiseach gnothaich gu bheil a’ chraobh cunnartach. Ciamar? Uill, bidh na cnothan a’ nochdadh ann am measan – durcain – a tha cianail mòr is trom. Tha na durcain a’ coimhead car coltach ri anann no pineapple. Nuair a bha mi a’ coimhead air a’ Ghàidhlig air pineapple, lorg mi ubhal-giuthais aig Dwelly. Saoil am fac’ Eideard còir Giuthas Bunya? Tha ‘ubhal-giuthais’ a’ dèanamh ciall dhomh, an dèidh dhomh an Giuthas Bunya fhaicinn.

Bidh na durcain suas ri deich cileagram ann an cuideam. Ma thuiteas fear caogad meatair à geug, dh’fhaodadh e cur às do dhuine le bhith a’ sgàineadh a chinn. Agus bidh iad a’ tuiteam gu h-obann, gun rabhadh. Chan aithne dhomh gun deach duine a mharbhadh le durcan Bunya, ach chaidh feadhainn a chur don ospadal.

Thathar a’ smaoineachadh gun robh dìneasaran ag ithe chnothan bunya oir tha a’ chraobh gu math math sean. Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil, bha agus tha na tùsanaich gu math measail orra. Bhiodh na fineachan a’ tighinn cruinn còmhla aig amannan àraidh – a h-uile trì bliadhna – airson na cnothan Bunya a chruinneachadh agus ithe. B’ iad na Beanntan Bunya an t-àite as cumanta ʼs a bhitheadh iad.

B’ e sin àm airson gàirdeachas agus carthannas, nuair a bhiodh pòsaidhean agus ceanglaichean eadar fineachan air an cur air dòigh. Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a dhà (1842), chaidh stad a chur air leagail nan craobh seo ann an sgìre ann an ceann an earra-dheas Tìr na Banrigh, a chionn ʼs gun robh iad cho prìseil. 

An-diugh, bithear a’ cumail fhèilltean ann an co-cheangal ris a’ Ghiuthas Bunya, far am bithear ag ithe biadh dùthchasach. Agus chan iad na tùsanaich a-mhàin a tha measail air cnothan Bunya. Tha feadhainn a-nise gan cur gu feum air muin pizza agus airson pesto a chruthachadh!

A bharrachd air cnothan Bunya a ghabhail, dh’ith mi biadh dùthchasach eile fhad ʼs a bha mi ann an Tìr na Banrigh. B’ e sin nàdar de ghiomach air a bheil Moreton Bay Bug. Tha e nas blasta na ainm, ach chòrd a’ chnò Bhunya rium na b’ fheàrr – agus bha i an-asgaidh! Bha am Bug math gu leòr, ach ʼs fheàrr leam na muasgain-chaola againn fhìn.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Giuthas Bunya: Bunya Pine; gu cinnteach: certainly; Tìr na Banrigh: Queensland; righinn agus biorach: tough and sharp; durcan: pine cone; air muin: on the top of; an-asgaidh: free of charge.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: cunnartach do mhac an duine: dangerous to people; air sgàth ʼs gu bheil e puinnseanta: because it is poisonous; mo bheannachd aca airson a bhith ag ionnsachadh ar cànain: my blessing on them for learning our language; anns a’ phrìomh bhaile: in the capital city; a’ ruigsinn caogad meatair ann an àirde: reaching fifty metres in height; tha na cnothan blasta agus beathachail: the nuts are tasty and nutritious; dh’fheuch mi feadhainn a bh’ air an ròstadh: I tried some that were roasted; measgachadh de chnò-bhrasail agus buntàta: a mix of brazil nut and potato; an dèidh dhomh X fhaicinn: after I had seen X; suas ri deich cileagram ann an cuideam: up to ten kilograms in weight; ma thuiteas fear caogad meatair à geug: if one falls fifty metres from a branch; dh’fhaodadh e cur às do dhuine le bhith a’ sgàineadh a chinn: it could kill a man by splitting his head; bidh iad a’ tuiteam gu h-obann, gun rabhadh: they fall suddenly, without warning; chan aithne dhomh gun deach duine a mharbhadh: I don’t know of anybody that was killed; thathar a’ smaoineachadh gun robh dìneasaran ag ithe X: it’s thought that dinosaurs were eating X; tha na tùsanaich gu math measail orra: the aborigines are very keen on them; bhiodh na fineachan a’ tighinn cruinn còmhla aig amannan àraidh: the clans would come together at particular times; chaidh stad a chur air leagail nan craobh: cutting down the trees was prohibited; bithear a’ cumail fhèilltean: festivals are held; far am bithear ag ithe biadh dùthchasach: where indigenous food is eaten; nàdar de ghiomach air a bheil X: a type of lobster called X; ʼs fheàrr leam na muasgain-chaola againn fhìn: I prefer our own prawns.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: tha a’ chraobh gu math math sean: the tree is very very old. One way of emphasising an adjective is to repeat it. We might say ‘bha an cofaidh làidir làidir’ (the coffee was very strong) or ‘bha am famhair mòr mòr’ (the giant was enormous). In the case of the adjectival qualifier gu math (‘very’), it can be strengthened by repeating ‘m²¹³Ù³ó’.Ìý

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Co-dhiù tha sin fìor gus nach eil: whether that is true or not.

Broadcasts

  • Sun 26 May 2019 23:30
  • Wed 29 May 2019 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast