Main content

An Litir Bheag 733

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 733. Roddy Maclean is back with this week's short letter for Gàidhlig learners.

Available now

4 minutes

Last on

Sun 2 Jun 2019 16:00

Clip

An Litir Bheag 733

Tha mi airson innse dhuibh mun cheatharnach ainmeil, Seumas Mac a’ Phearsain. B’ esan am fear a chruthaich Cumha Mhic a’ Phearsain no, ann am Beurla, MacPherson’s Lament. Rugadh e sa bhliadhna sia ceud deug, seachdad ʼs a còig (1675). Bha e an dà chuid cliùiteach agus mì-chliùiteach anns an ear-thuath airson a bhith na cheatharnach.

Chaidh Seumas a chur gu bàs air a’ chroich. Am measg nan casaidean na aghaidh, bha ‘being an Egyptian’. Cha robhar a’ ciallachadh ‘Èiphiteach’ ach ‘Siopsach’. ʼS dòcha gur e ‘neach-siubhail’ a chanamaid an-diugh.

Bha Seumas na mhac-dìolain aig uachdaran à Bàideanach – Donnchadh Mac a’ Phearsain à Inbhir Fhèisidh, taobh Loch Ìnnse. Thachair Donnchadh ri boireannach òg brèagha aig banais. Bha ise, a rèir beul-aithris, na Siopsach. Rugadh leanabh-gille dhi. Ghabh Donnchadh ris gum b’ esan athair a’ ghille.

Dh’fhàs Seumas gu bhith làidir, eireachdail. Bha e sgileil le claidheamh. Bha e cuideachd na fhìdhlear air leth, agus na sheinneadair.

Bha Seumas ri mèirle ann am bailtean mar Eilginn, Farrais agus Baile Chè. Ach cha robh e ri fòirneart. Cha robh e a’ dèanamh cron air banntraich no daoine bochda.

Ge-tà, dh’èirich droch naimhdeas eadar Seumas agus na h-uachdarain ann an Siorrachdan Mhoireibh, Bhanbh agus Obar Dheathain. Aon turas, chaidh Seumas a ghlacadh. Bha e ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chuir na h-ùghdarrasan boireannach brèagha air dòigh airson a ghlacadh. Bha laigse aige a thaobh nam ban. Dh’iarr an tè seo air Seumas coinneachadh rithe airson èisteachd ri ceòl na fìdhle. Choisich e a-steach do ribe. Chaidh a chur an grèim le oifigearan lagha.

Bha Seumas sa phrìosan ann an Obar Dheathain. Ach ghabh am boireannach òg dàrna beachd air na rinn i. Bhruidhinn i ri fear Pàdraig MacIlleDhuinn a bha na mhèirleach ainmeil. Chuir esan fios gu Dòmhnall Mac a’ Phearsain, co-ogha Sheumais, ann am Bàideanach. Chuir iad buidheann saoraidh air dòigh agus rinn iad air Obar Dheathain.

Bhris iad a-steach don phrìosan. Fhad ʼs a bha iad a’ saoradh Sheumais, thòisich ùpraid taobh a-muigh a’ phrìosain. Dh’fheuch aon duine ri Seumas a chumail sa phrìosan. Ach fhuair e mu sgaoil mar a chì sinn an-ath-sheachdain. 

The Little Letter 733

I want to tell you about the famous freebooter, James MacPherson. He was the man who created Cumha Mhic a’ Phearsain or, in English, MacPherson’s Lament. He was born in the year 1675. He was both renowned and infamous in the north-east for being a freebooter.

James was put to death on the gibbet. Among the charges against him was ‘being an Egyptian’. It didn’t mean ‘somebody belonging to Egypt’ but ‘Gipsy’. Perhaps it’s ‘traveller’ we’d say today.

James was an illegitimate son of a laird from Badenoch – Duncan MacPherson from Invereshie, next to Loch Insh. Duncan met a beautiful young woman at a wedding. She, according to oral tradition, was a Gipsy. She gave birth to a son. Duncan accepted that he was the boy’s father.

James grew to be strong and handsome. He was skilful with a sword. He was also a terrific fiddler, and a singer.

James was involved in robbery in towns like Elgin, Forres and Keith. But he wasn’t involved in violence. He wasn’t harming widows or the poor.

However, a great enmity grew up between James and the lairds in Morayshire, Banffshire and Aberdeenshire. One time, James was caught. He was in Aberdeenshire. The authorities set up a beautiful woman to catch him. He had a weakness for women. This women asked James to meet her to listen to fiddle music. He walked into a trap. He was captured by law officers.

James was in prison in Aberdeen. But the young woman reconsidered what she had done. She spoke to one Peter Brown who was a famous robber. He sent intelligence to Donald MacPherson, James’s cousin, in Badenoch. They put together a rescue party and made for Aberdeen.

They broke into the prison. While they were freeing James, a commotion started outside the prison. One man tried to keep James in the prison. But he got free, as we’ll see next week.

Broadcast

  • Sun 2 Jun 2019 16:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast