Main content

Sùil air Spòrs 210315

Tha abairt sa Bheurla a their gu bheil thu a’ deasachadh airson fàilligeadh ma dh’fhàilligeas ort deasachadh agus tha mi a smaointinn gu bheil an gnàthas-cainnt sin gu math iomchaidh airson na tha Hearts air a dhèanamh air an t-seusan seo. Bha dùil aig mòran gur e Rangers a ghleidheadh an Championship - ’s dòcha gun robh iad fhèin dhen aon bheachd - ach ghabh Hearts grunn cho-dhùnaidhean cudromach air an t-samhradh seo chaidh a chiallaich gun tug iad an cothrom as fheàrr dhaibh pèin tilleadh air ais dhan Phrìomh Lìog ann an aon chruinn leum.

Sa chiad àite bha e cudromach gun tàinig Ann Budge air bòrd mar chathraiche. Chan e a-mhàin gun do chuir i dà mhillean gu leth not a-steach dhan chlub ach mar neach-gnothaich soirbheachail tha Budge air Hearts a ruith mar gnìomhachas sam bith eile san robh i an sàs. Mar sin eu-coltach ri Vladimir Romanov, a rinn uimhir de mhilleadh air a’ chlub an uair a bha esan aig an stiùir, tha sin a ciallachadh nach eil Budge a’ cosg sgillinn a bharrachd air na tha a’ tighinn a-steach gu Tynecastle.

Ghabh i co-dhùnadh cudromach eile Craig Levein a thoirt air ais gu Hearts mar stiùiriche ball-coise. Bha gu leòr sa ghèam a bha teagmhach mu bhith a’ toirt Levein air ais às dèidh mar a chaidh dha mar mhanaidsear na h-Alba agus gu sònraichte an uair a chaidh ruaig a chur air Gary Locke le Robbie Neilson a’ tighinn a-steach na àite mar choidse na sgioba. A rèir nan teagmhaich cha bhiodh ann an Neilson ach seòrsa de phupaid le Levein a’ tarraing na sreangannan air cùl a dhroma, ach chan ann mar sin a tha e air a bhith.

Chunna mi sin dhomh fhèin tràth air an t-seusan an uair a chlàr mi agallamh le Neilson mun iomairt a bha roimhe agus bha e follaiseach gur e coidse òg a bha seo le feallsanachd agus plana gu math cinnteach a thaobh na bha e a’ dol a dhèanamh. Dh’innis e dhomh mar a dh’atharraich e an treànadh gu dà uair, uaireannan trì tursan san latha le seiseanan Didòmhnaich cuideachd. Chan e treànadh cruaidh air an raon no san gym a tha an sin uile ach leasachadh pearsanta, obair bhidio agus deasachadh airson geamachan a tha a’ tòiseachadh madainn Dimàirt.

Bha e inntinneach cluinntinn cuideachd bhon sgiobair Danny Wilson a thubhairt nach robh esan air leasachadh pearsanta sam bith fhaighinn, fiù ’s an greiseag a bha e aig Liverpool, bho thàinig e troimhe na dheugaire aig Rangers. Seo pàirt dhen trioblaid a tha aig clubaichean ball-coise, chan ann a-mhàin an seo an Alba ach air feadh Bhreatainn gu lèir - tha cus dhiubh a’ smaointinn nach eil feum aig cluicheadairean air obair leasachaidh pearsanta aon uair ’s gum faigh iad gèam dhan chiad sgioba.

Chan eil àite aig an dòigh-smaointinn sin aig Tynecastle a-nise agus tha mi an amharas gur e sin cuideachd a bh’ air cùl a cho-dhùnaidh cluicheadairean eòlach leithid Jamie Hamill agus Ryan Stevenson a leigeil air falbh. Bha iad a’ cosnadh cus ach a thuilleadh air an sin bha iad cleachdte ri dòighean-obrach eadar-dhealaichte agus mura gabhadh iad ris an fheallsanachd ùr dh’fhaodadh e cron a dheànamh air an spiorad an luib a’ chòrr dheth na cluicheadairean.

Tha an aon phrionnsabal fìor mu chluicheadairean a tha Neilson air a thoirt a-steach. Gun teagamh sam bith bha làmh Levein ri fhaicinn ann a bhith a’ toirt dithis dheth na seann chluicheadairean a bh’ aige mar mhanaidsear Dundee United, Morgaro Gomis agus Prince Buaben, gu Hearts. Bha fios aca dè a gheibheadh iad bhon dithis sin agus a thaobh feadhainn eile leithid Osman Sow - a dh’fhaodadh a bhith air a dhol gu Hibs - Alim Öztürk agus Miguel Pallardo bha iad a rèir Neilson “briste.” Leis an sin bha e a ciallachadh gun robh iad air an slighe a chall mar chluicheadairean, ach bha miann aca feuchainn ri cùisean a chur ceart agus nas cudromaiche buileach bha iad deònach gabhail ri dòighean-obrach a’ choidse.

Tha latha sa bhuil. Tha an tiotal a-nis air a ghleidheadh mus tèid na gleocaichean air adhart agus tha Hearts mar-thà a’ deasachadh airson an ath sheusan an uair a tha an dà chlub mhòr eile, Rangers agus Hibs fhathast a' sporghail feuch cò aca a gheibh an cothrom eile tilleadh air ais dhan Phrìomh Lìog còmhla riutha. Cha robh e na iongnadh sam bith a chluinntinn gun robh Neilson air cùrsa coidsidh UEFA an uair a thàinig an naidheachd troimhe Didòmhnaich seo chaidh gun robh Hearts air an Championship a ghleidheadh; comharra eile air a’ mhiann leasachaidh a tha air a bhith follaiseach bho bhun gu bàrr aig Tynecastle fad na seusan. Tha deuchainnean nas dorra a' feitheamh orra an ath sheusan, ach gu socair, dìcheallach tha Hearts a’ tilleadh air ais nas làidire agus nas fallainne, a’ dearbhadh an t-seanfhacal Gàidhlig uair eile - Am fear a choimheadas roimhe, coimheadaidh e fada às a dhèidh.

Alba an cunnart rionnag Real Madrid a chall

Tha e do-chreidsinneach nach eil Alba air am balach òg Jack Harper aig Real Madrid a thaghadh airson na geamachan dearbhaidh aig an sgioba fo aois naoi bliadhn' deug. A rèir a' choidse Ricky Sbragia tha e ag iarraidh "cluicheadairean nas cruaidhe agus feadhainn a nì ruith." Nach eil e dòrainneach a bhith a' leughadh sin? Seo gille a tha air sia deug tadhal fhaighinn airson sgioba Juvenil aig Real Madrid air an t-seusan sa agus a tha air trì tadhail a chur sna geamachan aig an sgioba Spàinnteach san Champions League fo aois fichead bliadhna. Ach a rèir Sbragia 'se "luxury" a th' ann. Tha e a cur nam chuimhne an suidheachadh le Seumas McCarthy. An uair a bha e na bhalach og aig Hamilton Academical bha coidsichean Comann Ball-coise na h-Alba a' smaointinn gun robh e ro bheag airson cluiche airson Alba. Tha e a-nis aig Poblacht na h-Éireann agus chan eil teagamh nach biodh e air cluiche airson Alba nan robh an cothrom air a bhith aige. Le Caidreachas Ball-coise na Spàinn a-nis a' faicinn cothrom Harper a thoirt a-steach dha na sgiobaidhean òga acasan, a bheil sinn an cunnart an aon mhearachd a dhèanamh uair eile. Tha mi an dòchas nach eil.