Main content

Sùil air Spòrs 110415

Coltach ri mòran eile tha fadachd orm ri iar-chuairtean deireannach Cupa na h-Alba air an deireadh sheachdain seo tighinn. Sa chiad ghèam Disathairne tha cothrom eile aig Hibs faighinn gu cuairt dheireannach agus an Cupa a thogail airson a’ chiad uair bho 1902, ach cha bhith e cho furasta sin dhaibh an aghaidh sgioba na h-Eaglaise Brice. ’S dòcha gu bheil sgioba Peadar Houston air tuiteam air dheireadh san rèis airson na ‘play-offs’, ach tha làmh-an-uachdair air a bhith aig na Bairns sna trì geamachan an aghaidh na Hibees air an t-seusan sa - co-ionnan 3-3 agus a’ buinnig na dhà eile 1-0.

Tha an dara gèam an ath latha nas inntinniche buileach le Caley Thistle Inbhir Nis a’ feuchainn ri faighinn gu cuairt dheireannach a’ Chupa airson a’ chiad turas. San rathad orra tha Celtic a bhios an dòchas gur e iadsan a bhitheas sa chuairt dheireannach air an 30mh latha den Chèitean a’ toirt cothrom dhan mhanaidsear ùr aca Ronny Deila an seusan a thoirt gu ceann le bhith a’ togail an treas pàirt dhen trianaid de dhuaisean a tha air chothrom dhaibh.

A-rithist ge-tà tha mi an amharas gun toir sgioba Iain Hughes gèam cruaidh do Celtic. Tha iad air càch a chèile a chluiche trì tursan air an t-seusan sa agus chan eil Celtic ach air aon ghèam a ghleidheadh (1-0 aig an taigh san t-Samhain) le Caley Thistle a’ buinnig leis an aon sgòr aig toiseach na seusan ann an Inbhir Nis agus gèam eile a chrìochnaich tadhal an urra aig Pàirce Chaledonian air an deireadh sheachdain seo chaidh.

Tha mi an amharas gum bi an t-uamhas a’ crochadh air ciamar a làimhsicheas cluicheadairean Caley Thistle an latha mòr aca aig Hampden. Ged nach b’ ann aig a’ phàirce nàiseanta a chluich iad cuairt dheireannach Cupa an Lìog an-uiridh, shaoil mi gun tug e ro fhada mus tàinig iad a-mach às an t-slige aig Pàirce Celtic an aghaidh Obar Dheathain. Mar a tha fios againn chaidh an gèam sin gu leth-uair a bharrachd is breaban peanais mus d’ fhuair na Dons an làmhan air a’ Chupa agus feumaidh Caley Thistle a bhith beagan nas dàine an turas seo ma tha iad a’ dol a chur spòg sa chuibheall aig Celtic.

Chunna mi iad a-rithist an t-seachdain seo chaidh an aghaidh Obar Dheathain aig Pittodrie agus tha e follaiseach gu bheil iad ag ionndrainn Billy Mckay bho ghluais e gu Wigan Athletic. Gu h-annasach chan eil Mckay air gèam a thòiseachadh bho chaidh e gu deas agus ged a tha Marley Watkins cho luath ris a’ ghaoith chan eil an aon seòltachd aige mu choinneamh an tadhail ’s a bh’ aig an Èireannach. Leis an sin ’s dòcha gur e Edward Ofere, a fhuair an tadhal dhaibh Disathairne seo chaidh, a thòisicheas aig an aghaidh le Watkins a’ cleachdadh a chuid astar a’ tighinn a-staigh far na cliathaichean.

Mhothaich mi do dh’aon rud eile sa ghèam sin aig Pittodrie a bhios na dhragh do dh’Iain Hughes agus sin an àireamh thadhail a tha Caley Thistle a’ call bho saor-bhreaban is breaban-oisean. Chluich iad gu math nas fheàrr aig a’ chùl an aghaidh Celtic beagan làithean às dèidh sin, ach sna sia geamachan roimhne sin leig iad a-staigh ceithir tadhail bho saor-bhreaban is breaban-oisean, an aon àireamh sa bha iad air a chall bho shuidheachaidhean dhen aon t-seòrsa sna còig thar fhichead gèam roimhe sin.

Tha Celtic air deich tadhail a chur san dòigh sa thuige seo le Vigil van Dijk agus Jason Denayer gu sònraichte cunnartach sa bhogsa bheag; mar sin seo aon raon dhen phàirce a dh’fhaodadh a bhith cudromach. Ach ’s dòcha gur e fear gu math nas bige, Kris Commons, as buailtiche an cron as motha a dhèanamh air an sgioba Ghàidhealach. ’S toil le Commons na geamachan mòra aig Hampden agus cha chuireadh e iongnadh orm mura b’ ann aige a bhiodh am facal mu dheireadh Didòmhnaich seo tighinn uair eile agus gum bi Celtic a’ coimhead air adhart ri cuairt dheireannach an aghaidh Hibs fo stiùir fear dheth na seann chluicheadairean aca, Ailean Stubbs.

Sin mo chuid fàidheadaireachd sa ma-tà ach mar a thubhairt Jock Stein ’s e a' bruidhinn ro ghèam derbaidh an aghaidh Rangers - "’s e amadan a-mhàin a dhèanadh fàidheadaireachd air sgòr ann an gèam Old Firm", agus mar a tha deagh fhios agam tha comas aig ball-coise amadain a dhèanamh dhinn uile.

Ross County a' dearbhadh nan 'eòlaichean' ceàrr

Chan eil agad ach coimhead ri suidheachadh Ross County airson dearbhadh air an sin. Coltach ri mòran eòlaichean eile cha robh mi a’ faicinn dòigh air ais dhaibh às dèidh tuiteam gu bonn a’ Phrìomh Lìog, ach tha Jim Mac an t-Saoir, Billy Dodds agus na cluicheadairean air ar dearbhadh ceàrr ’s iad a-nis air ochd geamachan a bhuinnig a-mach às na naoi mu dheireadh, a’ ciallachadh gu bheil iad an ìre mhath sàbhailte bliadhna eile. Tha tòrr dheth sin an urra ris an sgioba coidsidh agus gu sònraichte Mac an t-Saoir a thug air a’ chathraiche Roy MacGriogair eòlaiche saidheans-spòrs, Ross Hughes a thoirt a-steach sa mhionaid a ghabh e thairis bho Derek Adams.

Chan eil teagamh nach eil na cluicheadairean nas futa na bha iad aig toiseach na seusan agus tha an fheadhainn ùra a thug e a-steach aig toiseach na bliadhna leithid Raffaele de Vita agus Craig Curran air diofar mòr a dhèanamh cuideachd. Sàbhailte airson seusan eile ma-thà? Deagh naidheachd airson ball-coise air a' Ghàidhealtachd ach bidh deagh fhios aig Mac an t-Saoir agus MacGriogair nach urrainn dhaibh cumail orra a' cutadh na sgioba letheach slighe tro gach seusan mar a tha iad air a dhèanamh thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh. Thuige seo tha iad air 34 cluicheadair a chleachdadh, barrachd air club sam bith eile san lìog, agus feumaidh iad iad fhèin a chur air stèidh nas seasmhaiche bho seo a-mach.

Gu mì-fhortanach ge-tà tha e fhathast ri fhaicinn an tairg County cùmhnant ùr dhan fhear-glèidhidh òg aca, an Leòdhasach Seumas MacLeòid, às dèidh dha a làmh a bhriseadh ann an seisean treànaidh. Bidh sinn an dòchas gum faigh e seachad air a' bhristeadh-dùil sin agus cleas Craig Gordon nach bi fada gus am faic sinn e air ais eadar na puist, cò aig a tha fios ’s dòcha airson sgioba air ais ann an Leòdhas.