Main content

Sùil air Spòrs 271214

An uair a thòisich mi air a’ cholbh seo a’ sgrìobhadh sia mìosan air ais ’s e a bha nam inntinn ach feuchainn ri rudeigin a bharrachd a chur ri samhradh, gu dearbh bliadhna mhòr de spòrs an seo an Alba. Eadar Geamachan a’ Cho-fhlaitheis agus Cupa Ryder chan fhacas bliadhna le uiread de thachartasan mòra spòrs air an starsach againn fhèin riamh roimhe agus chan eil teagamh nach e Glaschu 2014 a thug dhuinn na sgeulachdan as fheàrr dhen bhliadhna.

Bha uiread dhiubh ann ’s gu bheil e duilich taghadh a dhèanamh eadar an fheadhainn as fheàrr - Hannah Miley a’ dearbhadh a h-uile duine ceàrr uair eile san amar-snàmh, an coltas air aghaidh Daibhidh Murdoch an uair a rinn e an gnothach air Mìcheal Jamieson, na peathraichean Renicks anns an Iudo gun ghuth air a’ bhogsair òg Charlie Flynn a dhearbh gun robh e a cheart cho luath air a theangaidh ’s a bha e le dhùirn. Cò eile a bheireadh taing dha mhàthair airson a bhith a’ dèanamh a chuid nigheadaireachd às dèidh bonn òir a ghleidheadh? Chan eil mi cinnteach an d’fhuair John Inverdale aig a’ BhBC seachad air an agallamh sin fhathast!

Ach sin an seòrsa geamachan a bh’ ann, tachartas a ghlac aire an t-saoghail bhon chuirm fhosglaidh iongantach a bha sin aig Pàirce Celtic air an 23mh dhen Iuchar. Tha mi air obrachadh aig a’ phàirce sin iomadach turas aig geamachan mòra ball-coise san Champions League agus ged nach tig dad faisg air oidhcheannan ainmeil leithid na geamachan a ghlèidh Celtic an aghaidh Barcelona, Juventus is Manchester United, bha rudeigin sònraichte mun chuirm fhosglaidh sin a dh’innis dhuinn gum biodh an dà chuid na geamachan agus sgioba na h-Alba soirbheachail. Chitheadh tu sin ann an sùilean nan lùth-chleasaichean an uair a thàinig iad a-mach air a’ phàirce. ’S gann gum b’ urrainn dhaibh a chreidsinn an fhàilte a fhuair iad agus tha mi mionnaichte gun robh pàirt mhòr aige sin ri dhèanamh ris a’ bhrìog de bhuinn a chaidh a thogail sa chola-deug às dèidh sin.

Dhòmhsa ge-tà b’ e dithis (bhoireannach) nach d’fhuair bonn òir a bu mhotha a ghlac m’ aire 's a thug a-staigh orm na h-àirdean as urrainn dhut a ruighinn ma chuireas tu d’ inntinn ris. Bidh na h-eòlaichean daonnan ag ràdh nach d’fhiach a bhith a’ crìochnachadh san dara àite ann an spòrs sam bith. Nach tric a chluinneas tu an abairt - ‘First is first, second is nowhere.’ Uill, thalla thusa agus innis sin do Lynsey Sharp. Bha deasachadh uamhasach duilich aig Lynsey, nighean Cameron agus Carol Sharp - dithis a choisinn cliù aig Geamachan a’ Cho-fhlaitheis sna 80an - air thoiseach air Glaschu 2014. Bha lot air cùl a coise nach robh a' leigheas às dèidh obair-lannsa agus aig aon ìre smaoinich i fiù ’s stad a ruith às dèidh comhairle fhaighinn bho dhotairean gum faodadh i barrachd cron a dhèanamh orra fhèin nan cumadh i a’ dol.

Ach mar a tha fios againn a-nis cha robh sin ach pàirt dheth na trioblaidean aice. Bha i fortanach faighinn troimhe chun a’ chuairt dheireannaich dhen rèis 800 meatair mar tè dhen fheadhainn as luaithe a bha air call agus cha robh mòran againn a bha an làthair aig Pàirce Hampden an oidhche sin a bheireadh dòchas sam bith dhi faighinn faisg air na buinn sa chuairt dheireannach an ath-oidhch’ a-rithist. Mar a thurchair b’ e mìorailt a bh’ ann gum b’ urrainn do Lynsey ruith idir oir chuir i an oidhche sin seachad san ospadal ann am baile nan lùth-chleasaichean le snàthad na gàirdean às dèidh a bhith a’ cur a-mach fad na h-oidhche. Bhiodh gu leòr eile air an rèis a leigeil seachad agus bha a h-athair cho draghail mu deidhinn ’s gun do dh’fhuirich e air falbh bho Hampden an oidhche sin, ach bha i air a thighinn cho fada ’s air uiread a chur a-steach ’s nach robh i airson an cothrom agus an uair seo a leigeil seachad.

Mar sin leis na faclan a tha ainmeil a-nis - ‘Get out strong, commit’ sgrìobhte air cùl a làimhe thàinig Lynsey a-mach agus ruith i rèis a beatha a’ tighinn troimhe sa 100 meatair mu dheireadh airson crìochnachadh san dara àite air dheireadh air Eunice Sum à Kenya. Thàinig na deòir às dèidh dhi tighinn tarsainn air an loidhne agus bha e follaiseach gur e an t-eagal fàilligeadh mu choinneamh sluagh na h-Alba aon dheth na rudan a thug oirre ìre eile a ruighinn, sin agus na builean sna duilgheadasan a bha i air fhulang roimhe sin. An uair a tha thu air a bhith cho ìosal 's a bha Lynsey chan eil thu airson tilleadh air ais dhan àite dhorcha sin mas urrainn dhut idir agus dhearbh e rud eile dhòmhsa cuideachd a thaobh luchd-spòrs agus ’s e sin gum feum thu fàilleachdain airson a bhith soirbheachail. ’S e na dh’ionnsaicheas tu bho na h-amannan duilich a dhearbhas cho soirbheachail 's a bhitheas tu.

Agus tha sin gam thoirt gu rionnag eile nach do thog bonn ach a choisinn cliù agus urram a h-uile duine ris an do choinnich i thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh, Kerry Nic a' Phì à Cille Pheadair an Uibhist a Deas. Tha e iongantach a bhith a’ smaointinn nach eil ann ach beagan is trì bliadhna bho chuala sinn mu dheidhinn Kerry an toiseach air prògram Spòrs na Seachdain ’s i a’ gabhail pàirt ann an rèis triathlon agus nas iongantaiche buileach nach eil ann ach bliadhna bho thionndaidh i a h-aire gu spòrs baidhsagal, gu sònraichte farpaisean baidhsagal beinne.

B’e an t-amas aig Kerry faighinn dhan sgioba rothaireachd airson Geamachan a’ Cho-fhlaitheis agus rinn i sin agus mura b’e ’s gun robh i fhèin san ospadal seachdain no dhà ro na geamachan tha mi an amharas gum biodh i air crìochnachadh nas àirde san rèis aice. Ach a-rithist ga leantail aig Bruaichean Chathkin thàinig e a-staigh orm na sgilean a dh’fheumas a bhith agad airson a bhith soirbheachail ann an spòrs. Chan e dìreach a bhith fut an aon rud a tha a dhith ort; feumaidh d’ inntinn a bhith a cheart cho fallain agus làidir. Ann an dòigh tha e nas fhasa do bhodhaig a chumail fut ach ’s e an rud a bheir ceum nas fhaide thu co-dhiù a tha an neart inntinn agus am miann agad an ìre às àirde a ruighinn.

Tha sin aig Kerry ann am pailteas agus tha mi cinnteach gun cluinn sinn barrachd mu deidhinn sna bliadhnaichean a tha romhainn a’ tòiseachadh le Geamachan nan Eileanan ann an Jersey air an t-samhradh seo tighinn. Tha na h-èibhleagan mu dheireadh dhen t-seann bhliadhna gu dhol às ach cha tig dìochuimhn’ gu bràth air 2014, a’ bhliadhna a chuir Glaschu agus Alba fa chomhair an t-saoghail ann an dòigh nach fhacas riamh roimhe. Bliadhn’ Ùr Mhath Spòrsail dhuibh uile an uair a thig i.