鶹Լ

Bidh sinn a' cur feum air diofar rudan bho bhiadh mar a bhios sinn a' fàs. Tha feumalachdan sònraichte aig leanabain, clann agus deugairean a thaobh biadh airson gum fàs iad, gun ionnsaich iad agus gum bi iad sunndach.

Tha diofar fheumalachdan mathachaidh againn aig gach ìre de ar beatha.

Leanabain (0-2 bhliadhna)

  • Bidh leanabain a' gabhail bainne nuair a thèid am breith agus nuair a bhios iad sia mìosan, bidh iad ag ionnsachadh mar a ghabhas iad biadh eile.
  • An toiseach, bidh iad a' gabhail biadh bog no pronn chionn chan eil fiaclan gu leòr aca fhathast airson cagnadh.
  • Bu chòir iomadh seòrsa bìdh a thoirt do leanabain airson gum bi iad eòlach air iomadh blas.
  • Cha bu chòir dhaibh ach glè bheag de shalainn a ghabhail.

Clann (3-12 bliadhna)

  • Tha na fiaclan gu lèir aig clann agus bu chòir dhaibh a bhith ag ithe iomadh seòrsa bìdh.
  • Feumaidh iad carbohaidreatan airson lùth, agus bu chòir dhaibh biadh a ghabhail anns nach eil cus siùcair no salainn.
  • Bu chòir do chlann uisge gu leòr òl gach latha.
  • Cuidichidh na rudan sin a' chlann gu faighinn air adhart gu math nan obair-sgoile agus ann an cur-seachadan.

Deugairean (13-19 bliadhna)

  • Feumaidh daithead chothromaichte a bhith aig deugairean.
  • Tha bodhaig deugaire a' faighinn deiseil airson a bhith na inbheach. Feumaidh iad connadh math a thoirt dha na bodhaigean aca bhon a tha iad a' fàs agus ag atharrachadh.
  • Tha e cudromach gum fàs deugairean cleachdte ri dòighean ithe fallain a leanas riutha nuair a bhios iad nan inbhich.
  • Bu chòir dhaibh a bhith a' gabhail rud bho na còig buidhnean bìdh agus a bhith ag amas air targaidean mar còig cuibhreannan lusan is mheasan gach latha.
  • Bu chòir do dheugairean a bhith ag òl eadar sia agus ochd glainneachan uisge san latha.

Feumaidh sinn biadh anns a bheil tòrr mathachaidh agus lùth aig gach ìre fàis.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Leanabh ag ithe bho spàin, Leanabain (0-2 bhliadhna) Bidh leanabain a' gabhail bainne nuair a thèid am breith. Nuair a bhios iad sia mìosan, tòisichidh iad ag ionnsachadh mar a ghabhas iad biadh eile. An toiseach, bidh iad a' gabhail biadh bog no pronn.

Na gheibh sinn bho bhiadh sònraichte

Leanabain

  • Tha òٲ agus iarann ann am feòil, iasg agus uighean, a dh’fheumas leanabain airson fàs agus airson tighinn air adhart. Gheibh iad cuideachd òٲ bho phònairean agus bho leantailean. Tha iarann ann an cuid de ghràn bracaist, lusan dorcha uaine agus pònairean.
  • Tha leanabain a' faighinn beothaman A agus beothaman C bho mheasan agus lusan airson an cuideachadh a' sabaid bhitheagan. Tha beothaman A math dhan chraiceann agus dha na sùilean. Tha beothaman C a' cuideachadh le bhith a' sùghadh iarann bho bhiadhan eile.

Clann

  • Tha calcium a' cuideachadh le bhith a' dèanamh chnàmhan làidir, fallain. Tha e ann am bainne agus ann am bathar bainne mar iogart agus càise.
  • Tha aran ruadh, cuid de ghràin agus lusan làn freumhaig a tha a' cuideachadh gu biadh a chnàmh.

Deugairean

  • Tha biadh anns a bheil potasium, mar bloinigean-gàrraidh agus buntàta milis math airson cridhe fallain agus bruthadh fala.
  • Tha cnothan agus abhocadothan làn magnesium a bhios a' cuideachadh le pian ann an cnàmhan a tha a' fàs. Tha seo uabhasach feumail aig an ìre seo de ar beatha chionn bidh ar bodhaig a' fàs gu luath aig amannan.

Faclan feumail

  • à – a' briseadh sìos biadh nar bodhaigean airson gum faigh sinn am mathachadh.
  • Daithead – na bhios sinn ag ithe agus ag òl.
  • Mathachadh – na rudan a th' ann am biadh agus a' bhuaidh a tha aca air ar bodhaigean.
  • ʰòٲ – biadh a bhios a' togail fhèithean fallain agus a' leigeil le ar bodhaigean fàs agus iad fhèin a leigheas. Biadh mar iasg, feòil, pònairean, pòran-cochaill agus uighean.
  • Carbohaidreatan – biadh a bhios a' cumail an ìre lùth againn suas, mar aran, rus, pasta agus buntàta.
  • Geir – biadh a tha na stòr lùtha mar ìm, margarain agus ola a' chroinn-ola.
  • Freumhag – biadh a chuidicheas gus biadh eile a ghluasad tro ar bodhaigean, mar aran ruadh agus brocail.
  • Beothamain agus mèinnearan – tha iad seo ann an tòrr bhiadhan. Bidh iad a' cuideachadh gach pàirt dhen bhodhaig gu bhith ag obrachadh ceart agus a bhith fallain. Tha potasium, magnesium agus calcium nan eisimpleirean de mhèinnearan. Tha A, C, D agus B6 nan eisimpleirean de bheothamain.
  • Biadh pàiste - biadh a tha furasta do leanabain a ghabhail nuair a tha iad a' fàs cleachdte ri biadh mean air mhean.

Feuch air na ceistean seo agus faic dè as aithne dhut mu bhiadh aig diofar ìrean de ar beatha.

ù

An dèan thu dealbh de dhinnear fhallain do naoidhean, leanabh no deugaire?An tèid agad air biadh a chur ann sa bheil calcium?

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic