鶹Լ

A h-uile latha bidh sinn a' sadail às nan tunnaichean de bhiadh. Carson a tha sin agus ciamar a chuireas sinn stad air?

Carson a bhios sinn a' caitheamh biadh?

Bidh biadh a' dol dhan bhiona oir:

  • Bidh sinn a' ceannach barrachd na dh'fheumas sinn.
  • Bidh sinn a' bruich agus a' lìonadh nan truinnsearan againn le barrachd 's na dh'itheas sinn.
  • Cha bhi sinn a' cleachdadh biadh mus tèid an deit aige seachad.
  • Cha bhi sinn a' stòradh biadh mar bu chòir agus thèid e a dhìth nas luaithe na bu chòir.

A' stòradh biadh

Ma thèid biadh a stòradh ceart, mairidh e nas fhaide. Seo eisimpleirean:

  • Feumaidh tu aran a chumail ann an àite fionnar, dorcha.
  • Tha e nas fhèarr leiteas a chumail ann an drathair sailead sa frids.
  • Bu chòir càise a chòmhdach agus a chumail fionnar sa frids.

Cliog tron taisbeanadh gu h-ìosal agus faigh a-mach dè bu chòir dhut a stòradh anns gach àite.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, Frids làn mheasan agus lusan, Frids Bu chòir bainne, ìm, iogart, feòil, iasg agus lusan a bhith sa frids airson an cumail fionnar agus ùr.

Dèan todhar!

Ged a bhiomaid a' feuchainn gun chàil a chaitheamh, uaireannan bidh corran bìdh againn. Mus cuir sinn dhan bhiona iad airson an cur dhan talamh, bu chòir dhuinn stad agus smaoineachadh air… todhar!

Dè th' ann an todhar gàrraidh?

  • Bidh todhar gàrraidh air a dhèanamh nuair a lobhas agus a bhriseas biadh sìos agus a thèid e na ù.
  • Tha e furasta biona todhar gàrraidh a dhèanamh bho bhiona plastaig le tuill ann.
  • Lìon am biona airson todhar gàrraidh le corran mheasan, lusan, feur air a ghearradh agus stuth sam bith eile às a' ghàrradh. Faodaidh tu cuideachd pocannan-teatha agus cnapan pàipeir a chur ann.
  • Chan fhaodar corran bho stuthan bheathaichean mar feòil a chur dhan mhòr-chuid de bhionaichean todhar gàrraidh.
  • An ceann ùine brisidh an sgudal sìos agus thèid e na ù a bhios làn mathachaidh.
  • Tha an ù seo math airson lusan ùra fhàs. Dh'fhaodadh tu an todhar gàrraidh a chleachdadh airson lusan fhàs dhut fhèin.
Biona todhar gàrraidh le biadh agus stuth às a' ghàrradh
Image caption,
Faodaidh measan, lusan, feur air a ghearradh agus stuth eile às a' ghàrradh a dhol ann am bionaichean todhar gàrraidh.

Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach dè nas aithne dhut mu chaitheamh bìdh.

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic