鶹Լ

Fàsaidh diofar bhiadhan nas fheàrr aig diofar amannan dhen bhliadhna.

Dè th' ann an ràithean?

  • Tha ceithir ràithean ann am bliadhna: an t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh.

  • Chan e an aon seòrsa sìde a th' againn anns gach ràith oir tha an Talamh, a' phlanaid air a bheil sinn a' fuireach, a' gluasad timcheall na Grèine.

  • Tha an Talamh ag aomadh. As t-samhradh, bidh an tuath ag aomadh a dh'ionnsaigh na Grèine. Tha sin a' ciallachadh gu bheil barrachd solais ann an dùthchannan mar Alba as t-samhradh. Tha an latha nas fhaide againne as t-samhradh agus tha an t-sìde nas blàithe. Sa gheamhradh, bidh ceann a tuath na Talmhainn ag aomadh air falbh bhon ghrèin. Mar sin tha na làithean nas giorra ann an Alba sa gheamhradh agus tha an t-sìde nas fhuaire.

Biadh ràitheil

Cuibheall le na ràithean sgrìobhte air agus dealbhan de bhiadh ràitheil

Dè th' ann am biadh ràitheil?

  • Canaidh sinn biadh ràitheil ri biadh ùr a tha deiseil son ithe san ràith aige fhèin.
  • Mar eisimpleir, tha subhan-craoibh à Alba sùghmhor agus blasta as t-samhradh agus toiseach an fhoghair. Cha bhi subhan-craoibh fhiadhaich a' fàs ann an Alba sa gheamhradh oir tha e ro fhuar.
Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Currain, Currain - Earrach Tha currain againn fad na bliadhna ach tha iad nas fheàrr as t-earrach.

A bheil a h-uile biadh ràitheil?

Chan eil a h-uile biadh ràitheil. Tha ڱò agus bathar bainne ann fad na bliadhna. Tha crodh gam bleoghan agus bidh cearcan a' breith eadar am Faoilleach agus an Dùbhlachd.

Mangothan air craobh
Image caption,
Bidh measan tropaigeach, mar mangothan, a' fàs ann an dùthchannan nas blàithe mar Brasil

Teicneòlas agus còmhdhail

An-diugh thèid againn air iomadh biadh a cheannach agus ithe fad na bliadhna. Tha teicneòlas agus còmhdhail a' ciallachadh nach fheum biadh nochdadh san ràith aige fhèin.

  • Gabhaidh biadh a ghluasad air feadh an t-saoghail ann an à𲹲, àٲ𲹲 agus fiù 's air èԲ𲹲.
  • Bidh tuathanais a' cleachdadh thaighean-glainne mòra airson an teòthachd a chumail ceart gus am bi iad math airson rudan fhàs. Sin as coireach gun urrainn dhuinn ܲ󲹲-à agus corra-mhitheagan a cheannach sa gheamhradh nuair nach fàs iad gu nàdarra a-muigh.
  • Bidh measan tropaigeach a' tighinn à àitichean le gnàth-shìde theth mar Àisia, Ameireaga Laidinneach agus Afraga. Tha a' mhòr-chuid dhe na h-anainn againn a' tighinn à Costa Rica. Tha mangothan a' tighinn dhan RA à iomadh dùthaich mar Brasil, Peru, Ceinia, Uganda, Pagastan agus Bangladeis.
Mangothan air craobh
Image caption,
Bidh measan tropaigeach, mar mangothan, a' fàs ann an dùthchannan nas blàithe mar Brasil

Buannachdan bhiadhan ràitheil

  • Tha blas nas fheàrr air biadh a tha a' fàs san ràith nàdarra aige.
  • Tha biadh ùr, blasta a dh'fhàs gu h-ionadail nas saoire a cheannach.
  • Tha biadh ràitheil nas fheàrr dhan àrainneachd.

An àrainneachd

Airson gum bi biadh ri fhaighinn fad na h-ùine, tha tòrr lùth, a bhios a' cruthachadh CO2, air a chleachdadh ga fhàs agus ga ghiùlan. Tha an gas taigh-glainne seo a' dèanamh cron air an àrainneachd.

Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach nas aithne dhut mu bhiadh ràitheil.

ù

Dèan mìosachan de bhiadh ràitheil. Sgrìobh mìosan na bliadhna agus dèan dealbh de bhiadh fallain a tha san ràith aige fhèin sa mhìos sin.

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic