Â鶹ԼÅÄ

Turas a' bhìdh

Mus tòisich thu ag ithe na dinneir as fheàrr leat, an do smaoinich thu riamh… cò às an tàinig am biadh seo?

Nam bruidhneadh biadh, dh'innseadh e sgeulachdan inntinneach dhut mun turas iongantach a ghabh e gu do thruinnsear. Tha sgeulachd eadar-dhealaichte aig gach seòrsa bìdh.

Faclan feumail

  • paistiuraich – teasaich aig teòthachd glè àrd airson bitheagan a mharbhadh
  • bhat – tanca mhòr dham bi bainne ga dhòrtadh
  • cruithneachd – gràn a bhios ga fhàs ann an uireadan mòra ann an achannan agus a ghabhas a dhèanamh na fhlùr
  • fogharadh/buain – nuair a bhios an tuathanach a' cruinneachadh a' bhàrr às na h-achannan. Bidh tuathanaich a' cleachdadh inneal ris an canar inneal-fogharaidh airson an gràn a chruinneachadh bhon chruithneachd
  • taois – measgachadh bog de fhlùr, uisge agus beirm. Faodar taois a chumadh agus a bhruich na aran

Feuch air na ceistean seo agus faic dè cho eòlach 's a tha thu air turasan bìdh.

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic