鶹Լ

Neo-ionannachd shòisealtaDè tha an riaghaltas a' dèanamh mu neo-ionannachd ghnè?

Tha neo-ionannachd teachd-a-steach no eaconamach a' ciallachadh gu bheil cuid de dhaoine ann an Alba, mar anns a h-uile dùthaich, a' cosnadh barrachd na daoine eile. Tha tuarastal ìosal glè thric a' ciallachadh gu bheil daoine beò ann am bochdainn choimeasach.

Part of ܲ-òNeo-ionannachd

Dè tha an riaghaltas a' dèanamh mu neo-ionannachd ghnè?

Achd na Co-ionannachd (2010)

Ann an Alba agus anns an RA, tha laghannan agus buidhnean taic ann a tha ag amas air neo-ionannachd a bheagachadh thar diofar bhuidhnean.

Ann an 2010, chuir Pàrlamaid na RA Achd na Co-ionannachd (Equality Act) an gnìomh. Fo Achd na Co-ionannachd tha e an aghaidh an lagha a bhith a' dèanamh leiteachas ann an dòigh sam bith air rud a tha air a dhìon gu h-oifigeil. Tha naoi rudan ann a tha air an dìon fon achd seo:

  • aois
  • ciorram
  • atharrachadh è
  • leatrom agus fòrladh màthaireil
  • pòsadh agus com-pàirteachas sìobhalta
  • cinneadh (tha 'cinneadh' a' ciallachadh buidheann de dhaoine a tha gan aithneachadh fhèin a rèir an cinnidh, dath an craicinn no a rèir na dùthcha dham buin iad)
  • creideamh (a' gabhail a-steach eas-creideamh)
  • è
  • ò
Naoi nithean a tha air an dìon fo Achd Co-ionannachd 2010

Dè th' ann an leth-bhreith dhìreach?

Tha leth-bhreith dhìreach a' ciallachadh nach eilear a' dèiligeadh gu cothromach ri daoine air sgàth 's cò iad, mar eisimpleir, gun cuideigin fhastadh airson obair bhon as e boireannaich a th' annta.

Dè th' ann an leth-bhreith neo-dhìreach?

Tha leth-bhreith neo-dhìreach a' tachairt nuair a thathar a' dèiligeadh gu mì-chothromach ri cuideigin. Mar eisimpleir, ma tha sanas obrach a' lorg neach-reic le co-dhiù 8 bliadhna de dh'eòlas ann an reic, 's dòcha gun dèanadh sin leth-bhreith air sgàth aois bhon nach biodh na teisteanasan agus na sgilean riatanach aig daoine nas òige.

Coimisean na Co-ionannachd agus Chòraichean a' Chinne-daonna (EHRC)

Tha e an urra ri Coimisean na Co-ionannachd agus Chòraichean a' Chinne-daonna (Equality and Human Rights Commission no EHRC) a bhith a' dìon còraichean a' chinne-daonna agus co-ionannachd. Tha iad a' feuchainn ri aire dhaoine a tharraing gu Achd na Co-ionannachd airson dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach agus luchd-fastaidh, agus muinntir na dùthcha san fharsaingeachd, ga thuigsinn. Tha e an aghaidh an lagha nas lugha airgid a pàigheadh do chuideigin air sàillibh an è. A bharrachd air an seo, chan eil e ceadaichte a bhith a' dèanamh leiteachas air duine sam bith san àit'-obrach air sàillibh an è.

Related links