鶹Լ

Neo-ionannachd shòisealtaDè th' ann an neo-ionannachd teachd-a-steach?

Tha neo-ionannachd teachd-a-steach no eaconamach a' ciallachadh gu bheil cuid de dhaoine ann an Alba, mar anns a h-uile dùthaich, a' cosnadh barrachd na daoine eile. Tha tuarastal ìosal glè thric a' ciallachadh gu bheil daoine beò ann am bochdainn choimeasach.

Part of ܲ-òNeo-ionannachd

Dè th' ann an neo-ionannachd teachd-a-steach?

Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh dè th' ann an neo-ionannachd eaconamach agus na ro-innleachdan airson dèiligeadh ris?

What is economic inequality?

Cò ris a tha neo-ionannachd teachd-a-steach coltach ann an Alba?

Tha tòrr neo-ionannachd teachd-a-steach ann an Alba. A rèir Riaghaltas na h-Alba, tha an deich sa cheud de dhachaighean as motha teachd-a-steach ann an Alba le £1044 san t-seachdain (ro chosgaisean taigheadais) an taca ris an deich sa cheud as lugha de dhachaighean aig a bheil £267 san t-seachdain.

Dealbh a' sealltainn teachd-a-steach teaghlaich gach seachdain ro chosgaisean taigheadais (Alba 2021-22)

Dè an diofar a tha eadar cruaidh-bhochdainn agus bochdainn choimeasach?

Taighean falamh le sgudal air a chaitheamh air falbh

Tha diofar mòr eadar cruaidh-bhochdainn, a chithear ann an dùthchannan fo leasachadh far a bheil daoine a' strì ris na feumalachdan as bunaitiche fhaighinn, agus bochdainn choimeasach far a bheil daoine bochd an coimeas ri daoine eile, rud a tha nas cumanta ann an Alba agus anns an RA.

Ann an Alba chan eil aon mhìneachadh air leth ann airson bochdainn choimeasach. 'S e aon tomhas cumanta far a bheil daoine a' fuireach ann an dachaighean le teachd-a-steach a tha 60% nas lugha na an teachd-a-steach mheadhain (leth) anns a' bhliadhna sin. A rèir staitistigean Riaghaltas na h-Alba, bha 21% de shluagh na h-Alba (1.1 millean neach) beò ann am bochdainn eadar 2019 is 2022 an dèidh cosgaisean taigheadais.

Ann an 2022, bha an carthannas bochdainn an Joseph Rowntree Foundation a' meas gum feumadh neach singilte a-nis £25,500 a chosnadh sa bhliadhna airson faighinn gu ìre an teachd-a-steach as lugha. Dh'fheumadh cupall le dithis chloinne, agus an dithis ag obair, £43,400 a chosnadh eatarra.

Related links