鶹Լ

Neo-ionannachd shòisealtaDè tha ag adhbharachadh bochdainn?

Tha neo-ionannachd teachd-a-steach no eaconamach a' ciallachadh gu bheil cuid de dhaoine ann an Alba, mar anns a h-uile dùthaich, a' cosnadh barrachd na daoine eile. Tha tuarastal ìosal glè thric a' ciallachadh gu bheil daoine beò ann am bochdainn choimeasach.

Part of ܲ-òNeo-ionannachd

Dè tha ag adhbharachadh bochdainn?

Tha iomadh adhbhar ann airson daoine a bhith gam faighinn fhèin beò ann am bochdainn. Eadar cion-obrach fad-ùine agus cion gluasadachd shòisealta, faodaidh pàirt a bhith aig gach nì ann a bhith a' lùghdachadh teachd-a-steach an neach.

Buaidhean pàigheadh ìosal agus cion obrach fad-ùine

Cion-cosnaidh airson ùine fhada

Dithis fhireannach a' dol dhan Ionad-obrach

Airson cunntadh mar a bhith gun obair anns an RA, feumaidh tu a bhith air chomas obrachadh, a bhith a' lorg obair agus a bhith deiseil airson obair a ghabhail. Bidh daoine gun obair a' clàradh air-loidhne no faodaidh iad fònadh gu Jobcentre Plus.

Ma tha cuideigin gun obair airson ùine mhòr, 's dòcha airson barrachd is 12 mìosan, dh'fhaodadh gum bi iomadh duilgheadas aca. Mar eisimpleir, faodaidh cion-obrach fad ùine droch bhuaidh a thoirt air slàinte-inntinn, misneachd agus fèin-spèis. Faodaidh e cuideachd fiachan adhbharachadh, daitheat mhì-fhallain agus droch shlàinte chorporra.

Pàigheadh ìosal

'S e an Tuarastal Bith-beò Nàiseanta (National Living Wage no NLW) am pàigheadh as ìsle san uair a dh'fheumas luchd-obrach fhaighinn fon lagh. Bhon Ghiblean 2024 b' e £11.44 an reat do dhaoine a bha aois 21 no nas sine.

Tha còir aig luchd-obrach a tha fo aois 21 air Tuarastal Bith-beò Nàiseanta (NLW). Bidh reat an tuarastail gach uair a rèir an aois agus an e preantas a th' annta.

AoisReat bhon Ghiblean 2023Reat bhon Ghiblean 2024
21 agus nas sine£10.18£11.44
18 - 20£7.49£8.60
Fo 18£5.28£6.40
Preantas£5.28£6.40
Aois21 agus nas sine
Reat bhon Ghiblean 2023£10.18
Reat bhon Ghiblean 2024£11.44
Aois18 - 20
Reat bhon Ghiblean 2023£7.49
Reat bhon Ghiblean 2024£8.60
AoisFo 18
Reat bhon Ghiblean 2023£5.28
Reat bhon Ghiblean 2024£6.40
AoisPreantas
Reat bhon Ghiblean 2023£5.28
Reat bhon Ghiblean 2024£6.40

A dh'aindeoin an NLW/NMW, tha am pàigheadh ìosal ann an iomadh obair ann an còcaireachd, glanadh agus cùram. Glè thric, cha bhi daoine anns na h-obraichean sin a tha air an NLW/NMW a' cosnadh gu leòr airgid airson a h-uile sìon a phàigheadh. Canar gu bheil ann am "bochdainn le cosnadh" bhon nach eil an teachd-a-steach aca mòr gu leòr airson an togail a-mach à bochdainn.

Thuirt an Joseph Rowntree Foundation ann an 2023 gun robh leth mhillean neach ann an Alba beò ann am "fìor dhroch bhochdainn". Fhuair iad a-mach gu bheil e a' tachairt barrachd is barrachd far a bheil cuideigin san teaghlach ag obair, ach air a thoirt a-steach a bhochdainn, air sgàth cosgais taigheadais agus pàigheadh ìosal fad na h-ùine.

Cion foghlaim

'S e teisteanasan foghlaim aon dhe ne prìomh dhòighean anns am faigh daoine obair le pàigheadh math. Ann an Alba, mar anns a' mhòr-chuid de dhùthchannan, tha ìrean nas àirde ann am foghlam mar as trice a' ciallachadh ìrean nas àirde de thuarastal.

Air an làimh eile, glè thric bidh daoine aig nach eil mòran theisteanasan foghlaim no sgilean ga fhaighinn doirbh cothrom no obair fhaighinn le deagh phàigheadh. A rèir aithisg bho Riaghaltas na RA, choisinn ceumnaichean à oilthigh £10,000 sa bhliadhna a bharrachd air feadhainn nach deach dhan oilthigh ann an 2018.

Gun dachaigh

Tha obair le tuarastal math na aon dòigh a-mach à bochdainn, ach tha e doirbh obair fhaighinn nuair nach eil seòladh agad a chuireas tu air iarrtasan obrach.

Chan eil e idir furasta a bhith air do sgeadachadh gu sgiobalta, a bhith misneachail agus air do dheagh ullachadh airson agallamh obrach mura h-eil dachaigh agad. Tha e cuideachd doirbh fhios a bhith agad far an tèid thu a lorg obair nuair a tha thu a' strì airson do chumail fhèin beò gach là.

Gluasadachd shòisealta

Tha an teirm gluasadachd shòisealta air a chleachdadh gus cunntas a thoirt air mar a dh'fhaodas daoine an cor a leasachadh anns a' chomann-shòisealta. San fharsaingeachd, thèid aig daoine air an suidheachadh aca agus an teachd-a-steach a leasachadh ma tha foghlam math aca no sgil air choreigin. Ach, tha fianais ann bhon Sutton Trust a' sealltainn gu bheil ìrean ìosal de ghluasadachd shòisealta anns an RA – ma bheirear cuideigin ann am bochdainn, tha iad buailteach a bhith bochd fad am beatha.

Eaconamaidh gig

O chionn beagan bhliadhnaichean, tha obair ann an eaconamaidh gig air a dhol am meud (gu mu leth mhillean neach). Canar eaconamaidh gig ri obair a tha sealach le uairean neo-chunbhalach.

Do chuid a tha ag obair anns an eaconamaidh gig mar dhràibhearan no luchd-lìbhrigidh, faodaidh teachd-a-steach neo-chunbhalach a bhith a' ciallachadh nach eil iad a' cosnadh gu leòr airson cosgaisean a phàigheadh. Ach, faodaidh obair mar seo sùbailteachd a thoirt do dhaoine a thaobh uairean obrach agus lathaichean. Dh'fhaodadh seo a bhith na bhuannachd do dhaoine a tha a' coimhead às dèidh cuideigin anns an teaghlach, no a tha ann am foghlam làn-ùine.

Related links