Èٱ
Peata dìleas
Smaoinich mun earrainn air fad.
Question
Nad bheachd, càit an cluinneadh tu a leithid?
- Air prògram air 鶹Լ Alba mu Dhùn Èideann san latha an-diugh
- Ann am prògram rèidio mu bheathaichean fhiadhaich
- Air CD air a bheil sgeulachdan ainmeil à Alba
Air CD air a bheil sgeulachdan ainmeil à Alba.
Chan ann mu dheidhinn Dùn Èideann san latha an-diugh a tha an earrann. Cha robh Bobaidh na bheathach fiadhaich. Dh'fhaodadh gum biodh earrann mar seo air CD air a bheil sgeulachdan ainmeil à Alba. 'S e sgeulachd ainmeil Albannach a tha ann an stòiridh Bhobaidh.
Question
Nad bheachd, dè am prìomh amas a bha aig an earrainn?
- Fiosrachadh a thoirt seachad mu Bhobaidh
- Fiosrachadh a thoirt seachad mu Dhùn Èideann aig an àm a bha Bobaidh beò
- Fiosrachadh a thoirt seachad mu Abhagan Sgìtheanach
Fiosrachadh a thoirt seachad mu Bhobaidh.
Ged a tha an sgeulachd suidhichte ann an Dùn Èideann agus ged a tha i mu Abhag Sgìtheanach sònraichte, 's e Bobaidh fhèin cuspair na h-earrainn.
Question
Nad bheachd, dè cho soirbheachail 's a bha an earrann seo ann a bhith a' coileanadh a h-amais?
Ma thèid faighneachd dhut mu cho soirbheachail 's a bha teacsa ann a bhith a' coileanadh a h-amais, bu chòir dhut beachd pearsanta a thoirt seachad agus do bheachd a mhìneachadh.
Mar eisimpleir: Bha i glè shoirbheachail. Dh'inns an earrann dhomh carson a tha Bobaidh ainmeil chun an latha an-diugh.