Èٱ
Peata dìleas
Question
Dè rinn an teaghlach aig Iain Traill airson Bobaidh?
Thug an teaghlach aig Iain Traill biadh dhan chù bheag a h-uile latha aig uair feasgar.
Tha thu ag èisteachd airson an ainm Iain Traill agus tha fios agad gum bi fiosrachadh faisg air làimh.
Question
Ciamar a chuidich Pròbhaist Dhùn Èideann Bobaidh?
Cheannaich e cead-coin agus colar dha.
'S iad na faclan Pròbhaist Dhùn Èideann a bheir cuideachadh dhuinn am fiosrachadh a lorg bhon earrainn.
Question
Dè thachair air an 17mh latha den Fhaoilleach 1872?
Bha an naidheachd-bàis aig Bobaidh anns a' phàipear An t-Albannach.
Tha thu a' coimhead airson fiosrachadh a tha faisg air a' cheann-latha seachdamh latha deug den Fhaoilleach 1872.
Question
Càite an deach Bobaidh a thiodhlacadh?
Chaidh Bobaidh a thiodhlacadh ri taobh a mhaighstir ann an Cladh nam Manach Liath.
A-rithist tha thu ag èisteachd airson an abairt a thiodhlacadh agus cuideachd am facal Bobaidh.
Question
Carson a tha Bobaidh ainmeil air feadh an t-saoghail a-nis?
Anns na seasgadan, rinneadh film mu dheidhinn Bobaidh.
Tha am fiosrachadh faisg air na faclan ainmeil air feadh an t-saoghail.