Èٱ
Peata dìleas
Bheir an earrann seo cothrom dhut do sgilean èisteachd a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 4. Tha an earrann stèidhichte air cultar.
Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean.
Ceistean
Question
Cò bha ann am Bobaidh?
B' e cù beag a bha ann am Bobaidh, no Abhag Sgìtheanach.
'S e ceist gu math furasta a tha seo airson tòiseachadh. Faodaidh tu cù beag no Abhag Sgìtheanach a chur sìos. Ma tha teagamh sam bith agad a thaobh dè bu chòir dhut a chur sìos, tha e nas fheàrr an dà rud a chur sìos airson a bhith sàbhailte.
Question
Dè an ceangal a bha ann eadar Bobaidh agus Iain Glas?
B' e Bobaidh an caraid a b' fheàrr a bha aig Iain Glas.
Tha thu a' coimhead airson fiosrachadh a tha ag ainmeachadh ceangal eadar Iain Glas agus Bobaidh.
Question
Càite an deach Iain Glas no Seann Seoc a thiodhlacadh?
Ann an Cladh nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.
Tha thu a' coimhead airson an fhacail tiodhlacadh anns an earrainn airson fiosrachadh fhaighinn.
Question
Cia mheud a bha aig an tiodhlacadh?
Dithis agus cù.
1. An duine a fhuair lorg air Seoc. 2. Am fear-cladha. 3. Bobaidh fhèin.
Question
Carson a tha 14 bliadhna air ainmeachadh san earrainn?
Chùm Bobaidh faire aig uaigh a mhaighstir fad 14 bliadhna.
Feumaidh tu èisteachd airson nam facal 14 bliadhna agus an uair sin obrachadh a-mach carson a bha iad air an ainmeachadh.