Air ùrachadh: 25 An Cèitean 2018
Tha còraichean agad mu choinneamh do stuthan a bhith air an dubhadh às agus “còir an dìochuimhneachadh”. Tha seo a' ciallachadh gun urrainn dhut iarraidh gun tèid d' fhiosrachadh pearsanta a dhubhadh às.
Ma tha cunntas 鶹Լ agad
Faodaidh tu do chunntas 鶹Լ a dhubhadh às aig àm sam bith.
Dubhaidh seo às fiosrachadh pearsanta sam bith a th' againn mud dheidhinn nad chunntas. Tha e a’ ciallachadh gum bi dàta sam bith a chleachd thu air 鶹Լ air-loidhne a-nis air a dhèanamh neo-ainmichte.
Ma tha thu air dàta a' roinn leis a' BhBC air adhbharan nach eil ceangailte rid chunntas 鶹Լ, cha tèid an dàta seo a dhubhadh às dìreach le bhith a’ dubhadh às do chunntas. Mar eisimpleir, ma dh’iarras tu tiocaidean 鶹Լ Shows, Tours & Take Part, cumaidh na sgiobaidhean sin am fiosrachadh agad gus innse dhut mu thachartasan eile a dh'fhaodadh còrdadh riut (ach dìreach ma tha thu air seo iarraidh). Chan eil e a’ gabhail a-steach beachdan a dh’fhoillsich thu fhèin air-loidhne.
Dè mu dheidhinn fiosrachadh eile?
Tha seo a rèir an seòrsa fiosrachadh pearsanta a th' againn.
Uaireannan thèid againn air d' fhiosrachadh a dhubhadh às, ach aig amannan eile chan eil sin comasach, leithid ma tha an lagh ag innse dhuinn nach eil sin ceadaichte. Ma tha, gabhaidh sinn beachd air mar a thèid a chleachdadh.
Mus cur thu iarrtas thugainn, b’ fhiach sùil a thoirt air an stiùireadh gus tuigse fhaighinn air mar a bhios sinn a' dèiligeadh le sna sgeulachdan naidheachd againn, prògraman agus stuthan eile.
An uairsin, faodaidh tu brath a chur thugainn is beachdaichidh sinn air na h-adhbharan mu choinneamh na tha thu ag iarraidh oirnn a dhubhadh às.
Cuimhnich, nuair a thilleas sinn thugad, ‘s dòcha gu feum sinn nì-aithneachaidh air choireigin bhuat airson dearbhadh gur tu da-rìreabh a th' ann.
'S dòcha gum bi amannan ann far nach urrainn dhuinn d' iarrtas a choileanadh.