鶹Լ

Poileasaidh a' BhBC air ʰìDz󲹾𲹳 agus Cookies

Air ùrachadh: Giblean 2024

 

Dreach 3.3

1. Dè a tha anns a' phoileasaidh seo?

Tha am poileasaidh prìobhaideachd seo airson nuair a tha thu san RA (). Tha am poileasaidh seo ag innse dhut:

  • mun fhiosrachadh a dh’fhaodadh sinn a chruinneachadh mu do dheidhinn
  • mar a dh’fhaodadh sinn am fiosrachadh a tha sin a chleachdadh
  • mar a dh’fhaodadh sinn d’ fhiosrachadh a chleachdadh airson brath a chur thugad
  • mun fhiosrachadh a th’ againn mu do dheidhinn a dh’fhaodadh sinn a sgaoileadh
  • mu na roghainnean a th’ agad mun fhiosrachadh pearsanta a bheir thu dhuinn

CHUN A' MHULLAICH

 

2. Dè a tha am poileasaidh seo a' gabhail a-steach?

Tha am poileasaidh seo a’ gabhail a-steach  a th’ air an tabhann le Comhairle Craolaidh Bhreatainn.

Uaireannan tha seo a’ gabhail a-steach seirbheisean a th’ air an tabhann le pàirtean den bhuidheann a th’ air an ruith mar chompanaidhean air leth. Leithid:

鶹Լ World Service, , , 鶹Լ Global News, 鶹Լ Media Applications Technology, 鶹Լ World Service Trading and TV Licensing agus buidhnean carthannais a’ BhBC.

Cha thachair seo ach nuair a bhios na seirbheisean sin a’ ceangal chun phoileasaidh seo no ag innse dhut gu bheil e buntainneach.

Tha an urra riut fhèin dè am fiosrachadh a tha thu ag iarraidh. Nochdaidh mìneachadh nuair a dh'iarras sinn ort d' fhiosrachadh pearsanta a chur a-steach. A bharrachd air na tha sa phoileasaidh seo, dh'fhaodadh fios prìobhaideachd a bhith ceangailte ri seirbheis. Anns an fhios prìobhaideachd sin gheibhear fiosrachadh mu na bhios sinn a' dèanamh le d' fhiosrachadh pearsanta nuair a bhios tu a' cleachdadh an t-seirbheis sin. .

Dè nach eil air a ghabhail a-steach leis a’ phoileasaidh seo?

Aig amannan bidh ar seirbheisean a’ ceangal ri seirbheisean a th’ air an ruith le companaidhean eile, mar eisimpleir a’ cluich ceòl 鶹Լ Sounds air seirbheis ciùil mar Spotify. Tha am poileasaidhean prìobhaideachd is cookies fhèin aig na companaidhean sin, mar sin cuimhnich gum bi am fiosrachadh a bheir thu seachad a’ leantainn na riaghailtean acasan ’s nach e na riaghailtean againne.

Aig amannan bidh sinn a’ tairgsinn seirbheisean 鶹Լ do chompanaidhean eile, leithid duilleag 鶹Լ Radio 1 air YouTube no tro app 鶹Լ iPlayer air TBh ceangailte. Dèan cinnteach gun toir thu sùil air a' phoileasaidh prìobhaideachd aca gus am bi fios agad mu mar a thèid d' fhiosrachadh a chleachdadh.

CHUN A' MHULLAICH

 

3. Ciamar a bhios sibh a' dìon m' fhiosrachadh pearsanta?

Tha sinn fìor dhealasach ann a bhith a’ cumail d’ fhiosrachadh fhèin agus do theaghlach sàbhailte. Bidh sinn a’ dealbhachadh ar seirbheisean le prìomhachas air a thoirt do ur sàbhailteachd. Cuideachd tha sgiobaidhean sònraichte againn a bhios a’ coimhead às dèidh d’ fhiosrachadh agus do phrìobhaideachd.

Aig a’ cheart àm, chan urrainn seirbheis sam bith a bhith uile tèarainte - ma tha dragh ort gu bheil do  no d’ fhiosrachadh pearsanta ann an cunnart, me ma tha neach eile air d’ fhacal-faire fhaighinn, cuir fios thugainn sa bhad.

Far am bi sinn a’ stòradh d’ fhiosrachadh

Bidh cuid a chompanaidhean a bhios ag obair còmhla rinn a’ ruith sheirbheisean air taobh a-muigh Roinn Eaconomach na h-Eòrpa. Cha leig sinn leis an seo tachairt ach nuair a tha sinn riaraichte le na h-ìrean tèarainteachd aca. Nuair a bhios tu a’ toirt fiosrachadh pearsanta dhuinn, cuimhnich gum faodadh an fhiosrachadh seo a bhith air a ghluasad, a stòradh no a chleachdadh ann an àite a th’ air taobh a-muigh Roinn Eaconomach na h-Eòrpa. 

CHUN A' MHULLAICH

 

4. Dè an seòrsa fiosrachaidh a bhios am 鶹Լ a' cruinneachadh mu mo dheidhinn?

Bheir sinn fiosrachadh mu carson a tha am fiosrachadh pearsanta agad a dhìth oirnn agus mar a thèid a chleachdadh mus tòisich thu, mur a bheil e follaiseach.

a. Fiosrachadh a bhios tu a’ toirt dhuinn

’S dòcha gun iarr sinn d’ ainm agus d’ fhiosrachadh conaltraidh, do latha breith no d’ fhiosrachadh ionmhasail, a rèir dè a tha thu a’ dèanamh. Ma chuireas tu airson pàirt a ghabhail ann am prògram poilitigeach, mar eisimpleir, is dòcha gum faighnich sinn dhut mu do bheachdan poilitigeach. Dh’fhaodadh seo cuideachd gabhail a-steach fiosrachadh mu ìDz a chruthaich thu fhèin, leithid ainmean dhaoine a tha nochdadh anns a’ ìDz a tha sin.

Nuair a chlàras tu airson cunntas 鶹Լ, no a dh’ùraicheas tu d’ fhiosrachadh no do sheataidhean, iarraidh sinn fiosrachadh pearsanta, leithid do sheòladh post-d agus d’ aois.

b. Fios mu innealan

Tha innealan a’ ciallachadh leithid:

  • do choimpiutair
  • do mhobile
  • do ThBh
  • do thablaid
  • d’ inneal guth-stiùirichte

Bidh sinn a’ cruinneachadh cuid a dh’fhiosrachadh teicnigeach bho na h-innealan seo agus bho bhrobhsairean lìn fiù ’s ged nach biodh tu air do logadh a-steach gu cunntas 鶹Լ. Dh’fhaodadh seo na leanas a ghabhail a-steach:

  • seòladh IP (internet protocol)
  • ID inneal 
  • ID app 
  • ID reiceadair 
  • ID sanasachd 

c. Fiosrachadh mu àiteachan

Bidh sinn a’ cruinneachadh fiosrachaidh mu far a bheil thu nuair a chleachdas tu ar bathar agus ar seirbheisean. Tha seo gar cuideachadh gus faighinn a-mach co-dhiù a bheil thu ann an àite far a bheil seirbheisean ri fhaotainn, gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ coileanadh dhleastanasan a’ Chòir-sgrìobhte, agus gus feartan a bharrachd a thairgsinn fhad ‘s a thathar a’ cleachdadh ar bathar agus ar seirbheisean, leithid tuairmse aimsir airson an àite sa bheil thu an-dràsta.

Thèid an t-àite sa bheil thu a dhearbhadh aig ìre baile no mòr-bhaile a’ cleachdadh:

  • GPS 
  • Seòladh IP
  • Fiosrachadh mu tùir cealla agus puingean inntrigidh Wi-Fi a tha faisg air làimh

Tha an seòrsa àite (mar eisimpleir Dùthaich, Sgìre, Mòr-bhaile no Baile) a rèir dè am bathar no seirbheis a tha thu a’ cleachdadh, an t-inneal a tha thu a’ cleachdadh (mar eisimpleir Apple no Android) agus seataidhean d’ inneal (co-dhiù a bheil ceadan air no dheth). Faodaidh tu do cheadan a chur air no dheth aig àm sam bith ann an seataidhean d’ inneal. Leugh tuilleadh mu ciamar a tha apps a’ glacadh mo dhàta.

d. Fiosrachadh mu nar a bhios tu a' bruidhinn mar deidhinn air taobh a-muigh a' BhBC

Ma tha thu air ar n-ainmeachadh ann an teachdaireachd Twitter, cruinnichidh sinn d’ ainm Twitter.

e. Fiosrachadh air mar a bhios tu a' cleachdadh ar seirbheisean

Leithid na leugh thu agus na prògraman a bhios tu a' coimhead.

CHUN A' MHULLAICH

 

5. Dè cho fada 's a chumas am 鶹Լ m' fhiosrachadh pearsanta?

Nuair a bheir thu fiosrachadh pearsanta sam bith dhuinn innsidh sinn dhut dè cho fada ’s a chumas sinn e. Agus aig a’ cheart àm, cumaidh sinn ri na prionnsapalan a leanas:

  • cumaidh sinn d’ fhiosrachadh cho fada ’s a tha sinn a’ dèanamh na mhìnich sinn dhut no ma tha adhbhar sònraichte ann a chumail
  • bidh sinn a’ beachdachadh air an seòrsa fiosrachaidh a th’ ann, na chaidh a chruinneachadh, cho dìomhair ’s a dh’fhaodadh e a bhith agus iarrtasan laghail sam bith
  • bidh sinn a’ dealbhachadh ar seirbheisean gus nach bi sinn a’ cumail d’ fhiosrachadh càil nas fhaide na tha riatanach
  • ’s dòcha gun dùin sinn do chunntas 鶹Լ mur a bheil thu air a chleachdadh taobh a-staigh bliadhna. Cuiridh sinn post-d thugad ag innse gu bheil sinn an dùil seo a dhèanamh mus tèid càil a dhubhadh às, mar sin dèan cinnteach gun toir thu sùil a bheil sinn air puist-d a chur thugad mun seo

CHUN A' MHULLAICH

 

6. Ciamar is urrainn dhan a’ BhBC m' fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh?

Feumaidh adhbhar sònraichte a bhith againn airson d’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh. Tha “bun-stèidh laghail air làimhseachadh” a’ toirt cead dhuinn seo a dhèanamh. ’S dòcha gun iarr sinn cead ort fhèin airson cuid a rudan, nuair a fo-sgrìobhas tu airson puist-d mar eisimpleir. Aig amannan eile, nuair a bhiodh dùil agad gun cleachdadh sinn d’ fhiosrachadh pearsanta, chan iarr sinn cead ort, ach a-mhàin nuair:

Bidh sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh airson na leanas:

a. gus ar seirbheisean a sgaoileadh agus fiosrachadh a thoirt dhut mun deidhinn

b. gus dèiligeadh le d' iarrtasan, gearainean agus ceistean

c. gus dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh 鶹Լ iPlayer agus airson an stòr-data ceadachd ùrachadh agus a chumail ceart

d. gus seirbheisean a phearsanachadh agus barrachd a chòrdadh riut a thoirt thugad

Leigidh do chunntas 鶹Լ leat seirbheis air-loidhne a' BhBC a phearsanachadh. Tagh “Ceadaich Pearsanachadh” nuair a tha thu a' cruthachadh cunntas. Ma chruthaicheas tu cunntas agus tu fo aois 13 bidh do phearsanachadh dheth. Tha fiosrachadh mu mar a bhios tu a' cleachdadh ar seirbheisean air-loidhne air a cheangal ri fiosrachadh eile a bheir thu dhuinn airson seirbheis nas pearsanta a thoirt thugad.

Mura bheil thu airson ’s gun dèan sinn seo, faodar pearsanachadh a thionndadh dheth ann an seataidhean do chunntas. Chan fheum thu dad a dhèanamh ma tha thu fo 13 bliadhna a dh'aois. 

e. gus sanasachd iomchaidh a shealltainn dhut air làraich chompanaidhean eile

An tèid fios a chur thugam airson adhbharan margaidheachd?

f. gus ar cuideachadh tuigse fhaiginn air na seirbheisean a chleachdadh tu

Agus cuideachd mar a roinneas tu rudan le daoine eile

g. gus rudan a mholadh a tha sinn den bheachd a chòrdadh riut

Dè tha “Air a mholadh dhut” a’ ciallachadh?

h. gus sanasachd a shealltainn dhut nuair a chleachdas tu seirbheis 鶹Լ taobh a-muigh na RA

Dh’fhaodadh cuid dhen t-sanasachd seo a bhith air a dhealbh dhut.

i. airson rannsachadh agus rudan ùra fheuchainn

Chan e gearra-mhuc a th’ annad ach, le tuigse air mar a bhios tu a’ cleachdadh ar seirbheisean, dh’fhaodadh seo cuideachadh le bhith a’ cruthachadh teicneòlas ùr.

j. gus fios a chur thugad mu ghrunn rudan

Cuin a chleachdas am 鶹Լ m' fhiosrachadh airson brath a chur thugam?

CHUN A' MHULLAICH

 

7. Cuin a chleachdas am 鶹Լ m' fhiosrachadh airson brath a chur thugam?

’S dòcha gun cleachd sinn d’ fhiosrachadh gus brath a chur thugad mu dhiofar rudan, leithid:

  • fios mu atharrachaidhean sam bith co-cheangailte ri poileasaidhean a’ BhBC, cleachdaidhean agus Cumhaichean Cleachdaidh
  • dearbhadh fhaighinn bhuat mu ghnìomh no mu sheirbheis air an do chlàr thu roimhe. Mar eisimpleir, ’s dòcha gun cur sinn fios a dh’innse nach deach do chunntas 鶹Լ a chleachdadh airson ùine. No ma dh’fhaoidhte mu bhith a’ cruthachadh cunntas chloinne
  • gus fios a chur thugad mu ìDz a chur thu fhèin thugainne, leithid aithrisean airson Latha School Report
  • gus freagairt a chur thugad nuair a tha thu air brath a chur thugainn, no brath a thilleadh mu bheachd no mu ghearain
  • gus fiathachadh a thoirt dhut pàirt a ghabhail ann an suirbhidhean mu sheirbheisean a’ BhBC, a tha an còmhnaidh saor-thoileach
  • airson adhbharan margaidheachd
  • gus brathan a chur thugad air d’ inneal ma tha thu air an taghadh nad sheataidhean

Cha chuir sinn brath thugad ach nuair a tha feum no far an tug thu cead dhuinn.

Chan iarr sinn d’ fhacal-faire airson do chunntas 鶹Լ uair sam bith.

CHUN A' MHULLAICH

 

8. An tèid fios a chur thugam airson adhbharan margaidheachd?

Mas e ’s gun dh’aontaich thu, cuiridh sinn thugad puist-d margaidheachd, brathan mu phrògraman agus seirbheisean a’ BhBC, agus iarraidh sinn do bheachdan mun a’ BhBC.

Cuimhnich, fiù ’s ged a chuireadh tu às dhan fo-sgrìobhadh, dh’fhaodadh sinn fhathast fios a chur thugad.

An tèid m’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh nuair a bhios am 鶹Լ a’ sanasachd le companaidhean eile?

Ma tha cunntas 鶹Լ agad ’s dòcha gun cleachd sinn fiosrachadh a th’ againn mud dheidhinn gus sanasachd sònraichte airson seirbheisean a' BhBC a shealltainn dhut tro làraich chompanaidhean leithid Facebook, Google, Snapchat no Twitter. Dh’fhaodadh seo sanasachd a thoirt dhut mun a' BhBC ma tha fios againn gu bheil cunntas 鶹Լ agad agus gu bheil thu air seirbheisean 鶹Լ a chleachdadh.

Far am bi sinn a’ dèanamh seo, bidh sinn a’ roinn do dhàta ann am fòrmat hashed le na solaraichean sin agus mar sin, far a bheil cunntas agad air an aon ùrlar, chì thu sanasachd bhon BhBC. Anns na suidheachaidhean sin, tha sinn a’ riaghladh ghnothaichean eadar sinn ri linn ‘s gu bheil sinn a’ dearbhadh nan adhbharan agus nan dòighean air d’ fhiosrachadh pearsanta a làimhseachadh eadar sinn.

Bidh sinn cuideachd a’ measadh feartan sònraichte nar luchd-cleachdaidh gus daoine eile a tha coltach riuthasan a lorg agus sanasachd a thabhann dhaibh.

Mura bheil thu airson sanasachd a tha ag amas ort fhèin a-mhàin fhaicinn, faodaidh tu roghainnean sanasachd a stèidheachadh nad sheataidhean air làraich chompanaidhean meadhanan sòisealta. Cuideachd, faodaidh tu pearsanachadh a chur dheth nad chunntas 鶹Լ.

CHUN A' MHULLAICH

 

9. Cuin a bhios am 鶹Լ a’ roinn m' fhiosrachadh pearsanta le daoine eile?

Cha reic sinn d’ fhiosrachadh gu bràth. Bidh sinn ga sgaoileadh sna dòighean a leanas:

a. Nuair a nì thu rudeigin poblach

Leithid beachd a chur a chì daoine.

b. Nuair a bhios sinn a’ cleachdadh chompanaidhean eile gus ar seirbheisean a ruith

Gus cothrom deagh sheirbheis a thoirt dhut agus tuigse fhaighinn air mar a bhios tu a’ cleachdadh ar seirbheisean, bidh sinn tric a’ cleachdadh chompanaidhean eile gus d’ fhiosrachadh pearsanta a làimhseachadh às ar leth. Mar eisimpleir, a’ cur puist-d thugad mu rudan a dh’fhaodadh còrdadh riut, airson do bheachdan fhaighinn air ar seirbheisean no measadh a dhèanamh air dàta gus ar seirbheisean digiteach a leasachadh.

Nì sinn cinnteach gun tèid an aon chùram a ghabhail le d’ fhiosrachadh pearsanta ’s a ghabhadh sinne nam biodh sinn fhèin a’ dèiligeadh ris. Tha sinn a’ taghadh chompanaidhean gu faiceallach, le cùram, a’ sgaoileadh dìreach na dh’fheumas iad airson na h-obrach agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ cumail d’ fhiosrachadh tèarainte.

c. Nuair a bhios sinn a’ sgaoileadh fiosrachadh pearsanta le companaidhean ann an teaghlach a’ BhBC

Dè a tha am poileasaidh seo a' gabhail a-steach?

d. Nuair a bhios tu a’ cleachdadh seirbheisean chompanaidh eile a bhios a’ ceangal rinn, leithid innealan guth-stiùirichte agus TBh ceangailte

Gheibh thu gu ar seirbheisean le bhith a' cleachdadh inneal guth-stiùirichte, leithid Amazon Alexa no TBh ceangailte. Feumaidh tu logadh a-steach gud chunntas 鶹Լ airson seirbheisean a' BhBC a chleachdadh air TBh ceangailte. Nuair a nì thu seo, sgaoilidh sinn aithnichear airson do chunntas 鶹Լ ris a' chompanaidh a bhios a’ ruith an t-seirbheis a tha thu a' cleachdadh. Thoir sùil air poileasaidh prìobhaideachd a' chompanaidh sin airson faighinn a-mach mar a chleachdas iad d' fhiosrachadh. Chan eil uallach air a' BhBC nuair a thèid thu gu seirbheis 鶹Լ tro chompanaidh eile. Tha an urra riut fhèin ma tha thu airson faighinn gu seirbheisean a' BhBC anns an dòigh seo.

e. Nuair a bhios sinn a’ dèanamh rannsachadh co-obrachail

Bidh sinn a’ rannsachadh agus a’ co-obrachadh le buidhnean eile. Bho àm gu àm bidh sinn a’ roinn ar stuthan is dàta leotha. Dh'fhaodadh seo gabhail a-steach fiosrachadh a chruinnich sinn mud dheidhinn fhèin. Tha sinn cùramach mu na bhios sinn a’ sgaoileadh agus na dh’fhaodas ar buidhnean rannsachaidh a dhèanamh leis.

f. Ceadachd Telebhisein

Bidh sinn a’ roinn cuid a dh’fhiosrachadh pearsanta le , gus dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh 鶹Լ iPlayer agus airson an stòr-data ceadachd ùrachadh agus a chumail ceart.

g. Uaireannan feumaidh sinn d’ fhiosrachadh a thoirt do bhuidhnean eile a rèir an lagh.

’S dòcha gu feum sinn d’ fhiosrachadh a sgaoileadh a rèir an lagh, no nuair a dh’fheumas sinn thu fhèin no daoine eile a dhìon bho chron.

CHUN A' MHULLAICH

 

10. Dè a tha eadar-dhealaichte dha clann ’s dha deugairean?

Tha seirbheisean aig a’ BhBC a tha càirdeil do chloinn agus do dheugairean.

Seo na bhios a’ tachairt nuair a bhios tu gan cleachdadh.

a. Carson a bhios sinn a’ cruinneachadh fiosrachadh mud dheidhinn sa chiad dol a-mach?

Bidh sinn a’ cumail fiosrachadh mud dheidhinn gus an tèid againn air:

b. Innsidh sinn dhut an còmhnaidh carson a tha sinn a’ cruinneachadh d’ fhiosrachadh pearsanta

Mìnichidh sinn carson agus ciamar a chleachdas sinn e agus dè cho fada. ’S e “fios prìobhaideachd” a th’ air an seo. Ma tha cead pàrant no neach-cùraim a dhìth oirnn bheir sinn stiùireadh soilleir dhut air dè a tha dhìth.

c. Chan eil e ceadaichte dhuinn d’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh ach airson adhbhar sònraichte

Ciamar is urrainn dhan a’ BhBC m' fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh?

d. Bidh sinn a’ roinn fiosrachadh pearsanta mud dheidhinn le buidhnean eile, a’ leantainn na riaghailtean

’S e a’ phrìomh riaghailt nach reic sinn d’ fhiosrachadh pearsanta gu neach sam bith.

Cuin a bhios am 鶹Լ a’ roinn m' fhiosrachadh pearsanta le daoine eile?

e. ’S dòcha gun iarr sinn d’ aois

Gus dèanamh cinnteach gun cleachd thu pàirtean dhen a’ BhBC a tha freagarrach. Mar eisimpleir:

  • gus nach fhaigh inbhich air beachdan fhàgail air bùird-brath chloinne
  • nuair a tha thu ag iarraidh cunntas 鶹Լ
  • nuair a tha thu a’ coimhead prògram, air 鶹Լ iPlayer mar eisimpleir, a tha rudeigin connspaideach

f. Uaireannan iarraidh sinn cead bho phàrant no neach-cùraim

Chì thu brath. ’S dòcha gun iarr sinn fiosrachadh bhuapasan cuideachd, ach am bi e comasach dhuinn fios a chur thuca. Aig amannan eile dh’fhaodadh sinn fios a chur dìreach gud phàrant no neach-cùraim:

g. Uaireannan cuiridh sinn fios gud phàrantan mu na tha thu a’ dèanamh

Mar eiseimpleir, ma chuireas tu a-steach airson farpais, 's dòcha gun cur sinn brath gud phàrant.

h. Nuair a dh’fhaodas sinn fios a chur thugad

Uaireannan bidh againn ri fios a chur thugad ach leanaidh sinn na riaghailtean seo gach turas.

i. Tha e furasta ar cleachdadh

Tha e na dhleastanas oirnn d’ fhiosrachadh pearsanta a chumail sàbhailte. Bidh sinn a’ toirt prìomhachas dha do shàbhailteachd nuair a bhios sinn a’ dealbhachadh ar seirbheisean. Tha sinn an còmhnaidh a’ lorg dhòighean seo a leasachadh.

Tha rudan ann is urrainn dhut fhèin a dhèanamh gus cumail sàbhailte, leithid smaointinn mun  agus mar a chumas tu d’ innealan tèarainte.

j. Chan e ròbotan ach mac an duine a nì co-dhùnaidhean mòra a bheir buaidh ort

Ciamar a tha m’ fhiosrachadh air a chleachdadh gus co-dhùnaidhean a dhèanamh?

k. ’S dòcha nach tèid agad air ar seirbheisean a chleachdadh ma tha thu air taobh a-muigh na RA

Ma tha thu air taobh a-muigh na RA ’s dòcha nach tèid agad air cuid de sheirbheisean fhaighinn, leithid C鶹Լ agus CBeebies.

Agus ’s dòcha nach bi e comasach dhut cunntas 鶹Լ fhaiginn. Duilich mun sin.

l. Tha smachd agadsa air mar a bhios sinn a’ cleachdadh cookies agus tracadh

’S e pìosan dàta a th’ air an stòradh air d’ inneal nuair a chleachdas tu seirbheis a th’ ann an cookies.

Bidh sinn a’ cleachdadh cookies agus tracadh airson fiosrachadh mu dè seòrsa inneal a tha thu a’ cleachdadh gus faighinn gu ar seirbheisean agus clàraidh sinn fios leithid na làraich air am bi thu a’ tadhal, do sheòladh IP (àireamh sònraichte a bhios d’ inneal a cruthachadh gach turas a nì thu ceangal chun eadar-lìon) agus airson gnothaichean a dhèanamh nas fhasa dhut, leithid cuimhneachadh far an robh thu ann an geama no dè an emoji a thagh thu.

Faodaidh tu cuid a chookies agus teicneòlas dhen leithid a chur dheth. No faodaidh do phàrant no do neach-cùraim seo a dhèanamh dhut ma tha thu fo 13.

Chan eil e comasach cookies eile a thionndadh dheth.

m. Na bhios sinn a’ dèanamh nuair a dh’fhoillsicheas, a sgaoileas no a luchdaicheas tu suas rudeigin

Nuair a chuireas tu rudeigin thugainn nì sinn ar dìcheall innse dhut dè tha sinn an dùil a dhèanamh leis.

n. Tha còraichean prìobhaideachd agad, co-ionann ri inbhich, mar sin cuir eòlas orra

Faodaidh tu:

Ma tha thu 13 no nas sine, faodaidh tu fhèin seo a dhèanamh, ach chan fhaod fad na h-ùine. Uaireannan bidh sinn ag iarraidh air do phàrant no do neach-cùraim a dhèanamh. Ma thu thu fo 13 tha e glè choltach gur e do phàrant no do neach-cùraim a dh’fheumas seo a dhèanamh dhut.

Dè na còraichean a th' agam?

CHUN A' MHULLAICH

 

11. Am faod mi m' fhiosrachadh a dhubhadh às?

Tha seo a rèir ’s dè am fiosrachadh air a bheil thu a’ bruidhinn.

a. Ma tha a’ bruidhinn mu chunntas 鶹Լ

Faodaidh tu do chunntas a dhubhadh às. Tha fiosrachadh do chunntas air a dhubhadh às sa bhad. Cuimhnich:

  • bidh sinn a’ cumail clàr air mar a chleachd thu ar seirbheisean, ach cha tèid an fhiosrachadh seo a cheangal riutsa
  • bidh sinn cuideachd a’ cumail rudan a luchdaich thu suas no air an tug thu beachd

b. Dè mu dheidhinn fiosrachadh eile a tha mi air a roinn leibh?

’S dòcha gu bheil sinn air fiosrachadh pearsanta eile a chruinneachadh aig nach eil ceangal sam bith rid chunntas 鶹Լ agus a tha thu airson a dhubhadh às.

CHUN A' MHULLAICH

 

12. Dè na còraichean a th' agam?

Cuimhnich, ’s ann agadsa a tha smachd air d’ fhiosrachadh pearsanta.

Tha còir agad:

Cuimhnich, aig amannan cha bhi e comasach dhuinn do chuideachadh. Ma tha e an aghaidh an lagh no ma tha e mar phàirt de ar seirbheis naidheachd mar eisimpleir.

CHUN A' MHULLAICH

 

13. Ciamar a bhios am 鶹Լ a' cleachdadh cookies is tracadh den leithid?

a. Dè th’ ann an cookies agus teicneòlas tracaidh?

’S e pìosan dàta a tha air an stòradh air do choimpiutair no d’ inneal mobile nuair a bhios tu a’ tadhal air làrach-lìn no app a th’ ann an cookies.

Tha fiosrachadh tracaidh eile a tha glè choltach againn cuideachd.

b. Carson a bhios sinn a’ cleachdadh cookies agus tracadh eile?

Gus rudan eadar-dhealaichte a dhèanamh:

  • airson cuimhne a chumail air fiosrachadh mud dheidhinn, gus nach bi feum agad air a thoirt dhuinn a-rithist. Agus a-rithist. Agus a-rithist
  • gus do chumail air do logadh a-staigh, fiù ’s air innealan eadar-dhealaichte
  • gus tuigse fhaighinn air mar a tha daoine a’ cleachdadh ar seirbheisean, ach am bi iad cho math sa ghabhas
  • gus sanasachd a chur air làraich air taobh a-muigh na RA
  • gus ar cuideachadh ann a bhith a’ pearsanachadh a’ BhBC le bhith cuimhneachadh air do sheataidhean agus do roghainnean. Agus gus do chuideachadh, a’ leigeil dhut stad agus an uairsin leantainn ort far an do stad thu a’ coimhead prògram, fiù ’s air inneal eadar-dhealaichte.
  • airson faighinn a-mach an deach ar puist-d a leughadh no ma tha iad feumail dhut

c. Dè na seòrsachan cookies a th’ ann?

Tha cuid de chookies daonnan air nuair a thadhalas tu oirnn, agus chan urrainn dhut an cur dheth mura tèid seataidhean do bhrobhsair atharrachadh. ’S e “cookies riatanach” a chanar riutha seo. Bidh sinn gan cleachdadh airson dèanamh cinnteach gu bheil ar seirbheisean ag obair ceart is gu bheil sinn a’ tairgsinn na tha an luchd-cleachdaidh ag iarraidh.

Cuideachd bidh sinn a’ cleachdadh cookies fuincseanach, coileanaidh agus sanasachd gus seirbheis nas fheàrr a thoirt thugad. Faodar an cur air no dheth aig àm sam bith mar a thogras tu. Thèid an cleachdadh a-mhàin ma dh’aontaich thu ris an sin.

Cuimhnich gu bheil cookies eile ann a bhios companaidhean eile a’ cleachdadh. Dh’fhaodadh na "cookies treas partaidh" seo tracadh mar a bhios tu a’ cleachdadh làraich eadar-dhealaichte, an fheadhainn againne nam measg. Mar eisimpleir, ’s dòcha gum faigh thu cookie bho chompanaidh meadhanan sòisealta nuair a tha cothrom air rudeigin a’ sgaoileadh. Faodar an cur dheth, ach chan ann tromhainne.

d. Dè cho fad ’s a mhaireas cookies?

Thèid cuid a dhubhadh às nuair a dhùineas tu am brobhsair air an làrach no air an app. Bidh cuid eile ann nas fhaide, uaireannan gu bràth, agus air an sàbhaladh gud inneal far am bi iad nuair a thilleas tu.

e. Ciamar a chumas mi smachd air cookies agus tracadh?

Bidh cookies riatanach air fad na h-ùine nuair a thadhlas tu oirnn. Gheibh thu fios mu na cookies eile againn a’ chiad turas a thadhlas tu oirnn, agus iarraidh sinn ort taghadh a dhèanamh air na cookies a dh'fhaodas sinn a chleachdadh. Faodaidh tu d’ inntinn atharrachadh uair sam bith le bhith ag atharrachadh do sheataidhean.

Le bhith a’ cur bacadh air cookies uile gu lèir, dh’fhaodadh nach tèid agad air cuid de sheirbheisean a’ BhBC fhaighinn, no nach obraich cuid mar a bu chòir.

Cleachd seataidhean d’ inneal airson smachd a chumail air tracadh.

CHUN A' MHULLAICH

 

14. Ciamar a gheibh mi fios mu atharrachaidhean air a’ phoileasaidh seo?

Uaireannan bidh sinn ag ùrachadh am poileasaidh a tha seo. Cuiridh sinn fios thugad ma nì sinn atharrachaidhean cudromach, leithid mar a bhios sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh pearsanta. Dh’fhaodadh gur e sanas, post-d no teachdaireachd san app a bhios ann.

Mura bheil thu ag aontachadh ri na h-atharrachaidhean seo, faodaidh tu sguir a chleachdadh ar seirbheisean, do chunntas a dhubhadh às agus stad a chur air a bhith a’ toirt fiosrachadh pearsanta dhuinn. Bhiodh sinn duilich nam fàgadh tu.

CHUN A' MHULLAICH

 

15. Ciamar is urrainn dhomh brath a chur chun a’ BhBC?

Faigh a-mach mar a chuireas tu fios thugainn mu do chòraichean.

Airson ceistean no beachdan sam bith mun phoileasaidh seo cuir brath gu ar Oifigear Dìon Dàta:

  • tro phost-d
  • tron phost: 鶹Լ Data Protection Officer, C/o DPO Team, Floor 6 C, London Broadcasting House, W1A 1AA

Ma tha thu air taobh a-muigh na RA, cuir fios gu 鶹Լ Studios Oifigear Dìon Dàta:

  • tro phost-d
  • tron phost: 鶹Լ Studios DPO, Regulatory Affairs, 1 Television Centre, 101 Wood Lane, London, W12 7FA

Tha sinn air ar riaghladh le  Faodar fios a chur thuca airson comhairle no taic.

CHUN A' MHULLAICH

 

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: