Air ùrachadh: 10 Am Faoilleach 2023
Feumaidh tu logadh a-steach air a’ chuid as motha de thelebhiseanan airson 鶹Լ iPlayer no 鶹Լ Sounds a chleachdadh. Bheir seo seirbheis nas pearsanta dhut, agus cuidichidh e sinne ann a bhith a’ dearbhadh gu bheil sinn a' dèanamh rudeigin dhan h-uile neach. Faigh a-mach tuilleadh mu carson a tha sinn ag iarraidh ort logadh a-steach.
Airson logadh a-steach, chan fheum thu ach:
- TBh le app 鶹Լ iPlayer no 鶹Լ Sounds an sàs
- D’ fhòn, tablaid no coimpiutair
- Cunntas 鶹Լ. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu chunntais 鶹Լ an seo.
Lean na ceumannan seo gus logadh a-steach tron TBh
- Fosgail app 鶹Լ iPlayer air an TBh agad.
- Tagh “Log a-steach”. Gheibhear seo ann an Seataidhean no le bhith taghadh “Log a-steach” sa bhàr-menu.
- Chì thu duilleag le stiùireadh agus còd. Bidh an còd 6 àireamhan a dh'fhaid.
- Air d’ fhòn, tablaid no coimpiutair, tadhal air
- Mar a bheil thu air logadh a-steach mar-thà air d’ fhòn, tablaid no coimpiutair, thèid iarraidh ort logadh a-steach gud chunntas 鶹Լ. Nach eil cunntas 鶹Լ agad fhathast? Brùth air “àaich” seach “Log a-steach”.
- Nuair a tha thu air logadh a-steach air d’ fhòn, tablaid no coimpiutair, thèid iarraidh ort logadh a-steach leis a’ chòd a tha ri fhaicinn air an TBh agad.
- Cuir an còd a tha air an TBh agad a-steach, an uair sin brùth “Dearbh” agus fuirich gus an ùraich an TBh agad. Cha toir seo ach mu 10 diogan.
- Bidh dearbhadh air an TBh nuair a tha e dèanta. An uair sin faodar d’ fhòn, tablaid no coimpiutair a chur gu aon taobh agus an TBh a choimhead.
Dè mur a bheil an còd ag obrachadh?
Dh’fhaodar rud no dhà fheuchainn:
- Dèan cinnteach nach eil ach aon neach a’ logadh a-steach leis a’ chòd. Chan obraich e ma dh’fheuchas dithis no barrachd ris an aon chòd a chleachdadh.
- Tha gach còd air leth agus a’ teireachdainn an dèidh 60 mionaid. Ma tha e air a bhith air sgrion an TBh airson còrr is 60 mionaid feumar “Air ais” no “Log a-steach” a bhruthadh air an TBh no còd ùr fhaighinn.
- Bu chòir 6 àireamhan a dh’fhaid a bhith anns a’ chòd. Dèan cinnteach nach eil e nas fhaide no nas giorra.
- Ma chì thu an teachdaireachd “Duilich, chan eil rudeigin ag obair an-dràsta. Feuch a-rithist.” tha sin a’ ciallachadh gu bheil trioblaidean teicnigeach againn. Feumaidh tu feuchainn a-rithist.
Tha trioblaid agam le mo chunntas.
Thoir sùil air na duilleagan seo airson taic a lorg mu chlàradh, mar a nì thu log a-steach, agus mar a dh’ùraicheas tu fiosrachadh nad chunntas.
Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhàin. Duilich mun sin.