Â鶹ԼÅÄ

Explore the Â鶹ԼÅÄ
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 03 An t-Iuchar, 2008 - Air fhoillseachadh aig 17:26 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Seachdainn eile, Ceannard eile
Ìý

Ìý
Ìý
Nicol Stephen
Tha triur na ceathrar am beachd seasamh son dreuchd a cheannard an àite Nicol Stephen
Bha a' chuid as motha de luchd-naidheachd air a dhol dhachaigh nuair a dh'fhoillsich Nicol Stephen gum biodh e a' leigeal dheth a dhreuchd mar cheanard nan Lib Demaich an Alba.

As dèidh trì bliadhna san obair, thuirt Mgr Stephen oidhche chiadain gun robh e airson barrachd ùine a chur seachad le theaghlach.

Chuir sin ioghnadh dhà-rìribh air an fheadhainn a bha an làthair.

Bha beachd ann gun do dh'fhàs Mgr Stephen gu math comasach ann an seòmar na pàrlamaid.

Chleachd e deasbadan gus ceistean a thogail mu na gealltanasan a rinn an SNP ron taghadh, mar fiachan nan oileanach agus mu chonnspaid Dhòmhnaill Thrump.

ÌýTha fios aig gach duine a tha an sàs ann am poileataics gun toir e buaidh air beatha a' theaghlaich
Ìý
Nicol Stephen BPA

Ach chuir Nicol Stephen roimhe gun robh an dreuchd a' toirt buaidh ro mhòr air a theaghlach - a bhean agus an ceathrar chloinne.

Nuair a chaidh a stèidheachadh, bha pàrlamaid na h-Alba gu bhith eadar-dhealaichte, le uairean-obrach a bhiodh freagarrach do theaghlaichean.

Ach bha aig Mgr Stephen taghadh eadar a dhreuchd agus a theaghlach.

"Tha fios aig gach duine a tha an sàs ann am poileataics gun toir e buaidh air beatha a' theaghlaich," thuirt e.

"Ach nuair a thèid e thairis air an sin, feumar rudeigin a dhèanamh."

Teaghlach

A' bruidhinn air prògram Radio nan Gàidheal, Airthis na Maidne diardaoin, thuirt am ball pàrlamaid Gàidhleach, Iain Fearchar Rothach, gu do thuig e carson a bha Mgr Stephen a' fàgail:

"Tha teaghlach mòr aige, a tha a' fuireach suas ann an Obar Dheathain, agus tha mi cinnteach gun robh e den bheachd nach robh seo ag obrachadh a-mach cho math 's a bha e ag iarraidh."

"Leis an sin, tha e den bheachd gu bheil an teaghlach a' tighinn air thoiseach air poileataics agus tha mi ag aontachadh leis na beachdan a tha sin."

ÌýTha e den bheachd gu bheil an teaghlach a' tighinn air thoiseach air poileataics agus tha mi ag aontachadh leis na beachdan a tha sin
Ìý
Iain Fearchair Rothach BPA

Bha Nicol Stephen na Leas-Phrìomh Mhinistear anns an riaghaltas mu dheireadh.

An dèidh mar a bhuannaich an SNP an taghadh 'sa Chèitean an uiridh, leig am prìomh mhinistear Seac MacConail, a dhreuchd-san seachad.

Chaidh Wendy Alexander na àite, ged nach do mhair ise fada.

Ach chuir Mgr Stephen roimhe fuireach mar cheannard as dèidh an taghaidh.

Aig an am, bha dùil gun deidheadh na Libearalaich Dheomacratach a-steach don riaghaltas ùr leis an SNP.

Ach dhiùlt iad sin a dhèanamh, ag ràdh nach robh iad deònach pàirt a ghabhail ann an riaghaltas a chumadh referendum air neo-eisimileachd.

Ach as dèidh mar a dh'iarr Wendy Alexander air an riaghaltas referendum a chumail cho luath 's a ghabhas, dh'fhaodadh sin tachairt co-dhiù.

Is dòcha gum bi sin a' fàgail feadhainn anns a' phàrtaidh a' ceasnachadh an e mearrachd a bha ann gun phàirt a ghabhail ann an riaghaltas Ailig Salmond.

Cò a-nis?

Ceithir là as dèidh Wendy Alexander fhàgail, bha na Libearalaich Dhemocratach a' sireadh ceannard ùr.

Tha an cùl-bheingear Mìcheal Rumbles, a sheas an aghaidh Mhgr Stephen an turas mu dheireadh, air a ràdh gun seas e a-rithist.

A-measg nan daoine eile a dh'fhaodadh a dhol na àite tha Tavish Scott, Ross Finnie agus Jeremy Purvis.

Cuiridh ceannardan a' phàrtaidh taghadh air dòigh a dh'aithgheàrr.

Thathar an dùil gum bi ceannard ùr aig na Lib Deamaich mus till a' phàrlamaid anns an t-Sultain.

Ach anns an eadar-ama tha dà phàrtaidh dhùbhlanaich aig Holyrood gun duine aig an stiùir.

Ìý
Ìý
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Cò a-nis?
30 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
An Latha Mu Dheireadh
27 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Beachdan Mòra - Beachdan Matha?
20 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
Taigh an Ã’rdugh?
13 An t-Ã’gmhios, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the Â鶹ԼÅÄ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý