Â鶹ԼÅÄ

Explore the Â鶹ԼÅÄ
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 30 An t-Ògmhios, 2008 - Air fhoillseachadh aig 10:38 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Cò a-nis?
Ìý

Ìý
Ìý
Wendy Alexander
Dh'fhàs Wendy Alexander searbh den dol-a-mach aig a' phàrlamaid.
Bha còir fios a bhith againn gun robh rudeigin fada ceàrr nuair a bha tèine anns a' Phàrlamaid oidhche Ardaoin.

Ruith sinn uile bhon phàrlamaid is fàileadh na toit a' tighinn suas staidhre tùr nam meadhanan.

An turas-sa cha deach cron sam bith a dhèanamh air an togalach fhèin.

Ach cha b' e sin an suidheachadh do Wendy Alexander - chaidh cròn a dhèanamh oirre agus cha ghabhadh a chàradh.

Bha comataidh nan inbhean air moladh gum bu chòir casg aon là a chur oirre, agus dà là as dèidh sin, bha i air a dreuchd a leigeal seachad.

Binn

Fhuair comataidh nan inbhean gun do bhris Wendy Alexander na riaghailtean 's i gun tabhartasan a fhuair i san iomairt aice airson cheannas a' phàrtaidh a chlàradh taobh a-staigh 30 latha.

Dh'aidich Wendy Alexander gun do bhris i na riaghailtean, ach thuirt i gun do dh'iarr i comhairle bho luchd-obrach na pàrlamaid a thuirt nach fheumadh i na tabhartasan a chlàradh.

Ach, nuair a dh'iarr i a' chomhairle seo, bha i air na riaghailtean a bhriseadh mar-thà, agus chuir a' chomataidh romhpa gur ann oirrese a bha an dleastanas, ge bith dè a' chomhairle a fhuair i bho na h-oifigearan.

Nuair a mhìnich a' chomataidh an co-dhùnadh aca, bha buill air fhàgail mar-thà is a' Phàrlamaid a' toiseachadh saor-laithean an t-samhraidh.

Dh'fhàg sin gun robh aig Wendy Alexander fuireach cho fada ris an t-Sultain mus bhòtadh buill air moladh na comataidh agus chur i roimhpe nach robh i deònach sin a dhèanamh.

Madainn Disathairne, dh'fhàg i a dreuchd.

Farpais

'S e a' cheist a-nis aig a' Phartaidh Làbarach ann an Alba, cò thèid na h-àite?

Dh'fhàg Wendy Alexander a dreuchd mar thoradh air airgead airson farpais nach do thachair agus tha feadhainn a' creidsinn gur e mearachd a bh' ann nach do sheas duine na h-aghaidh.

Tha an fheadhainn sin airson a' mhearachd sin a sheachnadh an turas-sa, agus aig toiseach na seachdain bha triùir no ceathrar a' beachdachadh a bhith nan tagraichean.

Thathar an dùil gun seas Anndra MacIlleChiar agus Iain Gray airson na dreuchd.

Bha an dithis aca roimhe nam ministearan, Mgr MacIlleChiar anns a' phàrlamaid mu dheireadh agus Mgr Gray anns a' chiad phàrlamaid, mus do chaill e an seat aige ann an 2003.

Thathar ag ràdh gu bheil Mairead Churren a' feuchainn ri faighinn a-mach a bheil taic gu leòr aicese mus cuir i roimhpe a h-ainm a chur air adhart.

Agus, air an deireadh sheachdain, thuirt leas-cheannard nan Làbarach aig Holyrood, Cathy NicSheumais, gum biodh farpais math don phàrtaidh, ged nach robh i cinnteach fhathast an seas i fhèin airson na dreuchd.

Riaghailtean

Mus tèid ainmeachadh - no a h-ainmeachadh - feumaidh taic a bhith aig ball bho chòignear bhall eile.

An uairsin, bidh bhòt aig buill a' phartaidh, buill phàrlamaid Westminster, Eòrpach agus Albanach, agus aig na h-aonaidhean ciùird agus buidheanan eile a tha ceangailte ris a' phàrtaidh.

Tha dùil gun tig clàr-ama am follais aig deireadh na seachdain.

Ged 's ann ann an dìomhaireachd a bhios buill àbhaisteach a' bhòtadh, thèid bhòtaichean aig buill phàrlamaid a chlàradh gu poblach.

Bidh e inntinneach fhaicinn ciamar a bhòtas Gòrdon Brown, ma bhòtas e idir.

Air an deireadh sheachdain, thuirt am Prìomh Mhinistear Làbaraich mu dheireadh, Seac McConnell, gu feum am partaidh Albannach ceannard Holyrood a thaghadh gun chuideam bho dhuine sam bith eile.

B' e fear dhe na trioblaidean as mòtha aig Wendy Alexander gun robh daoine a' smaointinn gun robh i fo smachd Ghòrdon Brown.

Agus, nuair a dh'fheuch i ris an t-slighe aice fhèin a chomharrachadh, mu referendum air neo-eisimileachd, cha d'fhuair i an taic a bha a dhìth oirre.

Cha bhi am prìomhaire airson 's gum bi e fada mus bi ceannard Holyrood ùr aig a' phartaidh Làbarach, is fo-thaghadh Westminster ron phartaidh ann an Glaschu an Ear.

Ach feumaidh am partaidh Làbarach an neach ceart a thaghadh às dèidh bliadhna dhuilich a bhith aca a' strì an aghaidh Ailig Salmond agus an SNP.

Ìý
Ìý
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the Â鶹ԼÅÄ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý