Â鶹ԼÅÄ

Explore the Â鶹ԼÅÄ
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 27 An t-Ògmhios, 2008 - Air fhoillseachadh aig 07:38 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
An Latha Mu Dheireadh
Ìý

Ìý
Ìý
Ceannard Albanach nan Làbarach, Wendy Alexander
Bha Wendy Alexander air a guth a chall air an là mu dheireadh
B' e seo an là mu dheireadh aig Pàrlamaid na h-Alba mus deach na buill air saor-laithean.

Agus bha cuid a' ceasnachadh am biodh an là mu dheireadh aig Wendy Alexander fad air falbh.

Bha ceannard nan Làbarach aig Holyrood air a guth a chall agus as dèidh a' chiad ceist bhuapa, thog Cathy Nic Sheumais na ceistean na h-àite airson nan Làbarach.

'S e seisean beothail a bha ann, ach 's urrainn tuigsinn gun robh inntinn Wendy Alexander an àite eile.

B' e an t-àite sin, seòmar comataidh 6, far an do thòisich comataidh inbhean na pàrlamaid coinneamh aig 1f.

Aig a' choinneimh sin, bha an seachdnar bhuill a' deasbud dè am peanas a chuireadh iad air Wendy mar thoradh air a' chonnspaid mu thabhartasan a ghabh i.

Dh'aidich Wendy Alexander gun do bhris i na riaghailtean as dèidh nach do chlàr i 10 tabhartasan taobh a-staigh 30 latha, gach fear mu £1000, son an iomairt aice airson cearnardais na buidhne .

Airgead, mar a thachair, nach robh a dhìth oirre, seach nach do sheas duine sam bith na h-aghaidh.

Thuirt Wendy Alexander gun do dh'iarr i comhairle mu na tabhartasan seo bho chlèirich na comataidh inbhean agus sgrìobh iad thuice ag ràdh nach b' fheudar dhith an clàradh.

Ach, nuair a dh'iarr i a' chomhairle seo bha an ùine anns am bu chòir dhi cuid de na tabhartasan seo a chlàradh air a dhol seachad mar-thà.

Chuir a' chomataidh romhpa diaciadain a dhol le beachd coimiseanear inbhean na Pàrlamaid, An Dr Jim Dyer, gun robh Wendy Alexander air na riaghailtean a bhriseadh.

Ach dh'aontaich iad fhagail gu diardaoin mus ruigeadh iad co-dhùnadh mun bhinn a rachadh a chur oirre.

Peanasan

A-measg nam peanasan a b' urrainn don chomataidh cur oirre, 'se gun deidheadh a cur às a' phàrlamaid airson greis.

As dèidh sin, dh'fheumadh a' phàrlamaid fhèin bhòtadh air moladh a' chomataidh.

Ach nuair a thàinig àm na bhòt aig 1455 cha robh a' chomataidh deiseal moladh a thoirt seachad, agus chrìochnaich bliadhna na pàrlamaid gun bhòt air Wendy Alexander.

Agus, mu 3f, dà uair as dèidh dhaibh tòisicheadh, dh'iarr a' chomataidh bàrrachd tì agus ceapairean.

°ä´Ç-»å³óù²Ô²¹»å³ó

Beagan ro 4f, chaidh na camarathan a chur a-staigh gu seòmar comataidh a 6 agus, ball as deidh ball, dh'innse a' chomataidh ciamar a bhiodh iad a' bhòtadh.

Bhòt 4 airson peanas a chur air Wendy Alexander an aghaidh 3 a bhòt nach bu chòir.

An uairsin, bhòt an 4 bhuill a bha airson a' peanasachadh gum bu chòir casg aon latha a chur oirre - air a' chiad diciadain as dèidh dhan a' phàrlamaid bhòtadh air a' chùis.

Dhiùlt an triùir bhuill eile bhòtadh air seo.

Mar as trice bhiodh a' phàrlamaid a' leantainn molaidh mar seo bho chomataidh.

Ach an turas-sa chan eil e cinnteach dè bhios a' tachairt.

Nam biodh buill pàrlamaid a bhòtadh mar bhòt na buill aca anns a' chomataidh - na Nàiseantaich agus na Libearalaich Dheomocratach airson peanais, na Làbaraich agus na Tòraidhean na aghaidh - bhiodh 63 bhòt air gach taobh.

An uairsin bhiodh aig an dithis bhon phàrtaidh uaine agus ris a' bhall neo-eisimileach Margo NicDhòmhnaill a chur romhpa dè thachradh ri Wendy Alexander.

'S coltach gum bi e glè fhaisg.

Ach càite a bheil seo a' fàgail Wendy Alexander?

Ge bi dè an dòigh anns a bhios a' phàrlamaid a bhòtadh anns an t-Sultain, 's e droch latha dhà-rìribh dhi a bha seo.

Feumaidh i feitheamh gu ruige an t-Sultain mus faigh i cothrom faighinn seachad air connspaid a tha air a bhith ga leantainn bhon a thòisich i na dreuchd.

B' urrainn dhi fuireach anns an dreuchd sin as dèidh bhòt na h-aghaidh - ach 's e ceist eile an urrainn dhi piseach a thoirt air a h-ìomhaigh ann an sùilean a' mhòr-shluaigh.

Ìý
Ìý
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the Â鶹ԼÅÄ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý