23/03/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 90
Duration: 05:05
Litir 90: GĂ idhlig ann an Aimeireaga a Tuath
Chaidh na Gaidheil gu iomadh cheà rnaidh ann an Aimeireaga a Tuath agus chaidh mòran aca am measg nan Innseanach Ruadha. Phòs cuid aca bean Innseanach agus tha na h-uibhir de dh’Innseanaich an latha an-diugh aig a bheil sinnsear a thà inig às a’ Ghaidhealtachd.
Ach dè an cà nan a bhruidhneadh an dà shluagh ri chèile? Tha fhios, uaireannan, gur e a’ Bheurla Shasannach a bh’ ann, neo seòrsa de Bheurla. Tha mi cinnteach, uaireannan, gun togadh na Gaidheil an cà nan Innseanach. Agus, uaireannan, bhiodh na h-Innseanaich ag ionnsachadh na Gà idhlig.
Chithear sin bhon sgeulachd a leanas. Ann an sgìre iomallach anns na beanntan, a bh’ air a cuairteachadh le coille, bha treubh de dh’Innseanaich. B’ iad an aon fheadhainn gheala a bh’ air a dhol nam measg – sealgairean Gaidhealach agus, gu dearbh, cha robh fios aig na daoine ruadha gu robh cà nan sam bith eile aig daoine geala ach a’ Ghà idhlig.
Latha a bha seo, nochd Sasannach nam measg. Bha e glè dhèidheil air dòighean tradiseanta nan Innseanach. Cha robh mòran aig an à m a bha a’ toirt for air gnothaichean mar sin, ach bha ùidh mhòr aigesan. Thòisich e air a dhol nam measg, leis an amas na faclan a bh’ aca airson diofar rudan a chlà radh. Ach cha robh Gà idhlig sam bith aige.
As dèidh greis, thachair e ri fear Innseanach anns a’ choille. Bha aodach tradiseanta air an Innseanach agus bha an Sasannach cianail fhèin toilichte coinneachadh ris. Thug e peann is pà ipear a-mach às a mhà ileid aige. Fhad ’s a bha e a’ dèanamh sin, mhothaich e do na brògan brèagha a bh’ air casan an Innseanaich. Bha iad air an dèanamh de leathar. Cha robh e air bròg dhen t-seòrsa sin fhaicinn ann an Sasainn a-riamh.
“What you call?” dh’fhaighnich e, agus e a’ comharrachadh nam bròg.
Choimhead an t-Innseanach air. Cha do thuig e facal de na thuirt an duine geal.
“What you call?” dh’fhaighnich an Sasannach a-rithist. “On feet, what name?”
Ghabh an t-Innseanach iongnadh nach robh e a’ tuigsinn facal de chainnt an duine ghil. Nam b’ e Gà idhlig a bh’ ann, b’ e Gà idhlig de sheòrsa annasach nach robh e air a chluinntinn a-riamh roimhe.
Chomharraich an duine geal casan an duine eile a-rithist le chorraig. Bha e deiseil le peann is pà ipear. Thuig am fear ruadh dè bha a dhìth air. “Mo chasan,” thuirt e. Thòisich am fear eil’ air sgrìobhadh.
“Again, please. Again, please. What you call?” thuirt an Sasannach. Bha e a’ sgrìobhadh air a’ phà ipear. Bha an t-Innseanach toilichte. Ged nach do thuig e fhèin am fear eile, feumaidh gun do thuig am fear eile esan. “Mo chasan,” fhreagair e.
“Thankyou. Thankyou.” Bha an Sasannach cho toilichte ’s a ghabhadh a bhith. Choimhead e air a’ phà ipear. Sgrìobhte air, bha am facal m-o-c-c-a-s-i-n. Agus ’s ann mar sin, a dh’aindeoin na chanas na h-eòlaichean mu dheidhinn cà nan nan Algonquianach, a chaidh ainm Gà idhlig a chur air na brògan leathair a tha na h-Innseanaich Ruadh’ a’ dèanamh chun an latha an-diugh. Moccasin.
Airson crìochnachadh an t-seachdain-sa, seo agaibh tòimhseachan.
Is à irde e na taigh an Rìgh
Is mìne e nan sìoda
Bheir mi am fuasgladh dhuibh an ath-sheachdain, agus chan innis mi breug sam bith an uairsin.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.