
16/03/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 89
Duration: 05:07
Litir 89: Cormac
An t-seachdain ’s a chaidh, dh’innis mi dhuibh mu òran a sgrìobh am bà rd, Uilleam Ros, anns an do dh’ainmich e an clà rsair Eireannach, Cormac. Cha chreid mi gu bheil fios aig mòran an-diugh cò bh’ ann an Cormac, ach bha tuigse aig an fheadhainn a bha a’ leughadh bà rdachd Rois aig an à m. Bha e aithnichte ann am beul-aithris, agus seo sgeulachd mu dheidhinn:
Mar bu dual do chlà rsairean Eireannach aig an à m, thà inig Cormac a dh’Alba, agus chuir e seachad ùine ann an taighean mòra nan ceann-feadhna. ’S ann mar sin a bhiodh iad a’ dèanamh am bith-beò – a’ cluich na clà rsaich agus a’ seinn airson nan uaislean, is uaireannan a’ sgrìobhadh òrain dhaibh. As dèidh greis, chaidh Cormac a Leòdhas far an d’fhuair e aoigheachd còmhla ri MacLeòid.
Ach, ged a fhuair e fhèin is MacLeòid air adhart ceart gu leòr, dh’èirich trioblaid eatarra. Bha nighean aig MacLeòid agus ghabh i fhèin agus Cormac trom-ghaol air a chèile. Ach cha leigeadh a h-athair leatha an clà rsair a phòsadh, agus chuir a’ chà raid romhpa teicheadh a dh’Eirinn.
Oidhch’ a bha seo, ghleus Cormac a chlà rsach. As deidh don a h-uile duine an suipear a ghabhail, thòisich e air fonn à raidh a chluich. Chuireadh e a h-uile duine a bha ag èisteachd ris fo phrà mh. Chluich Cormac airson greis agus an uairsin choimhead e mun cuairt air. Bha a h-uile duine na chadal, nam measg MacLeòid fhèin.
Chuir Cormac a chlà rsach an darna taobh agus tharraing e a-mach biodag fhada a bhiodh e a’ giulan còmhla ris. Dh’èirich e agus chaidh e a dh’ionnsaigh a’ chinn-chinnidh airson amhaich a sgoltadh.
Ach nuair a bha e faisg air, thà inig am mac a bu shine aig MacLeòid a-steach. Bha e air tilleadh bho bhith a’ sealg anns a’ mhonadh, agus chunnaic e an clà rsair faisg air athair, is biodag mhòr na là imh.
“A Chormaic, a Chormaic,” thuirt e. “Dè tha thu a’ dèanamh? A bheil thu air a dhol às do rian?”
“Chan eil,” fhreagair an clà rsair, “ach tha gaol agam air do phiuthar agus tha mi airson a toirt leam a dh’Eirinn. Cha toir d’ athair cead dhomh agus, leis a sin, feumaidh mi a cheann a thoirt far a bhodhaig.”
“Na dèan sin!” thuirt an gille. “Chan fhaod thu. Co-dhiù, chan eil math dhut a bhith cho dìleas sin ri mo phiuthar. Tha mìle òigh ann an Alba agus dh’fhaodadh tu do roghainn fhaighinn dhiubh, is a h-uile gin aca nas bòidhche na i.”
Smaoinich an t-Eireannach airson tiotan. An uairsin choimhead e air mac MhicLeòid. “’S e an fhìrinn a th’ agad,” thuirt e ris. “Thoir dhomh mo chlà rsach is gheibh mi cuidhteas gaol na h-òighe, do phiuthar, le bhith ga cluich.” Agus ’s e sin a rinn e.
Na chuid bhà rdachd, rinn Uilleam Ros coimeas eadar Cormac ’s e fhèin. Bha comas aig a’ chlà rsair leigheas fhaighinn airson tinneas a ghaoil leis a’ chlà rsaich. B’ e sin cumhachd a’ chiùil. Ach cha robh comas mar sin aig a’ bhà rd, agus cha b’ urrainn dha faclan a lorg, ann am Beurla neo Gà idhlig, a bheireadh toil-inntinn dha.
Ach, aig a’ cheann thall, cò chanadh nach iad na faclan as cumhachdaiche? Tha glè bheag a’ cuimhneachadh ceòl Chormaic an-diugh, ach bidh briathran is smuaintean a’ bhà ird tric far comhair, còrr is dà cheud bliadhna as dèidh a bhà is.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.