10/05/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 149
Duration: 04:31
Litir 149: Sin Mar a Bha
D猫 an ceangal a th鈥 ann eadar Leabhar Habacuic anns a鈥 Bh矛oball agus an catalog aig J D Williams trom biodh m貌ran air a鈥 Ghaidhealtachd uaireigin a鈥 ceannach aodach? Mmm. Ceist dhoirbh, is cinnteach. Uill, bha mi a鈥 leughadh leabhar o chionn ghoirid, a bh鈥 air a sgr矛obhadh leis an Urramach D貌mhnall Uilleam MacCoinnich 鈥 鈥淎s it Was 鈥 Sin Mar a Bha鈥, mu dheidhinn bliadhnaichean 貌ige ann an eilean Ulbha, l脿imh ri Muile.
Anns an leabhar, tha an t-霉ghdar ag innse dhuinn mu dheidhinn ministear anns an Eilean Sgitheanach a bha a鈥 searmonachadh turas. Dh鈥檌arr e air a鈥 choitheanal s霉il a thoirt air earrann de Leabhar Habacuic. Uill, chan eil anns an leabhar sin ach mu dh脿 dhuilleig, agus bha duilgheadas aig m貌ran anns a鈥 choitheanal a lorg am measg leabhraichean an t-Seann Tiomnaidh.
Thug iad 霉ine, a鈥 tionndadh duilleagan is a鈥 cur d脿il air an t-searmon, agus dh鈥檉h脿s am ministear m矛-fhoighidneach. Mu dheireadh, thuirt e, 鈥淎, nam b鈥 e leabhar J D Williams a bh鈥 ann, 鈥檚 fhada bhon a bha e air a bhith agaibh!鈥 Cha robh e fh猫in a鈥 saoilsinn m貌ran dhen chatalog sin!
Thachair mi ri Mgr MacCoinnich o chionn beagan bhliadhnaichean, nuair a bha mi a鈥 d猫anamh pr貌gram-r猫idio mu dheidhinn Ulbha, agus bha e ag obair air an leabhar aige aig an 脿m. Tha mi air leth toilichte gun deach a chur an cl貌, oir tha e gu math inntinneach agus tha e ag innse dhuinn m貌ran mu dheidhinn eilean snog a bha, tr脿th anns an fhicheadamh linn, cho Gaidhealach ri gin.
Tha m貌ran naidheachdan beaga anns an leabhar a ch貌rdas ri duine sam bith aig a bheil 霉idh ann an G脿idhlig. Mar eisimpleir, bha calmain aca a bhiodh a鈥 caoirean fad an l脿 agus bhiodh D貌mhnall 貌g a鈥 faighneachd de athair, a bha cuideachd na mhinistear, gu d猫 bha na h-e貌in ag r脿dh. Chanadh athair ris gur ann a鈥 bruidhinn ri ch猫ile a bha iad agus gu robh iad ag r脿dh, 鈥渃ha b鈥 ann de mo chuideachd thu.鈥 Ma chanas sibh sin tri tursan sreath ch猫ile gu luath, ch矛 sibh d猫 bha e a鈥 ciallachadh.
Agus nuair a bhiodh daoine ag ithe uighean, chuireadh iad sp脿in an toiseach ann an luath no salann. Bha beachd ann am Muile gu robh uighean cunnartach agus 鈥檚 d貌cha gun do dh鈥櫭╥rich an saobh-chr脿bhadh air s脿illeamh sin. Co-dhi霉, bha seanfhacal aca:
Ugh gun 矛m, gun luath, gun salann
鈥檔 ceann seachd bliadhna gun tig galar.
Is tha an t-霉ghdar ag innse seanfhacal eile, air am bi feadhainn agaibh e貌lach 鈥檚 d貌cha, co-cheangailte ris mar a ghuir cearc aca uighean tunnaig turas a bha seo. A dh鈥檃indeoin 鈥檚 nach robh a h-脿l coltach rithe idir, cha do ghabh a鈥 chearc dragh sam bith. Agus bha na h-iseanan fh猫in toilichte gu le貌r leantainn oirre mar gum b鈥 i am m脿thair - fhad 鈥檚 a bha an turadh ann.
Ach l脿 bha seo, bha i fliuch agus bha glumagan ann. Ged nach robh a鈥 chearc airson 鈥檚 gun rachadh na tunnagan beaga faisg air an uisge, cha b鈥 urrainn dhi stad a chur orra. Bha iad air an d貌igh glan, a鈥 plubadaich anns na glumagan. Agus 鈥檚 e an seanfhacal 鈥 th猫id dualchas an aghaidh nan creag. Th猫id dualchas an aghaidh nan creag.
Nuair a bha mi a鈥 d猫anamh a鈥 phr貌gram mu dheidhinn Ulbha, thachair mi ri fear eile a bha mion-e貌lach air an eilean agus aig an robh e貌las f矛or mhath air taobh siar Mhuile 鈥 Ruairidh MacN猫ill nach maireann. Innsidh mi dhuibh beagan mu dheidhinn-san an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.