17/05/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 150
Duration: 04:42
Litir 150: Ruairidh MacNeill
Nuair a bha mi e貌lach air, bha Ruairidh MacNeill nach maireann a鈥 fuireach anns an t-S脿ilean ann am Muile, ach rugadh is thogadh e ann an Gomastra, eilean beag air ceann a-mach Ulbha. Thogadh e le sheana-ph脿rantan agus, air s脿illeamh sin, bha G脿idhlig ghlan, bhr猫agha aige, agus bha e貌las s貌nraichte aige air dualchas na sg矛re.
Air l脿 grianach samhraidh, chaidh e fh猫in 鈥檚 mi-fh矛n a choimhead air seann choilltean n脿darrach ann am Muile, agus mi airson rud beag dhen e貌las aige air craobhan fhaighinn bhuaithe. Sheall e dhomh na craobhan calltainn, air am bi cnothan calltainn a鈥 f脿s. An l脿 an-diugh, cha bhi daoine a鈥 gearradh nan craobhan seo air ais mar bu ch貌ir agus, ann am Muile, chan eil na cnothan cho pailt orra 鈥檚 a b鈥 脿bhaist. Nuair a bha Ruairidh 貌g, bha iad air an gearradh air ais gu m貌r agus bhiodh an cinneas 霉r math airson boghachan 鈥 p矛osan fiodha a tha a鈥 l霉badh gu furasta. Bhiodh daoine ann an eileanan eile, gu h-脿raidh Tiriodh agus Uibhist, a鈥 faighinn fiodh mar sin 脿 Muile airson rudan mar chl猫ibh a dh猫anamh.
Bha d脿rna cinneas na craoibh uinnsinn uabhasach feumail cuideachd oir chan eil e cho bristeach ris a鈥 chiad chinneas, agus bhiodh na Muilich a鈥 cleachdadh a fiodha airson casan spaid, gr脿pa no 霉ird a dh猫anamh. Tha e furasta sgoltadh agus bidh e a鈥 losgadh fi霉 鈥檚 gun a bhith air a thiormachadh. Bhiodh Ruairidh a鈥 d猫anamh cipeanan de dh鈥檉hiodh na craoibh uinnsinn 鈥 鈥檚 e sin na p矛osan beaga fiodha a chumas ribe, no snare, anns an talamh. Bhiodh iad a鈥 cleachdadh nan ribeachan airson coineanaich a ghlacadh.
鈥橲 e craobh bhr猫agha a tha anns an leamhan agus bha i gu math feumail do mhuinntir an eilein. Bhiodh iad a鈥 gearradh p矛osan a bha l霉bte gu n脿darrach airson an cleachdadh ann am b脿taichean. Mar eisimpleir, thogadh iad ceann tobhta le bhith a鈥 cleachdadh fiodh l霉bte bhon chraoibh leamhain.
Uaireannan, ge-t脿, bhiodh na seann daoine a鈥 l霉badh fiodh iad fhein, mar eisimpleir airson s霉il a dh猫anamh ann an cliabh ghiomach. Ghabhadh iad geug 貌g bho chraobh sheilich agus bhiodh iad ga l霉badh lem be貌il, le bhith a鈥 b矛deadh an fhiodha. Dh鈥檌nnis Ruairidh dhomh gum faicear fhathast l脿rach fhiaclan ann an seann chl猫ibh. Is cinnteach gur e daoine aig nach robh fiaclan fuadain a rinn an obair sin! Bha an seileach cuideachd feumail airson feadag no f矛deag a dh猫anamh 鈥 an se貌rsa a bhios daoine a鈥 cleachdadh airson a bhith a鈥 d猫anamh fead air c霉.
Bha grunn se貌rsachan eile anns a鈥 choille 鈥 beithe, cuileann, darach 鈥 agus an caorann. Tha saobh-chr脿bhadh co-cheangailte ris a鈥 chraoibh chaorainn agus chan eil daoine uabhasach de貌nach an leagail. Cha bhi iad a鈥 losgadh gu math co-dhi霉, a r猫ir seanfhacal a dh鈥檌nnis Ruairidh dhomh: Teine caorainn is gaol ghiullan, cha do mhair iad fad鈥 a-riamh.
Am measg an fhiosrachaidh eile a thug Ruairidh MacN猫ill dhomh, tha cuimhn鈥 agam air aon rud gu h-脿raidh. Dh鈥檌nnis e dhomh gur e 鈥渃onnadh nam m猫irleach鈥 a bh鈥 aig na seann daoine air an droigheann dubh, air s脿illeamh 鈥檚 nach tig toit 脿s nuair a tha e ann an teine. Cha bhiodh fios aig daoine, mar sin, c脿it鈥 an robh campa nam m猫irleach. Agus, le g脿ire mh貌r, ged nach eil mi a鈥 d猫anamh dheth gu robh fios pearsanta aige air seo, thuirt e gur iongantach mura robh an dearbh fhiodh 鈥渁ir uisneachadh airson na poite duibhe anns a鈥 mhonadh鈥!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.