03/05/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 148
Duration: 04:42
Litir 148: Allt Gleann na Gaoithe
Halo a-rithist. Anns an Litir mu dheireadh, dh鈥檌arr mi oirbh tri ainmean-脿ite eadar-theangachadh gu Beurla. Tha mi an d貌chas gun deach agaibh air sin a dh猫anamh. Allt Gleann na Gaoithe an toiseach. Tha sin a鈥 ciallachadh the burn of the glen of the wind. Anns an ath-ainm, bha am facal faing. Ann an cuid de dh鈥櫭爄teachan, 鈥檚 e fang a chanas iad agus tha am facal air tighinn a-steach don Bheurla mar fank, co-dhi霉 ann an Alba. Faing a鈥 Ch霉irn Bh脿in 鈥 the fank, or sheepfold, of the white cairn. Agus, mu dheireadh, Meall Dubh na Saobhaidh: the black lump-shaped hill of the fox den.
Tha na h-ainmean-脿ite sin uile ann an taobh siar Rois agus, a bharrachd air beathaichean, tha m貌ran ainmean anns an sg矛re sin co-cheangailte ri lusan is craobhan. Anns an ochdamh linn deug bha na coilltean faisg air Ge脿rrloch ainmeil air feadh ceann a tuath na Gaidhealtachd agus, bho 脿m gu 脿m, bhiodh eileanaich, eadhon bho na h-eileanan a-muigh, a鈥 dol don sg矛re sin airson fiodh fhaighinn airson taighean a thogail. Cha b鈥 urrainn mullach a chur air taigh gun fhiodh.
Ann an seachd deug, ochdad 鈥檚 a c貌ig (1785) no mar sin, chaidh eathar l脿n fhear 脿 Mealasta ann an Sg矛re 脵ige, ann an taobh siar Le貌dhais, gu ruige Ros an Iar airson fiodh. Bha iad a鈥 tilleadh, a鈥 d猫anamh air Caolas na Hearadh, nuair a dh鈥櫭╥rich stoirm mh貌r. B鈥 fheudar dhaibh coimhead airson fasgadh air cladach an ear Na Hearadh no Le貌dhais. Mu dheireadh, fhuair iad air t矛r ann an 脿ite ris an canar am B脿gh Ciarach ann am f矛or cheann a deas Sg矛re na P脿irce ann an Le貌dhas.
Chan eil duine a鈥 fuireach anns a鈥 Bh脿gh Chiarach an-diugh ach, aig an 脿m sin, bha dh脿 no thr矛 teaghlaichean ann. Bha iad bochd agus, a r猫ir choltais, bha olc annta oir, an 脿ite cobhair a dh猫anamh air na maraichean, mar a dh猫anadh a鈥 mh貌r-chuid, 鈥檚 ann a mhuirt iad iad, gus am faigheadh iad greim air an cuid fiodha. A-rithist, a r猫ir beul-aithris, chaidh am murt le bhith air am bualadh air an cinn le clach aig bonn stocainn, agus chaidh an tiodhlacadh ann am boglach. Is thathar ag r脿dh gu bheil lusan annasach air a bhith a鈥 f脿s anns a鈥 bhoglach sin bhon uairsin.
Uill, cha do thill fir Mhealasta dhachaigh agus cha robh fios aig am mn脿than, thall ann an Sg矛re 脵ige, gu d猫 bh鈥 air tachairt dhaibh. As d猫idh greis, ghabh iad ris gu robh an eathar air a dhol fodha agus gu robh na fir uile marbh.
鈥橲 ann mar sin a bha e gu 鈥檚 t-samhradh air a鈥 bhliadhna as d猫idh sin nuair a bha t猫 de na mn脿than aig f猫ill-spr猫idh ann an Ste貌rnabhagh. Nise, tha d脿 sgeul ann mu dheidhinn na thachair. Tha cuid a鈥 cumail a-mach gum faca i geansaidh a rinn i fh猫in airson an duine aice air fear 脿 Sg矛re na P脿irce. Tha cuid eile ag r脿dh gur e gu robh cuideigin a鈥 reic plaidean, no plangaidean, anns an robh p矛osan beaga tartain, a dhearbh dhi gur ann leis na daoine 脿 Mealasta a bha iad.
Chan eil fhios a鈥檓 d猫 thachair do na murtairean. Ach uaireigin as d猫idh sin, nochd fear de na mairbh, fear Donnchadh, do bhean ann an aisling, agus ghabh e 貌ran dhi. Nuair a dh霉isg i, bha an t-貌ran air a bilean:
鈥橲 e nighean mo ghaoil an nighean donn 貌g,
Nam bithinn ri a taobh, cha bhithinn fo le貌n鈥
A bheil an sgeulachd f矛or? C貌 aige tha fios, ach 鈥檚 iongantach mura h-eil f矛rinn air choreigin innte.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.