28/06/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 156
Duration: 04:49
Litir 156: Caisteal Amhuinnsuidhe
Bidh fios agaibh gu bheil oighreachd Cheann a Tuath Na Hearadh air a’ mhargaidh an-drà sta. Tha Caisteal Amhuinnsuidhe mar phà irt dhen oighreachd, agus tha an t-uachdaran leis a bheil e, agus am fearann mu thimcheall, ag iarraidh co-dhiù ceithir gu leth millean not air an son. Tuigidh sibh, aig prìs mar sin, gu bheil cuid de mhuinntir Na Hearadh teagmhach mu dheidhinn an oighreachd a cheannach dhaibh fhèin. Air an là imh eile, tha feadhainn gu là idir dhen bheachd gur e rud math a bhiodh ann nan robh smachd aig a’ choimhearsnachd air an oighreachd air a bheil iad a’ fuireach. ’S e tìde a dh’innseas dè thachras.
Bha ceann a tuath Na Hearadh, agus Caisteal Amhuinnsuidhe, uaireigin ann an là mhan Bodach an t-Siabainn. B’ e sin am far-ainm a bh’ aig feadhainn, co-dhiù ann an Leòdhas, air a shon – Bodach an t-Siabainn – the soap-man. Am Morair Leverhulme. Anns an Litir seo, agus anns an dà litir a tha a’ leantainn oirre, bheir sin sùil air a’ Mhorair Leverhulme, agus mar a thug e buaidh air Leòdhas agus Na Hearadh. Agus aig deireadh ghnothaich, innsidh mi dhuibh dè an luach a bh’ air ceann a tuath Na Hearadh ann an naoi deug, is còig ar fhichead (1925). Cha robh e faisg air ceithir millean not.
Rugadh Uilleam Hesketh Lever ann an ochd deug, leth-cheud ’s a h-aon (1851) agus dh’èirich e gu bhith na cheannard air companaidh mhòr mhòr eadar-nà iseanta a bha stèidhichte, co-dhiù anns a’ chiad dol a-mach, air siabann. Ach chaidh e fada na b’ fhaide na sin agus bha Lever Brothers an sàs ann an iomadach seòrsa gnìomhachais. Agus anns na h-Eileanan an Iar, ’s e gnìomhachas stèidhichte air èisg na mara a bha fa-near do dh’Uilleam, am Morair Leverhulme mar a bh’ air aig an à m sin. Cha b’ ann anns Na Hearadh a thòisich e, ge-tà , ach ann an Leòdhas.
Cheannaich e Leòdhas agus Na Hearadh còmhla anns a’ Chèitean, naoi-deug is ochd-deug (1918) bhon uachdaran a bh’ ann roimhe, Donnchadh MacMhathain. Thuirt e an toiseach nach robh cà il fa-near dha ach à ite-fuirich snog a lorg am measg dhaoine air an robh spèis mhòr aige. Uill, bha sin anns a’ chiad dol a-mach. As dèidh greis, cho-dhùin e gum b’ urrainn dha Eilean Leòdhais a dhèanamh fada na b’ fheà rr na bha e, le bhith a’ stèidheachadh gnìomhachas mòr ann am baile Steòrnabhaigh. Bha e ag iarraidh Steòrnabhagh a dhèanamh na bhaile mòr mòr brèagha. Ach airson sin, shaoil e, bhiodh feum aige air tuathanasan taobh a-muigh a’ bhaile airson bainne a dhèanamh is a reic do luchd-obrach nam factaraidhean aige.
Gu mì-fhortanach dha, cha do thuig e eachdraidh an fhearainn anns na h-eileanan agus bha e airson na tuathanasan mòra, gu h-à raidh ann an Coll agus Griais, gu tuath air Steòrnabhagh, a ghlèidheadh, a dh’aindeoin ’s gu robh mòran de mhuinntir Leòdhais air a bhith ag iarraidh croitean a chruthachadh orra.
Uaireannan bidh daoine a’ smaoineachadh gur ann tro bhliadhnaichean dòrainneach a’ Chogaidh Mhòir a dh’èirich an t-iarrtas airson an fhearainn sin. Ach chan eil sin fìor idir. Mura
b’ e gu robh an t-uachdaran a bh’ ann roimhe cho mì-dheònach, bha Bòrd an Àiteachais air croitean a chruthachadh far an robh grunn thuathanasan, Griais nam measg, mus do thòisich an cogadh. Agus don fheadhainn a thà inig beò tron chogadh, cha robh duine sam bith a’ dol a chur stad orra bho bhith a’ faighinn fearann dhaibh fhèin. Bha a h-uile cà il deasaichte airson strì mhòr mun fhearann agus, ’s dòcha, strì mhòr airson cridhe Gaidhealach an eilein.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.