21/06/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 155
Duration: 05:07
Litir 155: Eileamaid cheimigeach air a bheil ainm GĂ idhlig
Halò a-rithist. Tha ceist agam dhuibh an toiseach an-diugh. Dè an eileamaid – tha mi a’ ciallachadh eileamaid cheimigeach – air a bheil ainm Gà idhlig – no leth-Ghà idhlig co-dhiù? Chan e hà idraidean no helium a th’ ann. Feumaidh sibh cumail a dol tro liosta nan eileamaidean. Innsidh mi dhuibh dè th’ ann aig deireadh na Litreach.
Air an deireadh-sheachdain sa chaidh bha mi a’ meòmhrachadh anns na beanntan. Uill, chan eil à ite nas fheà rr na sin airson a bhith a’ meòmhrachadh, a bheil? ’S e a bu mhò a bh’ air m’ aire, a bharrachd air bòidhchead an à ite, ceist mu chnuic is clachan. Gu mionaideach, dè a’ Ghà idhlig a chuireamaid air roche moutonnée?
Ma tha beagan Frangais agaibh, bidh fios agaibh gur ann às a’ chà nan sin a thà inig na faclan roche moutonnée, agus gu bheil iad a’ ciallachadh “clach chaorach”. ’S e a th’ ann clach mhòr, a chaidh a dhèanamh mìn le deigh ann an Linn na Deighe. Uaireannan bidh sgrìoban oirre a chaidh fhà gail le clachan a bha a’ gluasad leis an deigh. A’ coimhead air a’ chloich bho astar, tha i a’ coimhead car coltach ri caora. Mouton, ann am Frangais.
Cha robh cà il ann am Beurla airson a leithid agus ghabhadh a-steach am facal-iasaid bho na Frangaich, mar a ghabhadh avalanche agus cirque agus crevasse. Agus a’ Ghà idhlig coire cuideachd – a nochdas ann am Beurla mar corrie.
Ach feumaidh mi aideachadh nach cuala mi a-riamh Gà idhlig airson roche moutonnée. Cha robh na seann daoine a’ coimhead air clachan anns an aon dòigh ’s a tha luchd-saidheans an-diugh. Gu dearbh, bha ainmean à raidh air clachan fa leth agus ’s ann mar sin a tha e fhathast anns na beanntan far an robh mi. ’S aithne dhomh grunn chlachan ann a sin air a bheil ainmean, mar gum biodh, “pearsanta”, a tha ag innse sgeulachd mu eachdraidh na cloiche agus eachdraidh an à ite.
Chan eil sin a’ ciallachadh, ge-tà , nach eil faclan Gà idhlig ann a dhèanadh an gnothach nuair a tha sinn a’ bruidhinn air dìleab Linn na Deighe. Bha mi a’ campachadh gu h-à rd, faisg air loch ris an canar Loch nan Cnapan. Timcheall an locha, cha mhòr gu bheil talamh rèidh sam bith ann, oir tha e là n chnapan. Bha fear còmhla rium aig nach eil Gà idhlig agus dh’fhaighnich e dhiom, “Dè a’ Bheurla a th’ air cnapan?”
“Uill,” thuirt mi ris, “chanadh am faclair knolls no hillocks, ach saoilidh mi shuas an seo, leis gun deach am fà gail le abhainn-deighe, gur dòcha gur e drumlin am facal as fheà rr ann am Beurla.” Tha drumlin eadar-dhealaichte bho roche moutonnée leis gur e a th’ ann stuth – clachan – a chaidh a ghluasad bho à ite eile agus a chaidh a leigeil leis an abhainn-deigh.
Tha faclan eile ann cuideachd a sheasadh an à ite “cnapan”, leithid tomannan, tolmanan is tulaichean, ach anns an iar-thuath tha facal ann – mulcan – a tha a’ ciallachadh cnoc beag air a dhèanamh de chlachan a chaidh fhà gail le abhainn-deighe. Agus tha mi a’ dèanamh dheth gur e drumlin am facal Beurla as fheà rr a th’ ann mar eadar-theangachadh air mulcan.
An tuirt mi “facal Beurla”? Uill, tha am faclair Beurla agam ag innse dhomh gur ann à Gà idhlig na h-Eireann a thà inig drumlin, no co-dhiù a’ chiad phà irt dheth – bhon fhacal druim – air a bheil sinn fhèin gu math eòlach ann an Alba.
Agus mus dìochuimhnich mi, feumaidh mi tilleadh don eileamaid air a bheil ainm Gà idhlig. Strontium – a chaidh ainmeachadh airson Strontian neo Sròn an t-Sithein, ann an Loch Abair.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.