08/11/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 175
Duration: 04:38
Litir 175: Mamailean is eòin
Halò a-rithist. O chionn ceala-deug, an turas mu dheireadh a bha an Litir ann, thug mi rann dhuibh, agus dh’iarr mi oirbh obrachadh a-mach cò mu dheidhinn a bha i:
Trì mìosan cù, còig bho chaogad cat,
Is ionann bean is bò, bliadhna mhòr don each.
’S e a th’ ann an ùine a bhios gach beathach a’ giùlain à l, an ùine a bhios an fheadhainn òga anns a’ mhachlaig mus bi iad air am breith. Tri mìosan airson cù, còig bho chaogad là , sin ceathrad ’s a còig là , airson cat. Tha bean is bò co-ionann aig naoi mìosan agus tha an t-each a’ giùlain searrach airson bliadhna mus bi e air a bhreith.
’S e mamailean a tha sin ach feumaidh mi rà dh gur e eòin a th’ air a bhith nam inntinn an t-seachdain-sa. Thòisich e air an deireadh-sheachdain sa chaidh, nuair a chaidh mi a chèilidh air deagh charaidean agam aig a bheil croit air talamh à rd. Aig oir coille mhòir, faisg air a’ chroit aca, cha mhòr nach do stiùir mi mo charbad tro threud de dh’eòin bheaga a bha nan suidhe ann am meadhan an rathaid.
Bha mu cheathrad dhiubh ann agus nan robh mi air a bhith ag iarraidh feadhainn airson na poite, bha mi air mo chas a chur air troighean an luaiths, seach air troighean a’ chasgain, no troighean a’ bhreig. ’S e cearcan-tomain a bh’ annta. Partridges. Chuala mi as dèidh là imh gu bheil an t-uachdaran ag à rach nan cearc beaga seo airson sealg. Uill, ’s iad na daoine a bhios a’ sealg, tuigidh sibh. Bidh na cearcan-tomain dìreach .. uill .. a’ feitheamh ri peilear, fhad ’s a chì mise.
Co-dhiù, tha e a cheart cho math nach do mharbh mi gin aca, nach eil. Nach eil? Seadh, uill, goirid as dèidh sin, cha mhòr nach do bhuail mi ann an easag. Agus an uairsin easag eile. Bha mi toilichte nuair a rà inig mi taigh mo charaidean gun eòin is itean thairis air toiseach a’ charbaid!
’S e an rud eile a thug eòin gu m’ inntinn an t-seachdain-sa an naidheachd gu bheil piseach a’ tighinn air an traon. Chan e traon a chanas iad ris anns a h-uile h-à ite. Canaidh mòran ann an Siorrachd Rois garra-gart ris agus ann an Colasa, ’s e tearaidh-trèan a chanas iad. Bidh cuid ag rà dh trèan-ri-trèan. Mura h-eil sibh eòlach air gin aca sin, ’s e corncrake a th’ air ann am Beurla.
’S iad na h-eileanan air taobh an iar na h-Alba na h-à iteachan as cudthromaiche airson an traoin an là an-diugh ann am Breatainn – na h-Eileanan Siar, Tiriodh, Colla, Colasa – agus an t-eilean beag a tha ceangailte ri Colasa nuair a bhios trà igh mhòr ann – Orasa. Chuala mi o chionn ghoirid gu bheil an à ireamh dhiubh air a dhol suas anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh deich às a’ cheud. Deagh naidheachd as dèidh bliadhnaichean de chrìonadh.
Is tha dà ainm eile ann airson an eòin seo as toigh leam, oir tha iad a’ dèanamh tuairisgeul air an fhuaim a tha iad a’ dèanamh. Rudeigin mar …(fuaim)… Ann an Gà idhlig, ’s e rà cadh a chanas sinn ri fuaim mar sin. Agus canaidh cuid rà c an arbhair no rà c an fheòir ris. ’S ann ann an arbhar no ann am feur a tha iad a’ neadachadh agus ’s ann ainneamh a tha iad air am faicinn. Ach, bidh daoine gan cluinntinn, ceart gu leòr – uaireannan air an oidhche faisg air taigh-croite… (fuaim)... ’S dòcha gu bheil e a cheart cho math nach eil iad ann fad na bliadhna!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.