01/11/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 174
Duration: 04:50
Litir 174: Am Foghar
Saoilidh mi nach eil à m nas fheà rr anns a’ bhliadhna nan t-à m a th’ againn an-drà sta ann an Alba. Am Foghar. Uill, ’s dòcha am foghar. Gu h-eachdraidheil, bha am foghar a’ ciallachadh an à m dhen bhliadhna nuair a bhiodh daoine a’ buain an arbhair. Foghar an eòrna – the harvest of the barley, mar eisimpleir. Ach an là an-diugh, thathar a’ cleachdadh foghar mar a thathar ag rà dh ann am Beurla autumn, no ann an Aimeireagaidh a Tuath – the fall.
Ach an-drà sta, dhomhsa ’s e an Dà mhair, an t-à m dhen bhliadhna nuair a bhios na daimh a’ bùireadh, gu dearbh, nuair a bhios iad a’ dà ireadh. An damh-dà ir – an Dà mhair. Tuigidh sibh mar a thà inig an t-ainm gu bith. A-nise tha an Dà mhair co-ionann ri October ann am Beurla, ach am-bliadhna co-dhiù thòisich na dà imh air an dà ireadh air a’ mhìos sa chaidh – an t-Sultain.
Tha rudeigin ann mu dheidhinn a bhith a’ coiseachd ann am beanntan na h-Alba a tha gam thoileachadh gu mo chridhe. Tha e do-dheante sin a mhìneachadh do dhaoine nach eil measail air na beanntan, ach ’s ann mar sin a tha e. Ann an à ite iomallach, air falbh bho bhailtean is rathaidean, tha thu air do chuairteachadh, an dà chuid le bòidhchead nà dair agus le dualchas na Gaidhealtachd. Còmhla, uill, saoilidh mi gu bheil iad gu math cumhachdach.
‘Chan eil miann agam a bhith ann an à ite sam bith eile,’ shaoil mi, nuair a bha mi nam sheasamh air bruach locha, a’ coimhead air na boghachan-froise a’ falbh is a’ tighinn, agus na beanntan dorcha air an cùlaibh. Miann. Chan eil fhios a’m cia mheud agaibh a th’ air a bhith ag èisteachd ris na prògraman seo bho thòisich iad o chionn trì bliadhna gu leth ach, anns a’ chiad fhear, thug mi sean-fhacal dhuibh: ’S e miann na lacha an loch air nach bi i. Agus ’s e miann Ruairidh a bhith anns na beanntan. Dè miann dhaoine is bheathaichean eile, ma-thà ?
Seo dhuibh rann bheag a lorg mi o chionn ghoirid mu dheidhinn an dearbh ghnothaich a tha sin – na seachd miannan a tha a’ comharrachadh bheathaichean o chèile. A bharrachd air rud sam bith eile, tha i math airson an tuiseal ginideach ionnsachadh airson cuid de dh’fhaclan cumanta:
Miann mnà , mac;
Miann fir, feachd;
Miann eich, aonach;
Miann coin, sneachd;
Miann bà , braon;
Miann caorach, teas;
Miann goibhre, gaoth,
Air leathad caoin, cas.
Canaidh mi a-rithist e, gus am faigh sibh cothrom greimeachadh air na faclan gu ceart:
Miann mnà , mac;
Miann fir, feachd;
Miann eich, aonach;
Miann coin, sneachd;
Miann bà , braon;
Miann caorach, teas;
Miann goibhre, gaoth,
Air leathad caoin, cas.
Uill, tha fhios gun fhiach meòmhrachadh air a’ ghliocas a th’ anns na faclan sin. Gu h-à raidh an dà rna loighne – miann fir, feachd. Dh’fhaodadh tu rà dh, ’s dòcha, gur e miann na mnà a leigeas le fear a’ mhiann aigesan a bhith air a coileanadh. Co-dhiù no co-dheth, bu toigh leam ur fà gail an t-seachdain seo le rann eile – tòimhseachan. Innsidh mi an tòimhseachan dhuibh agus feumaidh sibhse obrachadh a-mach cò air a tha e a-mach. Seo e:
Trì mìosan cù, còig bho chaogad cat,
Is ionann bean is bò, bliadhna mhòr don each.
Canaidh mi a-rithist e.
Trì mìosan cù, còig bho chaogad cat,
Is ionann bean is bò, bliadhna mhòr don each.
Seadh, tha mi cinnteach gu bheil sibh a’ meòmhrachadh air. Fà gaibh mi agaibhse e agus bidh mi air ais, chan ann an ath-sheachdain air sà illeamh prògraman a’ Mhòid Nà iseanta, ach an ceann ceala-deug. Mar sin leibh an-drà sta.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Abairtean na seachdaine: saoilidh mi nach eil à m nas fheà rr anns a’ bhliadhna: I reckon there’s no better time in the year; nuair a bhiodh daoine a’ buain an arbhair: when people would harvest the corn; ann an Aimeireagaidh a Tuath: in North America; dhomhsa ’s e an Dà mhair: for me it’s the Dà mhair (the time of the rut); am-bliadhna co-dhiù thòisich na daimh air a’ mhìos sa chaidh: this year anyway the stags started last month; tha rudeigin ann a tha gam thoileachadh gu mo chridhe: there is something in it that pleases me to my core (heart); tha thu air do chuairteachadh an dà chuid le X agus Y: you are surrounded by both X and Y; a’ coimhead air na boghachan froise a’ falbh is a’ tighinn: watching the rainbows coming and going; dè miann dhaoine is bheathaichean eile?: what is the desire of other people and other animals?; miann mnà , mac: desire of wife, a son; miann fir, feachd: desire of man, a fighting force; air leathad caoin, cas: on a dry steep slope; gur e miann na mnà a leigeas le fear a’ mhiann aigesan a bhith air a coileanadh: that it is the desire of woman that allows a man to have his desire fulfilled (ie it is the sons who fight); còig bho chaogad cat: five from fifty (days), a cat; an ceann ceala-deug: in a fortnight from now.
Puing-ghrà mair na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.