06/12/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 179
Duration: 04:29
Litir 179: Is fheà rr a’ bhloigh bheag le beannachd...
An cuala sibh a-riamh an seanfhacal ‘Is fheà rr a’ bhloigh bheag le beannachd na a’ bhloigh mhòr le mollachd’? Canaidh mi a-rithist e: Is fheà rr a’ bhloigh bheag le beannachd na a’ bhloigh mhòr le mollachd. ’S dòcha nach eil sibh eòlach air na faclan sin gu lèir. ’S e a th’ ann am ‘bloigh’ bìdeag de rudeigin. Bidh fios agaibh dè th’ ann am ‘beannachd’. Agus ’s e a th’ ann am ‘mollachd’ – no ‘mallachd’ ann an cuid de sgìrean – rud a tha calg-dhìreach an aghaidh beannachd – a curse.
Ged is ann mar sin a chluinnear an seanfhacal mar as trice, bidh e a’ nochdadh uaireannan ann an seann sgeulachdan mar: Is fheà rr am bonnach beag leis a’ bheannachd nam bonnach mòr leis a’ mhollachd. ’S e a th’ ann am ‘bonnach’ – nà dar de chèic bheag a bh’ air a dèanamh, anns an t-seann aimsir co-dhiù, le min-choirce no min-eòrna.
Anns na seann stòiridhean, tha an seanfhacal seo mar as trice a’ nochdadh an toiseach mar cheist aig mà thair do ghille aice, agus e a’ fà gail an taighe airson a dhol a dh’iarraidh fhortain. Uaireannan ’s e an nighean aice a tha a’ falbh a dh’iarraidh a fortain. Ach co-dhiù, canaidh sinn gur e gille a th’ ann.
Bidh a mhà thair a’ tabhann biadh dha, agus i ag rà dh ris, ‘Dè b’ fheà rr leat – bonnach beag le beannachd no bonnach mòr le mollachd?’ Ann an cuid de na stòiridhean, bidh a’ chiad ghille a dh’fhà gas an taigh ag rà dh, “O, gabhaidh mis’ am bonnach mòr eadhon ma thig e le mollachd.’ Tha e sanntach is chan eil e glic. Agus cha tèid gnothaichean gu math dha air an t-saoghal a-muigh.
Uaireannan bidh dà rna mac ann agus bidh an dearbh cheist ga cur airsan le mhà thair: ‘Dè b’ fheà rr leat – bonnach beag le beannachd no bonnach mòr le mollachd?’ Freagraidh e anns an dearbh dhòigh, gum b’ fheà rr leis am bonnach mòr fiù ’s ged a bhios mollachd mhòr na chois. Agus, mar an ceudna, chan eil cùisean a’ dol gu math dha.
An uair sin thig an treas mac, agus e deiseil airson an taigh fhà gail. Cuiridh a mhà thair an dearbh cheist airsan ach tha esan nas glice agus ’s e an fhreagairt a th’ aige gun gabh e am bonnach beag le beannachd. Agus, leis gu bheil e a’ fà gail an taigh aige le beannachd, ged nach eil mòran bìdh aige, tha cùisean a’ dol gu math dha.
Tuigidh sibh an smuain a th’ air cùl an t-seanfhacail agus tuigidh sibh, ma-thà , mar a bha mi a’ meòmhrachadh air an t-seachdain sa chaidh nuair a dh’fhoillsich am ball pà rlamaid Albannach, Mìcheal Ruiseal, am bile aige airson còraichean a thoirt don Ghà idhlig. Tha e airson còraichean a thoirt dhi air a’ Ghaidhealtachd a-mhà in anns a’ chiad dol a-mach, leis gu bheil e dhen bheachd nach fhaigheadh e taic gu leòr anns a’ Phà rlamaid nan robh am bile a’ buntainn air Alba air fad. ’S dòcha gum biodh beannachd aige airson còraichean na Gà idhlig a sheasamh air a’ Ghaidhealtachd, ach gheibheadh e mollachd airson a leithid iarraidh anns an dùthaich gu lèir.
Ach tha mòran Ghaidheal an aghaidh sgaradh a dhaingneachadh anns an dòigh sin eadar Gaidhealtachd agus Galldachd an là an-diugh. Agus b’ fheà rr leothasan am bile a chur an dà rna taobh gus am bi fear ann airson Alba air fad. Dè ur beachd fhèin air a’ chùis? Am b’ fheà rr leibh fhèin bloigh bheag le beannachd no bloigh mhòr le mollachd? No, ann an cùisean mar sin, am b’ fheà rr dhuinn dìreach na seanfhaclan fhèin a chur an dà rna taobh?
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.