13/12/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 180
Duration: 04:47
Litir 180: Am fitheach a dh’èireas moch...
Bidh sibh eòlach air an t-seanfhacal ann am Beurla, ‘the early bird catches the worm.’ Uill, seo fear ann an Gà idhlig a tha car coltach ris, ged a tha e ’s dòcha beagan nas an-iochdmhoire: ‘Am fitheach a dh’èireas moch, ’s ann leis a bhios sùil a’ bheathaich a tha sa pholl’. Am fitheach a dh’èireas moch, ’s ann leis a bhios sùil a’ bheathaich a tha sa pholl.
Seadh, uill, tuigidh sibh gu bheil fithich gu math dèidheil air sùilean bheathaichean. Gu dearbh, tha seanfhacal eile ann mu dheidhinn sin: Cha toir am fitheach an t-sùil dha isean fhèin. Tha e cho dèidheil air an t-sùil is gun cum e dha fhèin i eadhon ma tha isean acrach anns an nead. Cha toir am fitheach an t-sùil dha isean fhèin.
Bidh fios agaibh, tha mi cinnteach, gur e a’ Bheurla a th’ air fitheach – raven. Tha an t-eun sin gu math ainmeil air feadh na Gaidhealtachd is, gu dearbh, tha e a’ nochdadh ann am mòran ainmean-à ite, leithid Creag an Fhithich agus Creag nam Fitheach. Is bidh fios agaibh gum buin an t-eun seo do na feannagan – eòin mhòra dhubha. Ach an urrainn dhuibh na diofar fheannagan aithneachadh o chèile – ann an dreach agus ann an cainnt? Uill, seo iad – gu h-aithghearr co-dhiù.
A’ chiad tè – sin a’ chathag dhearg-chasach. ’S e feannag bheag a th’ innte, le casan dearga agus gob dearg, agus chan eil i ri faicinn ann am mòran à iteachan ann an Alba an là an-diugh. Chunnaic mise feadhainn ann an Colasa agus Orasa. ’S e chough no chough a th’ air ann am Beurla. A’ chathag dhearg-chasach.
’S e eun eadar-dhealaichte a th’ anns a’ chathaig fhèin – an jackdaw mar a theirear rithe ann am Beurla. Tha i dubh ach a-mhà in air cùl a cinn agus air cùl a h-amhaich. Tha an ròcas cà irdeach dhi is tha ise gu tur dubh ach a-mhà in gu bheil i bà n timcheall a guib. Ann an Athall, chanadh na seann daoine ‘garrag’ ris an ròcas agus bha abairt aca – ‘cho Gaidhealach ris na garragan’.
’S e feannag a chanas sinn ris an eun dubh ris an canar carrion crow ann am Beurla agus canaidh sinn feannag ghlas ris an fheadhainn a tha glas agus dubh – na hoodies mar a theirear riutha ann am Beurla. Canaidh cuid starrag ris an eun seo. Agus aig deireadh na liosta tha am fitheach.
Sin iad ma tha – na feannagan: a’ chathag, a’ chathag dhearg-chasach, an ròcas, an fheannag, an fheannag ghlas agus am fitheach. Agus a-nise bu mhath leam rann bheag innse dhuibh air a bheil ‘Conaltradh nan Eun’ anns a bheil cuid de na feannagan a’ nochdadh. Tha am facal garrach a’ ciallachadh isean feannaig. Seo an rann agus saoilidh mi gum biodh e glè fhreagarrach do chloinn:
‘Fà g, fà g,’ ars’ an fheannag,
‘Is e mo mhac-s’ an garrach donn.’
‘Gòrach, gòrach,’ ars’ an ròcas,
‘Is e mo mhac-s’ an garrach gorm.’
‘Gròc, gròc,’ ars’ am fitheach,
‘Is e mo mhac-s’ a chriomas uain.’
‘Glidheag, glidheag,’ ars’ an fhaoileag,
‘Is e mo mhac-s’ an t-isean soirbh.’
‘Gliog, gliog,’ ars’ an iolair’,
‘Is e mo mhac-s’ an tighearna oirbh.’
Seo i a-rithist agus cuiridh mi na fuaimean ann gu ceart an turas seo.
‘Fà g, fà g,’ ars’ an fheannag,
‘Is e mo mhac-s’ an garrach donn.’
‘Gòrach, gòrach,’ ars’ an ròcas,
‘Is e mo mhac-s’ an garrach gorm.’
‘Gròc, gròc,’ ars’ am fitheach,
‘Is e mo mhac-s’ a chriomas uain.’
‘Glidheag, glidheag,’ ars’ an fhaoileag,
‘Is e mo mhac-s’ an t-isean soirbh.’
‘Gliog, gliog,’ ars’ an iolair’,
‘Is e mo mhac-s’ an tighearna oirbh.’
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine
Seanfhaclan na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.