24/01/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 186
Duration: 05:13
Litir 186: Cha dèan aon smeòrach samhradh
Thà inig deargan-sneachda don leas agam an là eile – no don ghà rradh agam, ma thogras sibh. Airson tiotan, shaoil mi gur e smeòrach a bh’ ann ach cha b’ e. Agus leis an fhirinn innse, ’s ann tearc a tha smeòraich anns an nà baidheachd agam co-dhiù. An turas mu dheireadh a bha tè anns an leas, chaidh a marbhadh le cat agus lorg mi dìreach pìosan dhith. Agus, co-dhiù, bhithinn an dùil tè fhaicinn as t-samhradh, seach anns a’ gheamhradh. Mar a tha an sean-fhacal ag rà dh, cha dèan aon smeòrach samhradh. Tha fhios gu bheil sin co-ionann ris an t-sheanfhacal Bheurla – one swallow does not a summer make. ’S e an aon seòrsa smuain ged is e eun eadar-dhealaichte anns gach cà nan. Cha dèan aon smeòrach samhradh.
Ach, bha an samhradh seachad o chionn fhada, agus ’s iad eòin a’ gheamhraidh a tha a’ nochdadh a-nise – feadhainn a tha a’ fuireach fad na bliadhna a-bhos an seo, agus feadhainn eile a bhios a’ tadhal oirnn aig an à m seo a h-uile bliadhna. Agus ’s ann aig an à m seo no beagan roimhe a chithear an deargan-sneachda airson a’ chiad turas – goirid mus bi an sneachd ann.
’S e a’ Bheurla a th’ air an eun seo – redwing. Chì sibh gu bheil am facal dearg cudthromach anns an dà chà nan oir ’s e sin an rud as mò a mhothaicheas tu nuair a chì thu an t-eun seo – gu bheil e dearg air a chliathaich agus aig bonn a sgiathan. Tha an t-ainm Beurla ag innse sin dhuinn, ach tha an t-ainm Gà idhlig ag innse barrachd. Deargan-sneachda – ’s ann tric a bhios sneachd air an talamh nuair a tha e a-bhos againn.
Mura h-eil sibh eòlach air an eun seo, nì mi tuairisgeul dheth dhuibh. Air mullach a chinn agus air a dhruim, tha e donn. Tha a ghob dubh-dhonn agus tha stiall bhà n os cionn a shùilean. Tha a sgiathan donn is dearg agus tha a bhroilleach bà n le breacadh dubh-dhonn air. Mura b’ e gu robh a sgiathan dearg, bhiodh e uabhasach coltach ri smeòrach. Gu dearbh, ’s e ainm eile air a shon – smeòrach an t-sneachda.
Buinidh an dà eun don aon ghnè de dh’eòin – na smeòraich – feadhainn a bhuineas don genus Turdus. ’S e an t-ainm saidheansail a th’ air an deargan-sneachda Turdus iliacus. ’S e a th’ air an smeòrach Turdus philomelos.
Ged a bhios an deargan-sneachda a’ neadachadh ann an Alba uaireannan, tha e nas cumanta ann an Lochlann is dùthchannan eile ann an ceann a tuath na Roinn Eòrpa. Bidh e ag ithe dearcagan – leithid an fheadhainn air a’ chraoibh-chaorainn agus air a’ chraoibh-iubhair. A bharrachd air sin, gabhaidh e beathaichean beaga mar bhaoiteagan, seilcheagan is pocannan-salainn. Agus, ann an ceann a tuath na Roinn Eòrpa anns a’ gheamhradh, leis gu bheil i cho fuar, bidh am biadh sin gu math gann.
Mar sin, bidh na h-eòin a’ dèanamh air Alba agus, ma dh’fhà sas i ro fhuar ann an seo, is mura h-eil biadh gu leòr ann, thèid iad gu deas airson greis, gus an till aimsir bhlà th an earraich.
Agus mar a thuirt mi, an seo air a’ Ghaidhealtachd, nuair a nochdas an deargan-sneachda airson a’ chiad turas anns an leas, faodaidh tu rà dh nach eil an sneachd fad-à s. Mar sin, leis gu robh mi a’ feitheamh cothrom na sgithean agam a chur air mo chasan am-bliadhna, bha mi air leth toilichte nuair a nochd e. Chuir mi fà ilte mhòr air. Dìreach là as deidh sin, thà inig frasan sneachda agus, nuair a dh’èirich mi anns a’ mhadainn, bha an talamh geal.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.