17/01/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 185
Duration: 05:20
Litir 185: Taileachd mac Cuilgeadain
Bha uaireigin, a reir beul-aithris, fear ann a bha a’ fuireach air eilean ann an loch no ’s dòcha anns an abhainn ann an Gleann Dochard ann am Braghad Albainn air an robh Taileachd mac Cuilgeadain mar ainm. Bha leannan-sìthe aige ach cha b’ esan an aon fhear aig an robh ùidh anns a’ bhoireannach bhrèagha a bha sin. Chuala Fionn mac Cumhail mu a deidhinn agus chaidh esan don à ite airson coinneachadh rithe. Bu mhòr a chord e ris a bhith na cuideachd.
Dh’fhàs an dithis fhear eudach mu chèile agus, gus nach biodh iad a’ sabaid air a son, chuir a’ bhan-sìthe farpais air dòigh eatarra – farpais lèim. Leum Taileachd bhon eilean gu talamh tioram air tir-mòr, agus rinn Fionn an dearbh rud, agus a cheart cho sgiobalta. An uair sin thuirt Taileachd, ‘Leumaidh mi a-rithist ach an comhair mo chùil an turas seo. Mura dean thu fhèin an aon rud, ’s e mi-fhìn a bhuannaicheas.’
Leum Taileachd an toiseach, agus rinn e an gnothach, an comhair a chùil. Ach nuair a leum Fionn, ’s ann a thuit e ann an uisge domhainn – suas gu amhaich. Mus d’ fhuair e cothrom faighinn a-mach, gheà rr Taileachd a cheann dheth. Theich Taileachd an uair sin le ceann Fhinn na chois gus an do rà inig e abhainn ann an Raineach far an do chuir e air stob e air tom faisg air à th ris an canadh daoine bho sin a-mach Àth Chinn.
Nuair a fhuair na Fianna, na gaisgich aig Fionn, lorg air a chorp, agus e as aonais a chinn, thug iad air falbh e agus thiodhlaic iad e aig ceann Loch Tatha ann an à ite ris an canar an-diugh Cill Fhinn. Chaidh iad an uair sin an tòir air ceann a’ ghaisgich agus lorg iad e aig Àth Chinn. Chuir fear aca corrag fo fhiacail ann an claigeann Fhinn – fiacail an eòlais – agus fhuair iad fios mar sin gu robh Taileachd am falach ann an uamh air Beinn Eallair. Chaidh iad don bheinn agus fhuair iad greim air.
‘A bheil thu a’ gabhail aithreachas airson Fionn a mhurt?’ dh’fhaighnich iad dheth. ‘Chan eil,’ fhreagair Taileachd, ‘mura gabh Goll aithreachas airson geur-leanmhainn a dhèanamh air Clann Chuilgeadain.’ Airson sin a rà dh, chaidh a là mh cheart a ghearradh dheth. Agus an uair sin a là mh cheà rr.
‘A bheil thu a’ gabhail aithreachas airson Fionn a mhurt?’ dh’fhaighnich na Fiann’ a-rithist. ‘Cha gabh mi aithreachas,’ fhreagair Taileachd, ‘mura gabh Goll aithreachas airson geur-leanmhainn a dhèanamh air Clann Chuilgeadain.’ Tharraing na daoine eile tè de chasan dheth an uair sin le clobha mòr iarainn agus phronn iad a chas eile le leacan cruaidh a thog iad far na beinne creagaich.
Agus chuir iad a’ cheist a-rithist. ‘A bheil thu a’ gabhail aithreachas airson na rinn thu air Fionn?’ Ach fhuair iad an dearbh fhreagairt bho Thaileachd agus loisg iad a shùilean le leann goileach. Chuir iad a’ cheist a-rithist agus, airson an turas mu dheireadh, dhiùlt Taileachd aithreachas a ghabhail. B’ e sin e. Chuir na Fianna an uair sin an cuid sleaghan tro chridhe Thaileachd.
Agus sin mar a fhuair Fionn mac Cumhail bàs ann an Gleann Dochard is mar a fhuair a mhurtair bàs air Beinn Eallair, is mar a fhuair Cill Fhinn ainm. Uill, a rèir beul-aithris co-dhiù. Ach ann an sgìrean eile, thathar a’ cumail a-mach gu bheil Fionn agus a chà irdean aircan tiodhlacadh acasan. Is tha cuid ag rà dh nach eil iad marbh nas mò, ach gu bheil iad dìreach nan suain, is iad a’ feitheamh cothrom èirigh a-rithist.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.