Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 217: Sruighlea

Bu toigh leam fàilte chrìdheil shònraichte a chur air feadhainn ùra a tha a’ leughadh Litir do Luchd-ionnsachaidh a-nise. Is iad cuid de luchd-leughaidh Observer Shruighlea, pàipear-naidheachd a tha a’ frithealadh na coimhearsnachd timcheall baile Shruighlea agus sgìre Chlach Mhanainn. O chionn ceala-deug thòisich an Observer air an Litir a ghiùlain.

Eadar an fheadhainn aig a bheil làn-chlaiginn de Ghàidhlig, an fheadhainn a leughas no a sgrìobhas i gun a bhith ga bruidhinn, no a thuigeas i a-mhàin, tha cha mhòr còig ceud duine ann an Sruighlea. A rèir a’ chunntais-sluaigh a chaidh a dhèanamh o chionn dà bhliadhna, ’s e am figear – ceithir cheud, naochad ’s a trì (493). Tha sin a’ fàgail gur e Sruighlea an naoidheamh coimhearsnachd dheug as mò ann an Alba, a rèir na th’ ann de luchd na Gàidhlig. Tha e nas mò na Grianaig, Dùn Omhain agus Inbhir Narann.

Agus chan e baile Shruighlea an aon àite anns an sgìre anns a bheil na h-uibhir aig a bheil an cànan. Ann an Albha, no Almhagh Mòr mar a chanas cuid, tha còrr is ceud gu leth ann, agus tha còrr is dà cheud gu leth anns an Eaglais Bhric.

Eadar Sruighlea, Albha, agus an Eaglais Bhreac, tha còrr is naoi ceud duine aig a bheil Gàidhlig ann an dòigh air choreigin. Agus chan eil mo chunntas a’ gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh no daoine ann am bailtean beaga eile. Co-dhiù, ge bith dè an uiread a th’ ann dhiubh, tha mi an dòchas gun còrd an Litir ris an fheadhainn a leughas i.

An e baile Gaidhealach no baile Gallda a th’ ann an Sruighlea, ma-thà? Agus a bheil na tiotalan sin a’ ciallachadh mòran an-diugh nuair a tha Gaidheil, agus luchd-ionnsachaidh a’ chànain, sgapte air feadh na dùthcha? Tha e inntinneach nuair a tha sinn a’ coimhead air ais air eachdraidh Shruighlea, oir tha e doirbh a bhith cinnteach an robh àm ann a-riamh nuair nach robh Gàidhlig air a bruidhinn ann.

Tha ainmean-àite a’ sealltainn dhuinn gu robh i air a bruidhinn o shean fad’ is farsaing ann am meadhan na h-Alba. Anns an t-seachdamh linn deug, bha làmh-an-uachdair aig a’ Bheurla ach, fiù ’s an uair sin, tha e coltach gu robh sluagh anns a’ bhaile a bhuineadh don Ghaidhealtachd. Gu dearbh, bha Comhairle a’ bhaile a’ gearain mu dheidhinn na bh’ ann de Ghaidheil bhochda a’ fuireach ann. Anns na h-ochdadan dhen t-seachdamh linn deug bha aig daoine bhon Ghaidhealtachd, a bha a’ tadhal air a’ mhargaidh ann an Sruighlea, ri bileag-cead a thoirt leotha fhad ’s a bha iad anns a’ bhaile.

Aig an àm sin, bha coimhearsnachdan ann an Siorrachd Shruighlea fhèin a bha gu math Gaidhealach. Bha iad air an taobh an iar – ann am Bochanan agus Druiminn – an dearbh sgìre anns an robh mi leis an Litir o chionn beagan seachdainean.

Tràth anns an naoidheamh linn deug, cha robh paraiste seach paraiste dhiubh sin air a chomharrachadh tuilleadh mar fhear Gàidhlig airson na h-eaglaise. Ach chan eil sin a’ ciallachadh nach robh Gàidhlig fhathast air bilean an t-sluaigh. Bha dualchainnt àraidh ann a bha beò airson ceud bliadhna eile agus, nuair a chaidh post ùr a dh’Obar Phuill aig deireadh an naoidheamh linn deug, ghabh e uiread gaoil air a’ chànan ’s gun do dh’ionnsaich e gu fileantachd i le taic bho mhuinntir an àite. Agus cò às a bha esan? Cò ach Sruighlea fhèin. Tha mi an dòchas gum bi feadhainn eile de mhuinntir a’ bhaile sin a’ dol cho fada ’s a chaidh esan air rathad brèagha na Gàidhlig.

Faclan na seachdaine

Faclan na seachdaine: fàilte chrìdheil shònraichte: a special warm (hearty) welcome; cha mhòr: almost; cunntas-sluaigh: census; na h-uibhir: plenty (of people); Albha, Almhagh Mòr: Alloa; an Eaglais Bhreac: Falkirk; a’ tadhal air: visiting; Bochanan: Buchanan; Druiminn: Drymen; fileantachd: fluency.

Abairtean na seachdaine

Abairtean na seachdaine: timcheall baile Shruighlea agus sgìre Chlach Mhanainn: around the town of Stirling and (the area of) Clackmannan; aig a bheil làn-chlaiginn de Ghàidhlig: who are completely fluent in Gaelic (lit. who have a full skull of it); a leughas no a sgrìobhas i: who read or write it (fem.); no a thuigeas i a-mhàin: or who just understand it; a rèir na th’ ann de X: according to the number/quantity of X in it (there); tha e nas mò na Grianaig, Dùn Omhain agus Inbhir Narann: it is bigger than Greenock, Dunoon and Nairn; anns an Eaglais Bhric: in Falkirk; chan eil mo chunntas a’ gabhail a-steach: my account does not include; ge bith dè an uiread a th’ ann dhiubh: regardless of how many of them there are; sgapte air feadh na dùthcha: scattered throughout the country; an robh àm ann a-riamh: was there ever a time; bha làmh-an-uachdair aig X: X had the upper hand; mu dheidhinn na bh’ ann de Ghaidheil bhochda: about the numbers of poor Gaels; bha aig X ri bileag-cead a thoirt leotha: X had to carry permits with them; cha robh paraiste seach paraiste dhiubh sin air a chomharrachadh: neither of those parishes was designated; nuair a chaidh post ùr a dh’Obar Phuill: when a new postman went to Aberfoyle; ghabh e uiread gaoil air a’ chànan: he developed such a love for the language; cho fada ’s a chaidh esan air rathad brèagha na Gàidhlig: as far as he went on Gaelic’s beautiful road.

Puing-ghràmair na seachdaine

Puing-ghràmair na seachdaine: Tha sin a’ fàgail gur e Sruighlea an naoidheamh coimhearsnachd dheug as mò ann an Alba: that means that Stirling is the 19th largest community in Scotland. You might do well to refer back to the puing-ghràmair in Litir 199 (11 April 2003) in which I explained that deug acts in counting cardinal numbers as if it were an adjective qualifying the noun (eg ceithir bric dheug for 14 trout). The same is true with ordinal numbers (in which an object is named as part of a series eg first, third, 19th). Coimhearsnachd is a feminine word, so we say, for example, an treas coimhearsnachd dheug, leniting the deug, as we would say coimhearsnachd mhòr, rather than coimhearsnachd mòr. Alternatively, we say an naoidheamh leabhar deug for the 19th book, leaving deug unlenited, as leabhar is a masculine noun.

Gnàths-cainnt na seachdaine

Gnàths-cainnt na seachdaine: gu robh i air a bruidhinn o shean fad’ is farsaing ann am meadhan na h-Alba: that she was widely spoken in the olden days in central Scotland. Fad’ is farsaing: far and wide (lit. long and wide).

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast