10/10/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 223
Duration: 05:03
Litir 223: Mèinne-iarainn ann an Ratharsair
Anns a’ bhliadhna naoi-deug is sia-deug (1916), thug atharrachadh anns a’ Chogadh Mhòr buaidh air obair na mèinne-iarainn ann an Ratharsair. Cha robh e furasta don chompanaidh a bha a’ ruith na mèinne, Bairds, an obair aca a dhèanamh air sgà th cion luchd-obrach. Cha robh muinntir an à ite pailt co-dhiù, agus leugh mi gu robh trithead ’s a sia dhiubh air falbh ann am feachdan na rìoghachd. Gu dearbh, chaidh fichead ’s a dhà dhiubh a mharbhadh.
Bha sin dona gu leòr ach, gu nà iseanta, bha cùisean duilich ann an naoi-deug is sia-deug (1916), oir ’s ann an uair sin a thòisich cogadh nam bà taichean-aiginn. Bha na bà taichean sin a’ cur fodha mòran de na soithichean-cargo a bha a’ toirt stuth a-nall a Bhreatainn à dùthchannan thall thairis. Agus am measg a’ chargo a tha sin, bha clach-iarainn a bhiodh air a toirt thar a’ chuain ann an cruth amh, agus an uair sin air a giollachd ann am Breatainn airson iarainn agus stà ilinn a dhèanamh.
Aig à m a’ chogaidh, bha iarrtas a bharrachd nan à bhaist ann airson iarainn – airson armachd is uidheamachd-cogaidh. Mar sin, chuir Ministrealachd na h-Armachd sgeama air chois airson tuilleadh iarainn is stà ilinn a dhèanamh bho chlach a bh’ air a mèinneadh ann am Breatainn. Ach ciamar a bha Bairds a’ dol a dhèanamh barrachd iarainn à clach à Ratharsair, mura robh luchd-obrach gu leòr aca?
Bheachdaich iad air mèinneadairean a thoirt a-nall à Portagal, às an Spà innt no à Nirribhidh ach, aig a’ cheann thall, shaoil iad gur e prìosanaich-chogaidh Ghearmailteach a b’ fhasa dhaibh. Sgrìobh fear de cheannardan na companaidh chun na Ministrealachd, ag rà dh gu robh trithead ’s a dhà taigh anns an eilean a ghabhadh cuairteachadh le uèir bhiorach, airson priosanaich a chumail nam broinn air an oidhche, agus gu robh fichead taigh falamh eile ann, anns am faodadh na geà ird a bhith a’ fuireach.
Dh’obraich Bairds a’ mhèinn as leth an Riaghaltais agus dh’aontaich an Riaghaltas riutha suas ri dà cheud prìosanach Gearmailteach a thoirt dhaibh airson obair a dhèanamh innte. Chaidh feachd bheag de dhusan saighdear a chur a Ratharsair airson smachd a chumail air na prìosanaich. B’ e an commandair aca fear air an robh “an Caiptean MacLeòid”, ged nach urrainn dhomh dearbhadh co-dhiù bha ceangal aige do Ratharsair. ’S dòcha nach robh. Bha e air a bhith na sgoilear aig Colaiste Fettes ann an Dùn Eideann.
Ach rinn na h-ùghdarrasan mearachd leis a’ chiad bhuidhinn de Ghearmailtich a thagh iad. Bha iad air a bhith nam maraichean còmhla air soitheach-cogaidh, am Blücher, anns a’ Chuan a Tuath, nuair a chaidh a cur fodha leis na Breatannaich anns an Fhaoilleach, naoi-deug ’s a còig-deug (1915). Nuair a chaidh na longan Breatannach a dh’ionnsaigh a’ Bhlücher airson cobhair a dhèanamh air na maraichean Gearmailteach, airson an togail far na mara, nochd plèana agus Zeppelin Gearmailteach os an cionn. Feumaidh gu robh an fheadhainn a bh’ air bòrd nan itealan dhen bheachd gur e soitheach Breatannach, seach Gearmailteach, a bh’ ann an èiginn agus thug iad ionnsaigh oirre. Cha deach a shà bhaladh ach dà cheud is seasgad (260) duine a-mach à còrr is mìle agus ceud.
Chaidh ochd duine deug de na maraichean sin a Ratharsair ann an naoi-deug ’s a sia-deug (1916), ach bha iad anns an eilean dìreach deich là . ’S e a bu choireach ri sin an t-eagal a bh’ ann gum biodh buidheann de mharaichean a bh’ air fulaing còmhla buailteach oidhirp a dhèanamh gus teicheadh thar na mara bhon eilean.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine: thug atharrachadh anns a’ Chogadh Mhòr buaidh air obair na mèinne-iarainn: a change in the Great War influenced the work of the iron mine. Tha X a’ toirt buaidh air Y: X has an effect/influence upon Y.
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.