17/10/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 224
Duration: 05:13
Litir 224: Prìosanaich-chogaidh Ghearmailteach ann an Ratharsair
Bha dragh air na h-ùghdarrasan gum feuchadh na prìosanaich-chogaidh Ghearmailteach, a bha ag obair anns a’ mhèinn-iarainn ann an Ratharsair ri linn a’ Chiad Chogaidh, ri teicheadh bhon eilean. Agus, gu dearbh, dh’fheuch feadhainn ri sin a dhèanamh. Aon turas, ghoid leth-dhusan dhiubh geòla air an oidhche, agus dh’iomair iad a-mach gu ruige bà ta mòr aig an robh einnsean, a bhuineadh do chompanaidh na mèinne. Ach bha fear a’ bhà ta air am maignìoto a thoirt dhachaigh leis, agus cha deach aig na Gearmailtich air an einnsean obrachadh.
Bha an oidhche garbh agus, a rèir choltais, cha b’ fhada gus an robh cur na mara air cuid de na prìosanaich. Feumaidh gur e saighdearan, seach maraichean, a bh’ annta. Co-dhiù, thug iad a’ gheòla air ais gu tìr, agus choisich iad gu tuath a dh’à ite air cladach an iar an eilein, far an do chuir iad seachad an oidhche.
Ach cha robh iad fad’ air falbh bho bhaile beag croitearachd air a bheil Bail’ a’ Chùirn agus chunnaic dithis chroitearan anns a’ bhaile sin toit a’ tighinn bhon chladach. Bha na Gearmailtich air teine a chuir thuige airson rabaid a ghlac iad a ròstadh. Uill, cha robh iad saor fada. Agus ged a dh’fheuch feadhainn eile ri teicheadh fhad ’s a bha iad ag obair anns a’ mhèinn, cha d’ fhuair aon duine dhiubh air falbh bhon eilean.
Ach bha an obair aca cruaidh agus cunnartach, agus chaill dithis phrìosanach am beatha anns a’ mhèinn. A bharrachd orrasan, agus na bu mhiosa na sin, chaochail dusan prìosanach eile as dèidh a’ chogaidh nuair a sgap a’ flù gu dona air feadh na Roinn Eòrpa.
Bha deagh chà irdeas eadar cuid de na h-eileanaich agus na prìosanaich. Gu dearbh, ghabh feadhainn truas ris na Gearmailtich oir cha robh mòran bìdh aca, agus bhiodh eileanaich a’ toirt biadh dhaibh gun fhiosta do na h-ùghdarrasan. Ach, mar a shaoileadh sibh, cha robh cùisean buileach rèidh, agus rinn cuid dhen luchd-obrach gearan gu robh an tuarastal aca ro ìosal agus gur iad na Gearmailtich a bha ga chumail sìos.
Chaidh ceistean a thogail ann an Taigh nan Cumantan mu dheidhinn anns a’ Ghearran, naoi ceud deug is seachd-deug (1917) agus chaidh coinneamh phoblach a chumail anns an eilean air an treas là dhen Mhà rt. Am measg na bha an là thair, bha Àrd-neach-lagh’ a’ Chrùin an Alba. A rèir aithris, bha a’ choinneamh gu math sradagach. A bharrachd air droch thuarastal, bha cuid de mhuinntir an eilein dhen bheachd nach robh iad a’ faighinn Cothrom na Fèinne a thaobh cosnaidhean anns a’ mhèinn, agus gu robh na prìosanaich-chogaidh a’ cluich spòrs air fearann a bhuineadh dhaibhsan. Bha na h-eileanaich ag iarraidh an fhearainn sin airson biadh fhàs dhaibh fhèin.
Air a’ cheathramh là dhen Dùbhlachd anns a’ bhliadhna sin, thà inig a’ chùis gu ceann, nuair a dhiùlt na h-eileanaich obair a dhèanamh anns a’ mhèinn. Bha iad air stailc aig an dearbh à m ’s a bha an rìoghachd an sàs ann an cogadh mòr. Chuir na h-eileanaich iarrtas gu stiùirichean na mèinne airson pà igheadh a bharrachd de dheich tasdanan gach seachdain agus airson tuilleadh fearainn dhaibh fhèin. Dh’iarr iad cuideachd gum biodh na mèinneirean a bhuineadh do dh’à iteachan eile a’ falbh dhachaigh, agus gum biodh na prìosanaich Ghearmailteach cuideachd air an cur a-mach às an eilean. Thill a’ chùis don phà rlamaid agus, an turas seo, ghabh am Prìomhaire, Lloyd George, pà irt anns an deasbad.
Bha a’ chùis a’ sìor theasachadh. Chaidh casaid a chur as leth stiùirichean na mèinne gu robh iad a’ cleachdadh prìosanaich-chogaidh airson an stailc a bhriseadh. Chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.