09/01/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 236
Duration: 04:56
Litir 236: Mapaichean a rinn Timothy Pont
Mo bheannachd aig Timothy Pont nach maireann, oir dh’fhà g e dìleab phrìseil às a dhèidh. B’ e Pont fear dhen luchd-tarraing mhapaichean a b’ ainmeile a bh’ againn a-riamh. Tha mapaichean a rinn e de mhòran sgìrean ann an Alba air an glèidheadh aig Leabharlann Nà iseanta na h-Alba ann an Dùn Eideann. Agus nas fheà rr na sin, gabhaidh a h-uile gin dhiubh faicinn air an eadar-lìon, air là rach an Leabharlainn Nà iseanta. Mo bheannachd acasan cuideachd airson goireas air leth a chruthachadh.
Tha mi a’ fuireach faisg air allt ann an Inbhir Nis air a bheil the Mill Burn ann am Beurla. Canaidh na Gaidheil Allt a’ Mhuilinn ris, ach bha mi a-riamh airson dearbhadh dè an t-ainm a bh’ air o shean. Eadar an taigh agam agus a’ mhuir tha an t-allt a’ sruthadh tro sgìrean ris an canar ann am Beurla Kingsmills agus Diriebught.
Uill, lorg mi e air map a rinn Timothy Pont faisg air deireadh an t-siathamh linn deug. Agus ’s e ainm Gà idhlig a bh’ air aig an à m – Allt Muileann an Rìgh. Cha robh guth air ainm Beurla aig an à m sin. Agus bha Diriebught sgrìobhte mar Deirbocht. Thathar a’ smaoineachadh gun tà inig sin à Doire nam Bochd.
Bha mi a’ coimhead air map a rinn Pont de Ghlaschu an là eile agus chunnaic mi Rutherglen, a bha na bhaile fa leth aig an à m. Bha e air a litreachadh Ruglan – RUGLAN – uabhasach coltach ris an dreach Ghà idhlig “Ruadh Ghleann”.
B’ e Timothy Pont mac a’ mhinisteir ainmeil, an t-Urramach Raibeart Pont. Cheumnaich Timothy à Oilthigh Chill Rìmhinn ann an còig ceud deug is ochdad (1580) agus tha e coltach gun do thòisich e air mapaichean a dhèanamh goirid às dèidh sin. Thathar a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e misneachd airson a’ phròiseict bhon obair mhòir aig Crìsdean Saxton ann an Sasainn – Atlas of England and Wales, a chaidh a chur an clò ann an còig ceud deug, seachdad ’s a naoi (1579).
Ach, leis cho beag ’s a bha sluagh na h-Alba, an coimeas ri Sasainn, cha bhiodh e furasta idir do Phont a chuid mhapaichean a reic aig prothaid. Gu fortanach dha, thug athair taic dha, an dà chuid airgead a fhuair e bho Eaglais na h-Alba ann an Dùn Eideann, agus le bhith a’ lorg coitheanal dha ann an Gallaibh, às an d’ fhuair e tuarastal.
Chan eil daoine buileach cinnteach mar a chruinnich Pont a chuid fiosrachaidh airson a mhapaichean ach tha e coltach gun do choisich e ann am mòran à iteachan. Thathar a’ smaoineachadh gun do chaochail e aig aois rudeigin òg agus gur ann sna bliadhnaichean mu dheireadh dhen t-siathamh linn deug a chaidh a’ chuid mhòr dhen obair aige a dhèanamh.
An là an-diugh, tha seasgad mapaichean tùsail aige air fhà gail againn agus, a bharrachd orra sin, dh’fhà g Pont là mh-sgrìobhainnean againn, le tuairisgeul sgrìobhte de phà irtean dhen dùthaich. Tha iad le chèile air leth prìseil. Nochd na mapaichean aige anns an Novus Atlas aig Joannis Blaeu ann an Amsterdam ann an sia ceud deug, leth-cheud ’s a ceithir (1654), agus chleachd am fear-mhapaichean Raibeart Gòrdan iad nuair a bha e fhèin ag ullachadh cà irtean-dùthcha de dh’Alba.
Agus, a’ tilleadh a dh’Inbhir Nis, ceud gu leth bliadhna ron bhlà r ainmeil, dè bh’ aig Pont air Cùil Lodair? Uill, ’s e Coulloddinn a bh’ aige, a’ sealltainn mar as e an t-ainm Beurla, Culloden, a tha nas coltaiche ris an ainm thùsail Ghà idhlig, seach dreach an ainm Ghà idhlig an là an-diugh. Adhbhar eile airson a bhith toilichte gun do rinn Timothy Pont a chuid obrach ainmeil o chionn ceithir cheud bliadhna.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.